Turasachd Chultarail, Rannsachadh-baile

Eisimpleirean den Chleachdadh as Fheàrr

Fionnbharr Ó Brolcháin

Ro-ràdh


B’ e an t-adhbhar a bha ann ris a’ phìos bheag seo de rannsachadh 10 eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr san t-saoghal de shoirbheachadh ann an turasachd chultarail a chleachdas cànan dhùthchasach mar chuid de na tha iad a’ tairgse a thoirt seachad. Is dòcha gum bi an fheadhainn air an do shocraich mi air a’ cheann thall agus, gun teagamh, an fheadhainn nach do thagh mi, nan cùis-iongnaidh. Mar eisimpleir, dh’fhaodainn a bhith air Oideas Gael, iomairt turasachd chultarail cho math ri càil san t-saoghal a tha a’ toirt a-mach nan slat-tomhais a chur ann ach cha do chuir. B’ e mo bheachd, ge-tà, gur dòcha nach biodh an eisimpleir seo cho mòr na shoillseachadh mar dhòigh-dèiligidh shoirbheachail mu ghnìomhachas ann an raon Interreg IVA seach gu bheil na cùrsaichean Gaeilge aige mar bhunait seach mar chuid de na bhios e a’ tairgse. Bha eisimpleirean eile a chaidh fhàgail a-mach rud beag faisg air an taigh na mo bheachd. Nam measg seo Sabhal Mòr Ostaig , a’ cholaiste Ghàidhlig adhartach, a tha an sàs ann an caochladh iomairtean turasachd chultarail. Cha bu mhotha a chuir mi a-steach Cultúrlann McAdam Ó Fiaich [http://www.culturlann.ie], a bhios a’ cur air adhart thionnsgnaidhean ùra Gaeilge agus a tha ag obrachadh mar ionad turasachd chultarail tarraingeach. Shaoil mi, ge-tà, nach robh e iomchaidh iad seo a chur a-steach bho chaidh an rannsachadh iarraidh le CeangalG aig a bheil na h-eagrachaidhean seo mar chom-pàirtichean. Dh’fhàg mi eisimpleirean barraichte eile às cuideachd, leithid an fhèis Fhraingise ann an roinn Acadie de stàitean Chuan Siar Chanada, Festival Acadien de Caraquet. San t-suidheachadh seo, shaoil mi nach biodh e cho feumail seach gu bheil cànan mòr an sàs ann, ged a tha e ga labhairt le beag-chuid san roinn shònraichte seo.

Tha an diagram a leanas a’ giorrachadh nan 10 eisimpleirean air feadh an t-saoghal a chleachdas min-chànan air an do shocraich mi air a’ cheann thall. Chan eil aon chruth eagrachail, riochd laghail no amas a’ freagairt orra air fad. Tha feadhainn air an stiùireadh le poileasaidh aig riaghaltas agus tha feadhainn eile nan iomairtean le coimhearsnachd nach eil a’ feuchainn ri prothaid a dhèanamh no nan companaidhean prìobhaideach a tha airson prothaid a dhèanamh. Nam measg tha ionadan cultarail, taighean-tasgaidh, taighean-taisbeanaidh, ionadan làithean-saora agus ionadan-foghlaim. Tha iad uile nan eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr às am faodar tòrr ionnsachadh. Shaoil mi gun robh an ìre a thaobh cruinn-eòlais an ìre mhath freagarrach agus iad a’ tighinn bho na mòr-roinnean, Eòrpa, Ameireagaidh, agus Astràilia/Oceania. Feumar aideachadh an dèidh sin nacxh eil gin à Afraga no Àisia. Tha a’ chuid as motha dhiubh nan Eòrpaich, an roinn as buntainniche airson obair CeangalG ‘Ar Sgeul ga Sgapadh’.


