Innsibh dhuinn dè tha sibh ris!

Nas tràithe am-bliadhna, chùm CeangalG co-labhairt ‘Ar Sgeul ga Sgapadh’ air cleachdadh turasachd chultarail gus a’ Ghàidhealtachd Choitcheann a leasachadh, ann an Tìr Chonaill, fo sgàth na hEaragaile.

Chaidh innse do luchd na co-labhairt ann an Taigh-òsta na Cùirte ann an Gaoth Dobhair leis a’ phrìomh òraidiche, an t-Oll Fionnbharr Ó Brolcháin, gu bheil de chomas aig turasachd chultarail a bhith air thoiseach air càch anns an ar-a-mach ann an soirbheachadh ann an gnìomhachas agus gu bheil buannachdan aig muinntir na Gàidhlig seach luchd-farpaise eile.

‘S e fear de dh’amasan na co-labhairt luchd-pàirteachaidh agus luchd-obrachaidh eile ann an roinn na turasachd chultarail còig bathair no seirbheisean ùra a chruthachadh do roinn na turasachd chultarail sa Ghàidhealtachd Choitchinn.

Mas e gun robh sibh an làthair aig co-labhairt Ar Sgeul ga Sgapadh agus gu bheil sibh a’ cur bathair ùir ri chèile mar thoradh air spreagadh na co-labhairt, nach leig sibh fios thugainn mar a tha a’ dol dhuibh. Is dòcha gun tèid againn air cuideachadh, le bhith a’ toirt treòrachaidh no cuideachadh le margaideachd – failte@ceangalg.net.