Uidheam Gàidhlig airson Turasachd

Tha a h-uile fios a bha tha ag iarraidh riamh ach nach do dh’fhaighnich thu mu ionnsachadh beagan Gàidhlig agus/no Gaeilge ri fhaighinn an seo tron Acfhainn-chànain againn.

Ma tha sibh a’ tairgse aoigheachd no sheirbheisean eile ann an gnìomhachas na turasachd, ‘s dòcha gu bheil thu a’ cleith na maoine as fheàrr a th’ agad anns an oidhirp gus barrachd gnìomhachais a thàladh. A’ Ghàidhlig! Ma tha a’ bruidhinn Gaeilge, tha thu a’ bruidhinn a’ chànain dhùthchasaich as sine san Roinn Eòrpa agus ma tha thu a’ leughadh Gaeilge, faodaidh tu tlachd a ghabhail ann an litreachas a tha àrsaidh agus saidhbhir.

Thèid dà thionndadh den uidheam gus taic a thoirt mu chànan, le faidhlichean-èisteachd agus stiùireadh mu fhuaimneachadh nan cois – fear an urra airson na Gàidhlig agus na Gaeilge – a chur ri chèile agus a chur air adhart air an Lìon do ghnìomhachas, ge b’ e dè a’ mheudachd a tha orra gus an cànan fhaighinn, ionnsachadh agus a chleachdadh ann an dòigh dheimhinneach.

Thèid an t-uidheam a lìbhrigeadh an urra gus aghaidh a thoirt air sia suidheachaidhean ceangailte ri turasachd chultarail:

  • Àiteachan-fuirich
  • Turasachd chur-seachadan is cluiche
  • Cur air adhart nan ealain
  • Tachartasan is co-labhairtean
  • Biadh is deoch
  • Còmhdhail

Tadhail air FOIREANN UIRLISÍ airson Gaeilge agus air ACFHAINN-CHÀNAIN airson Gàidhlig.