Urram mòr anns na meadhanan air a bhuileachadh air fear SpreaG Fís

Agus crìoch ga cur air ullachadh air a’ chiad bhidio aig Spreag Fìs anns a bheilear a-mach air fear mòr Gaeilge Bheul Feirste, Gearóid Ó Cairealláin, tha am pròiseact air putadh fhaighinn le buileachadh an urraim as àirde ann am meadhanan na Gaeilge air an duine a stèidhich a’ chiad phàipear-naidheachd làitheil ann an Gaeilge.

Aig cuirm mhòr ann an Gaillimh o chionn ghoirid, chaidh Urram Mòr Conaltraidh an Oireachtais a bhuileachadh air Gearóid airson na rinn e fad a bheatha gus pròiseactan ann am meadhanan na Gaeilge leithid Là, am pàipear-naidheachd làitheil ann an Gaeilge, agus Radio Fàilte, stèisean-radio coimhearsnachd na Gaeilge ann am Beul Feirste, a leasachadh.

Ged a dh’èirich stròc do Ghearóid, a chumas ann an cathair-chuibhlichean e, tha e beothail fhathast agus e air chuairt an-dràsta leis an taisbeanadh-aonair aige, The Wheelchair Monologues.

Tha Gearóid mar chuspair don chiad bhideo Spreag Fís aig CeangalG a thathar a’ crìochnachadh an-dràsta!

Tha bhidiothan SpreaG Fís air am bonntachadh air òraidean glè shoirbheachail TED agus annta bidh sianar spreagail à Gàidhealtachd Choitcheann na h-Alba is na h-Èireann.