BHIDEOTHAN SPREAG FÍS A’ TIGHINN DO CHEANGALG A DH’AITHGHEARR!

Ann an 2013 sheall còrr is dà mhillean neach air YouTube dreach Gaeilge de ‘When I’m Gone’ le Avici. Am-bliadhna bidh a’ chompanaidh an urra ris an euchd sin air an Lìon a’ cruthachadh sreath bhideothan SpreaG Fís aig CeangalG.

Thathar air Tree Light Productions ann an Gailbhinn a chur an dreuchd an dèidh farpais phoblach gu math geur gus sia bhideothan-lìn a chur ri chèile, air am bonntachadh air làrach-lìn shoirbheachail TED.

Air SpreaG Fís bidh sianar neach-labhairt à Alba agus Èirinn air a bheil an dleastanas luchd-coimhid a spreagadh leis an aisling a tha aca air dè ghabhas toirt gu buil sa Ghàidhealtachd Choitcheann againn agus i a’ tighinn am bàrr.

Chuir ceannard TLP, Josef Hrhorow, aoibhneas an cèill mu shoirbheachadh na companaidh san fharpais.

Cha robh companaidh ri cruthachadh bhideothan riamh cho soirbheachail ri Tree Light Pictures a thaobh stuth Gàidhlig a chur ri chèile airson nan stairsneach air an Lìon, thuirt e. Tha sinn làn misneachd gum faid dòigh-aithris nan sgeulachdan againn agus an tuigse a tha againn air an Lìon gun tèid aig Spreag Fís air soirbheachadh nach beag a thoirt gu buil.

Tha na bhideothan a chruthaich TLP do Choláiste Lurgan, dreach na Gàidhlig de dh’òran Avici nam measg, air còrr is 8 millean neach-amhairc a tharraing gu ruige seo.

Tha Alasdair Moireasdan, stiùiriche nam pròiseactan aig CeangalG, ag ràdh gu bheil an cur-an-dreuchd na chomharradh-tìre ann an leasachadh a’ phròiseict air a mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa.

Chan fhada gus am bi a’ chiad bhideo SpreaG FÌs againn air an Lìon –dèanaibh deiseil gus a bhith air ur spreagadh!