Treòrachadh teòma do ghnìomhachasan na Gàidhealtachd

Is e cruthachadh agus cleachdadh chothroman ùra a chuireas ri comas iomairtean ùra ann an sgìrean Gàidhealtachd na h-Alba, Èireann a Tuath agus nan sgìrean ri taobh na crìche ri Poblach na h-Èireann a th’ aig buidheann ùr treòraichean teòma CheangalG. Tha CeangalG, am pròiseact a tha ga mhaoineachadh le INTERREG IVa Aonadh na h-Eòrpa air caochladh threòraichean teòma fhastadh a chuideachadh ri gnìomhachasan ag obair anns na meadhanan, ann an turasachd chultarail, agus ri iomairtean sna coimhearsnachdan gus an cuid chothroman a mheudachadh agus an cuid amasan àrdachadh. Thèid an cuid sheirbheisean a thoirt seachad an-asgaidh do ghnìomhachasan no luchd-iomairt air an teisteanachadh. Tha seo mar chuid de ro-innleachd na dha leth bho CheangalG. Thèid an treòrachadh soirbheachail Margaideachd ann an Saoghal nan Iomadh Cànan a chaidh a chur ri chèile le manaidsear-trèanaidh CheangalG, Fionbar Ó Baoill, a sgaoileadh ann an Alba a dh’aithghearr. An dèidh soirbheachadh nan cùrsaichean ann an Tìr Chonaill agus ann am Beul Feirste, bidh cùrsa Margaideachd ann an Saoghal nan Iomadh Cànan a’ tighinn gu Port Rìgh agus Sabhal mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach 1 gu 3 Iuchar. Faodar àiteachan fhaighinn air a’ chùrsa seo an-asgaidh le bhith a’ cur fios gu CeangalG aig  01471 888352 cho luath is a ghabhas gus a dhaingneachadh. Nas fhaide air adhart am-bliadhna, thèid cuireadh a thoirt do chompanaidhean sna meadhanan gu seisean-beachdachaidh far am faod iad cur rin cuid eòlais gus smuaintean a chur air adhart airson dràma no prògraman ùra telebhisein do dh’eòlaichean sa ghnìomhachas.

Faodar a ràdh gu bheil sinn ag iarraidh sealltainn gu ìre mhòir air roinn nam meadhanan a’ tighinn am bàrr oir bidh seo a’ cruthachadh tòrr chothroman do chompanaidhean teòma air feadh na Gàidhealtachd Choitcheann gus an teachdaireachd aca – agus an teachdaireachd againn fhèin – a sgaoileadh air luchd-èisteachd farsaing”, thuirt Manaidsear-trèanaidh, Fionbar Ó Baoill.

Is e riarachadh nan treòraichean am prìomh mhìr de phrògram ‘Ceum Suas’ againn gus am faod companaidhean, feadhainn dhiubh a tha dìreach air tòiseachadh agus cuid eile a th’ air a bhith ann beagan bhliadhnaichean a-nis, gluasad air adhart ìre no dhà gus am bi iad ann an suidheachadh nas fheàrr gus buannachdan a thoirt as an iomadh cothrom a th’ ann an-dràsta, gu sònraichte airson nan companaidhean ud aig a bheil de shealbh agus de bhuannachd a bhith stèidhichte sa Ghàidhealtachd Choitchinn agus a bhith ag obair tro mheadhan na Gàidhlig no na Gaeilge.”

Chaidh an iomairt gus na companaidhean seo a tharraing a-steach a chur air bhog air an t-seachdain a chaidh mar chuid de chaochladh phròiseactan le CeangalG, an sreath bhideothan SpreaG air am faodar sealltainn a-nis air làrach-lìn a’ phròiseict, www.ceangalg.net, nam measg.

Bidh e tric a’ tachairt nach fhaic companaidh no neach-iomairt cothrom no ‘s dòcha gum faic ach gu bheil e den bheachd nach ruig iad air – nì sgioba nan treòraichean teòma againn cinnteach gum faigh iad a’ chomhairle agus am brosnachadh a tha a dhìth orra gus na h-atharrachaidhean agus tasgaidhean iomchaidh a dhèanamh gus a’ bhuannachd as fheàrr a bhith aca.”

Air am fastadh air buidheann nan treòraichean teòma mar-thà tha West BIC, an t-ionad-tionnsgalachd do ghnìomhachasan, a tha stèidhichte ann an ceann an iar-dheas Thìr Chonaill agus na cheann Adhamhnan Coineagan, Diarmaid MacLochlainn a bha na Stiùiriche na latha air Cathair Chultarail Dhoire Chaluim Chille agus Togalaichean Bhàrr an Teampaill, agus Sorcha Nic Miacháin a bha an ceannas air margaideachd airson Cruinneachadh soirbheachail Thìr Chonaill an-uiridh. Tha treòraichean eile gan tarraing ann an Alba agus Èirinn a Tuath, ge-tà, gus a dhèanamh cinnteach ge b’ e càite bheil an iomairt agaibh stèidhichte sa Ghàidhealtachd Choitchinn gum bi eòlaiche ar làimh gus comhairle a thoirt dhuibh mun dòigh as fheàrr gus gluasad air adhart leis na planaichean agaibh. Thèid cuideam a chur air teòmachd air a toirt seachad mar as iomchaidh, tha am Manaidsear-trèanaidh ag ràdh.

Thèid againn air dòigh fhosgailte a chleachdadh, a tha ceangailte ri freumhaichean treòrachaidh, a’ cur cuideim agus a’ leigeil leis “an treòraiche” an cuid eòlais agus fiosrachadh a thoirt seachad do dhaoine ann an saoghal na Gàidhlig a rèir sin”, thuirt Fionbar Ó Baoill. Mar chuid de ‘Ceum Suas’, thèid an càirdeas eadar an treòraiche agus a’ chompanaidh no an neach-gnìomhachais ga threòrachadh a leasachadh gu nàdarra. Thèid astar a’ chàirdeis a chumail fo smachd leis an treòraiche le brosnachadh agus buaidh gu mòr an sàs.”

Airson maoineachadh fhaighinn tron sgeama, feumar foirm-tagraidh goirid a lìonadh a gheibhear an seo. Bidh Fionbar O Baoill, am Manaidsear Trèanaidh againn, a’ dèiligeadh ris na tagraidhean agus gheibhear fios thuige air fionbar@ceangalg.net