Cùrsa ann am margaideachd gus buannachd a thaobh cultair a thoirt do bhuidhnean-turasachd

low res marketingDh’fhaodadh Gàidhlig na h-Alba no Gàidhlig na h-Èireann a bhith air leth feumail gus an gnìomhachas agaibh a reic. Sin a chanas an fheadhainn ris a bheil cùrsa ùr ann am margaideachd an urra agus e ag amas air luchd-gnìomhachais no luchd-iomairt a tha ag iarraidh a dhol a-steach ann an àrainn turasachd chultarail agus gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig no na Gaeilge, a tha a’ leudachadh fad na tìde.

Chaidh sreath chùrsaichean Margaideachd ann an Saoghal Ioma-chànanach – le bùth-obrach na lùib – iarraidh agus a dhealbhadh le CeangalG, am pròiseact air a mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa a tha ag obair gus ceanglaichean a chruthachadh eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann.

Thuirt dealbhadair agus fear-teagaisg a’ chùrsa Fionbar Ó Baoill, manaidsear-trèanaidh CheangalG gun cuidich na cùrsaichean ri luchd-pàirteachaidh gus planaichean làidir a chur ri chèile gus an cuid bathair agus sheirbheisean a reic nas èifeachdaiche ann an saoghal far am faodadh eòlas air cànan leithid na Gàidhlig no na Gaeilge buannachd ann am farpais do luchd-solair.

Ann an saoghal an latha an-diugh, chan eil an aon dragh air daoine a thaobh stuth a thional seach brìgh a lorg – mar sin tha buannachd bho thùs aig muinntir na Gàidhlig agus na Gaeilge agus tha sinn ag iarraidh gum faigh iad air feum nas fheàrr a thoirt às le bhith a’ gabhail pàirt gu gnìomhach anns a’ chùrsa seo” thuirt e.

“Ionnsaichidh luchd-pàirteachaidh an acfhainn agus na dòighean gus an ro-innleachd aca a dhealbhadh agus ùrachadh a rèir mar a thèid e am meud” thuirt e.

“An rud as cudromaiche buileach, bidh e an comas an luchd-fhrithealaidh ro-innleachd choileanta margaideachd a dhealbhadh a bhuineas gu sònraichte ris a’ ghnìomhachas aca fhèin agus cinn-chrìche gus an toirt ga ionnsaigh.”

Bidh cothrom air na cùrsaichean seo gus a bhith air an lìbhrigeadh gu h-ionadail an taobh a-staigh na roinne a tha an urra ri pròiseact CheangalG a tha a’ sìneadh bho Thìr Chonaill ann an sgìreachdan na crìche ann am Poblachd Èireann gu Ceann a Tuath na h-Èireann gu Gàidhealtachd agus Eileanan taobh an iar na h-Alba.

Thathar air an cùrsa a dhealbhadh gus an gabh e lìbhrigeadh aig ìre ionadail – bheir sinne an trèanadh thugaibhse – seach gu bheil sinn mothachail nach eil de dh’ùine no de dh’ionmhas aig luchd-obrach ann an gnìomhachasan beaga agus meadhanach astar fada shiubhal do chùrsaichean agus do thachartasan eile. Tha sinn cuideachd a’ rannsachadh feuch an gabh na cùrsaichean seo lìbhrigeadh tron làrach-lìn.”

Seo clàr nan cùrsaichean a tha air an dearbhadh mar-thà agus a thathar a’ dearbhadh an-dràsta:

Cultúrlann McAdam Ó Fiaich, Beul Feirste, 9.30m – 2f
Ògmhios 13, Port-adhair Dhùn nan Gall, 9.30m – 2f
Ògmhios 17, Àrd Mhacha, ri dhearbhadh
Ògmhios 20, Tìr Chonaill, ri dhearbhadh
Ògmhios 24, An t-Eilean Sgitheanach, ri dhearbhadh
Ògmhios 25, An Gearasdan, ri dhearbhadh
Ògmhios 26, An t-Òban, ri dhearbhadh
Iuchar 1, Doire Chaluim Chille, ri dhearbhadh

Ma tha sibh ag iarraidh cùrsa a chumail, nach dèan sibh conaltradh ri fionbar@ceangalg.net.