Rannsachadh ùr a’ sgrùdadh dùbhlanan a tha nochdadh a thaobh na meadhanan Gàidhlig

App nuachta i mBascais ag EITB

App naidheachan am Bascais – EITB

Co-dhiù ‘s e goireasan Basgais, dràma ioma-chànanach sa Chuimris no prògram air telebhisean ann an Astràilia ann an cànanan dùthchasach a tha ann, ‘s e an dùbhlan as motha a tha a’ tighinn air luchd-obrachaidh nam meadhanan ann am mion-chànanan seach gainnead chothroman mar a tha air a bhith ann bhos shean ach an dòigh as fheàrr gus rianachd air na cothroman a’ leudachadh air teicneòlas ùr sna meadhanan gus buannachd a thoirt do phoball a’ chànain.

Is e sin an co-dhùnadh a ghabh eòlaiche nam meadhanan an t-Oll Mìcheal MacCarmaig ag Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, anns an rannsachadh ùr aige, Ag Ionnsachadh bhon Fheadhainn as Fheàrr, a chaidh a ghabhail os làimh fo chùram CheangalG, pròiseact air a mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa a bheir coimhearsnachdan na Gàidhlig agus na Gaeilge còmhla.

Anns an rannsachadh tha an t-Oll MacCarmaig a’ lorg nan cleachdaidhean as fheàrr ann am mion-chànan air feadh na cruinne.

“Thug an rannsachadh air chuairt mi air feadhainn de na pròiseactan as inntinniche sna meadhanan air feadh an t-saoghail,” thuirt an t-Oll MacCarmaig. “Tha tòrr a tha na thogail-inntinn air feadh na cruinne nuair a smaoinicheas tu air na cothroman a bheir teicneòlas is meadhanan ùra do mhion-chànanan a tha air a bhith gann de chothroman o chionn fhada gus stuth a bhuineas do na coimhearsnachdan aca fhèin a chur an làthair.”

Mus do ghabh e an rannsachadh os làimh bha aig an Oll MacCarmaig ri gnothach a ghabhail ri caochladh cheistean an lùib nam meadhanan ann am mion-chànanan. B’ e a’ phrìomh cheist a bh’ ann ged a tha na meadhanan gan caitheamh san ùine ghoirid mar as trice, mar eisimpleir ann am prògram fad leth na h-uarach air telebhisean, agus gur h-e an cleachdadh as fheàrr a th’ ann soirbheachadh a mheas leis a’ bhuaidh air gleidheadh a’ mhion-chànain, gun robh aige ri rèiteach eadar an dà raon-ama seo obrachadh a-mach.

Nì eile a bh’ aige ri chur san àireamh, b’ e mar a thathar a’ gabhail breitheanais air mion-chànanan a rèir nan cànanan mòra mar as trice agus ged a dh’fhaodadh measadh air na bhios a’ soirbheachadh ann an suidheachadh mion-chànain feumail, tha suidheachaidhean eile far nach eil e a’ bualadh air a’ chùis.

Anns an rannsachadh aige, tha an t-Oll MacCarmaig air trì cinn fharsaing a shocrachadh airson nan suidheachaidhean a chaidh a sgrùdadh. Ghabh e beachd an toiseach air tionnsgnaidhean gus taic a chur ri ionnsachadh-cànain, an uair sin seòrsaichean phrògraman agus, san dealachadh, dòighean gus cur ri luchd-amhairc.
Ged a tha sinn a’ fàs nas eòlaiche air na tha ceangailte ri Smart TV, ann an Hawaii tha na telebhiseanan ùra eadar-ghnìomhach seo gan cleachdadh gus taic a chur ri teagasg Hawaiian tro stèisean-telebhisean ann an cànan dùthchasach le taic bho Oceanic Time Warner Cable.

Thug obair an Oll MacCarmaig gu tràighean geala Hawaii an uair sin e agus crìochan fuara Lochlainn far an tàinig e air pròiseact a bheir na naidheachdan seachad ann an cànanan nan Sami bho Nirribhidh thairis air an t-Suain gu leth-innis Kola ann an ceann iar-thuath na Ruise . Ciamar a ghabhas na meadhanan cleachdadh gus na coimhearsnachdan sgapte Sami seo a thoirt còmhla? Is e am fuasgladh a th’ ann na naidheachdan gan craoladh fad cairteal na h-uarach le NRK ann an Norway, SVT san t-Suain agus YLE san Fhionnlainn. “Ged nach eil prògram naidheachdan fad cairteal na h-uarach suaicheanta ann fhèin, is e na tha ga fhàgail sònraichte is e an dòigh san tàinig an triùir chraoladairean nàiseanta còmhla.”

Is tric bheirear tarraing air suidheachadh nam Basgach mar aonan de na h-eisimpleirean as fheàrr de mheadhanan soirbheachail ann am mion-chànan ged a tha e doirbh aig amannan Euskara a mheas mar mhion-chànan agus còrr is 714,000 neach ga labhairt, agus a’ chuid as motha dhiubh a’ fuireach ann an Coimhearsnachd Neo-eisimeileach Thìr nam Basgach ann an ceann a tuath na Spàinne le àireamh nas lugha thairis air na Pyrenees anns an Fhraing. Tha prìomh chraoladair nam Basgach, EITB, air inneal-naidheachdan coileanta a chruthachadh a bheir cothrom air ìre fharsaing de na bhios e a’ cur a-mach – prìomh naidheachdan, spòrs, luchdachadh a-nuas, agus struthan de shusbaint air telebhisean. Tha an t-susbaint seo ri faotainn ann an ceithir cànanan – Basgais, Spàinnis, Fraingis agus Beurla.

Is e na th’ ann an Ceangal G pròiseact air a mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa air a bheil Oilthigh na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig an ceannas. Is e na prìomh chom-pàirtichean ann Údarás na Gaeltachta agus Cultúrlann McAdam Ó Fiaich Bheul Feirste. An-uiridh fhuair e maoineachadh de cha mhòr €1m bho Interreg fo chùram Buidheann Prògraman Sònraichte na h-Eòrpa (SEUPB).