A’ Dol Chun a’ Mhargaidh

Cothrom air Cruthan agus Cur-an-làthair Air a chur air dòigh le CeangalG le taic bho ILBF, TG4, MG Alba 25/26 Gearran 2015, Cultúrlann McAdam Ó Fiaich, Beul Feirste Cion-fàth: Gus a’ bhuaidh a thoirt a-mach ann am margaidhean far a bheil barrachd is barrachd de dh’fharpais, feumaidh buidhnean-riochdachaidh a tha ag obair tro mheadhan na […]

TurasG seolta ag Julie Fowlis agus Propast Inbhir Nis

Chuir an seinneadair cliùiteach Julie Fowlis agus Probhaist a’ Bhaile Mhòir Alasdair Greumach làrach-lìn tionnsgalach air turasachd chultarail gus na ceanglaichean eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Gàidhealtachd na h-Èireann air bhog ann an Inbhir Nis an ath sheachdain. Agus i dìreach air tilleadh bho Dhuaisean-ciùil na h-Alba mar a’ chiad neach-ealain Gàidhlig a fhuair urram taobh ri urramaich […]

Treòrachadh teòma do ghnìomhachasan na Gàidhealtachd

Is e cruthachadh agus cleachdadh chothroman ùra a chuireas ri comas iomairtean ùra ann an sgìrean Gàidhealtachd na h-Alba, Èireann a Tuath agus nan sgìrean ri taobh na crìche ri Poblach na h-Èireann a th’ aig buidheann ùr treòraichean teòma CheangalG. Tha CeangalG, am pròiseact a tha ga mhaoineachadh le INTERREG IVa Aonadh na h-Eòrpa […]

CeangalG air ceum a ghabhail air thoiseach!

Seo agaibh a’ chiad bhidio anns an t-sreath de fhilmichean ‘SpreaG’ le CeangalG, a’ sealltainn fear mòr Gaeilge Bheul Feirste, Gearóid Ó Cairealláin, a ghlèidh Duais a’ Chonaltraidh aig Oireachtas na Gaeilge o chionn ghoirid. Tha cur-air-bhog SpreaG a’ comharrachadh cho luath agus a tha CeangalG air leasachadh. Tha an duilleag-toisich airson an làrach-lìn adhartach SaotharlannG, pròiseact gus obair-lann chruthachail […]

Innsibh dhuinn dè tha sibh ris!

Nas tràithe am-bliadhna, chùm CeangalG co-labhairt ‘Ar Sgeul ga Sgapadh’ air cleachdadh turasachd chultarail gus a’ Ghàidhealtachd Choitcheann a leasachadh, ann an Tìr Chonaill, fo sgàth na hEaragaile. Chaidh innse do luchd na co-labhairt ann an Taigh-òsta na Cùirte ann an Gaoth Dobhair leis a’ phrìomh òraidiche, an t-Oll Fionnbharr Ó Brolcháin, gu bheil de […]

Urram mòr anns na meadhanan air a bhuileachadh air fear SpreaG Fís

Agus crìoch ga cur air ullachadh air a’ chiad bhidio aig Spreag Fìs anns a bheilear a-mach air fear mòr Gaeilge Bheul Feirste, Gearóid Ó Cairealláin, tha am pròiseact air putadh fhaighinn le buileachadh an urraim as àirde ann am meadhanan na Gaeilge air an duine a stèidhich a’ chiad phàipear-naidheachd làitheil ann an Gaeilge. […]

Rannsachadh ùr a’ sgrùdadh dùbhlanan a tha nochdadh a thaobh na meadhanan Gàidhlig

Co-dhiù ‘s e goireasan Basgais, dràma ioma-chànanach sa Chuimris no prògram air telebhisean ann an Astràilia ann an cànanan dùthchasach a tha ann, ‘s e an dùbhlan as motha a tha a’ tighinn air luchd-obrachaidh nam meadhanan ann am mion-chànanan seach gainnead chothroman mar a tha air a bhith ann bhos shean ach an dòigh […]

A bheil sibh ag iarraidh ‘Ceum Suas’ a ghabhail?

Chan fhada gus am bi e comasach do ghnìomhachasan ùra agus do dh’iomairtean a’ tighinn am bàrr ag obair tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, Èirinn a Tuath agus sna sgìrean mun chrìch ann am Poblachd na h-Èireann cothrom a ghabhail air treòraichean teòma a bheir dhaibh an ceum suas a tha a dhìth […]

AR SGEUL GA SGAPADH – An Toradh

Thàinig a’ chiad tachartas mhòr le CeangalG, co-labhairt Ar Sgeul Ga Sgapadh, gu crìch an dèidh dà latha nan togail-inntinn ann an Tìr Chonaill le gairm gu gnìomh gu luchd-obrachaidh turasachd chultarail. Agus e a’ cur ceann is casan air a’ cho-labhairt a chaidh a chumail fo sgàil Earagail ainmeil àlainn Thìr Chonaill, dh’innis Manaidsear-margaideachd […]