Poileasaidhean – Prìobhaideachd agus Eile

POILEASAIDH CUCAIDHEAN

DÈ THA ANN AN CRIOMAGAN?

‘S e faidhle beag a tha ann an criomag, a tha ag iarraidh ort cead a thoirt seachad a chur air diosg cruaidh a’ choimpiutair agad. Nuair a tha thu air aontachadh, thèid am faidhle a chur ann, is bidh a’ chriomag a’ cuideachadh ann a bhith a’ sgrùdadh trafaig lìn no innsidh e nuair a tha thu a’ tadhal air làrach-lìn shònraichte.

Bidh criomagan a’ ceadachadh phrògraman-lìn a bhith do fhreagradh mar neach fa leth. Cha bhith criomag idir a’ tabhann cothrom air a’ choimpiutair agad no a’ toirt seachad fiosrachadh mu do dheidhinn, seach dàta a tha thu airson a roinn co-dhiù.

Gabhaidh smachd a chumail air criomagan tro shuidheachaidhean a’ bhrobhsair agad.

CIAMAR A CHLEACHDAS SINN CRIOMAGAN?

Bidh sinne a’ cleachdadh trì diofar sheòrsaichean de chriomag:

Criomagan a chleachdas am bathar-bog-lìn againne airson obrachadh gu ceart

Bidh na h-ainmean a’ tòiseachadh wp_. Mar eisimpleir, is dòcha gun cuimhnich sinn air na duilleagan mu dheireadh air an do thadhail thu gus an urrainn dhuinn do thoirt air ais (nuair a tha feum) gu sgiobalta ma bhios tu a’ lìonadh foirm, no ma dh’fhaodte gun stèidhich sinn criomag airson ‘s gum bi fios againn dè cho fada is a bu chòir dhuinn fiosrachadh a ghleidheadh dhut.

Criomagan a bheir cothrom dhuinn fiosrachadh a thional airson ar làrach-lìn a dhèanamh nas fheàrr

Mar eisimpleir, criomagan a tha a’ sgrùdadh trafaig lìn (cleachdaidh sinn Google Analytics, ainmean chriomagan a’ tòiseachadh le __utm) no criomagan airson ar fios air ais agus mion-inneal dhuilgheadasan (ceangailte ri bugherd.com)

Criomagan meadhanan

Bidh an cluicheadair-bhideo a chleachdas sinn a’ cur chriomagan air dòigh airson rudan a chuimhneachadh – ìre fuaim, mar eisimpleir – no airson bhideo a chaidh a chluich a chlàradh. Tha na criomagan seo ceangailte ris an raon vimeo.com

DÌON DÀTA

Bidh CeangalG a’ cruinneachadh is a’ cleachdadh fiosrachaidh mu dhaoine ris am bi e a’ dèanamh conaltraidh. Feumar gnothach a ghabhail ris an fhiosrachadh seo gu ceart agus gu sàbhailte ge b’ e dè an dòigh san tèid a chruinneachadh, a chlàradh agus a chleachdadh agus tha dòighean gus seo a dhìon ann an Achd Dìon an Fhiosrachaidh 1998.

Tha CeangalG a’ measadh làimhseachadh laghail is ceart de dh’fhiosrachadh pearsanta mar nì glè chudromach a thaobh dèanadas soirbheachail is èifeachdach a chuid obrach agus gus misneachd an luchd-dhèiligidh aige a chumail. Gus seo a dhèanamh, tha CeangalG a’ cuideachadh agus a’ cumail gu h-iomlan ris na Prionnsapalan mu Dhìon Dàta mar a thathar gan cur am follais ann an Achd Dìon an Fhiosrachaidh 1998.