Cnoc Suain - Cànan: Gaeilge - Dùthaich: Èirinn

Sealladh farsaing

Tha Cnoc Suain, air a shuidheachadh faisg air An Spidéal, Siorrachd na Galmhainn, na ‘àrainn chultarail’ a chomharraicheas daoine, àite is dualchas air leth. Le luchd Gaeilge, luchd-ciùil agus luchd-saidheans nàdarra, Dearbhaill Standún agus Teàrlach Troy, is e an t-amas bunaiteach a tha aige “cultar is dualchas na h-Èireann a chur an làthair leis a’ mhionaideachd agus an inbhe àrd a tha a’ freagairt orra, gun a bhith a’ toirt air falbh bho amalaichte agus cho treibhdhireach agus a tha iad.” Tha Dearbhaill, a tha na seinneadair is na fìdhleir comasach, na ball bho thùs de chòmhlan-ciùil nam boireannach Dordán, air a bheil cliù airson a’ mheasgachaidh air leth aca de cheòl dùtchasach na h-Eìreann agus ceòl baroque. Tha ùidh mhòr aig an duine aice Teàrlach, à Baile Àtha Cliath, a tha fileanta sa Ghaeilge, na fhear-saidheans àrainneachd agus na fhear-taeagaisg àrd-sgoile, ann an eachdraidh nàdarra agus àrc-eòlas Chonamara. Thog Teàrlach agus Dearbhaill Cnoc Suain mar chlachan air a chàradh air oighreachd 200 de dh’uachdar-tìre garbh glan Chonamara. Stèidhichte sa Ghàidhealtachd seo a tha làn de cheòl, de dh’òrain agus de dhannsa dùthchasach, is e àite làn annasan nàdarra agus togail-inntinn chultarail a tha ann, agus e fighte fuaighte gu faiceallach ri goireasan an latha an-diugh gu inmhe àrd (ach gun innealan mar thelebisean anns gach bothan agus an leithid).

Is e an fheallsanachd a tha aig Cnoc Suain an àrainneachd nàdarra ghlan seo a ghleidheadh agus cultar is dualchas air leth Chonamara àrach. Is e àite beò beothail a tha ann seach taigh-tasgaidh. Bidh luchd-tadhail a’ dol an sàs ann am prògraman de’fhaid seach faid agus tha dùil gum bi iad an sàs gu gnìomhach seach a bhith a’ sealltainn air gnothaichean bhon iomall. Am measg nan cur-seachadan tha buidhnean-obrach Gaeilge, sgrìob anns a’ bhoglaich, buidhnean-obrach air beathaichean is lusan na sgìre, seinn air an t-seann nòs, dannsa-cèilidh, oidhcheanan beul-aithris, prògraman litreachail, seiseanan agus barrachd. Tha tòrr de na cùrsaichean seo gan cumail le muinntir an àite, eòlaichean a gheibh togail-inntinn iad fhèin leis a’ chothrom an t-eòlas cultarail agus àrainneachd a thog iad a sgaoileadh. Tha Teàrlach is Dearbhaill air prògraman a chruthachadh a tha a’ còrdadh chan ann a-mhàin ri muinntir na h-Eìreann thall thairis ach ri luchd-dùthchais na h-Eìreann cuideachd, a bhios a’ tadhal air Cnoc Suain gus tuigse dhomhainn air àite fhaighinn, rud a bheir air ais às ùr anns an dualchas is anns a’ bheul-aithris aca fhèin iad. Is e turas air leth agus fìrinneach a tha ann aig nach coltas sam bith ris na dealbhan snaighte air chleas Disney de chultar is de dhualchas na h-Èireann a thathar a’ cur ri chèile gu tric mar bhathar do luchd-turais.


Taigh Chearsabhagh Museum & Arts Centre - Cànan: Gàidhlig - Dùthaich: Alba

Sealladh farsaing

Tha Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh na ionad soirbheachail anns a bheil cruinneachadh dhealbhan, buidhnean-obrach ann an ealain is ciùird, slighe-snaigheadaireachd, taigh-bidhe agus bùth.

Stèidhichte ann am baile bòidheach Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath, bidh e a’ dèanamh sgrùdaidh air saoghal sòisealta, dachaigheil, cultarail agus creideimh Uibhist a Tuath le caochladh bhall-ealain suaicheanta, bhon 19mh is bhon 20mh linn air a’ chuid as motha. Tha cruinneachadh de dh’ealain Albannach is eadar-nàiseanta, agus mìrean obair-ealain is obair-chiùird a bhuineas dhan eilean. Bidh Taigh Chearsabhagh a’ cumail oidhcheannan de bhàrdachd, club-fhilmichean agus buidheann-obrach clòdhadaireachd agus e na chom-pàirtiche eadar Comann Eachdraidh Uibhist a Tuathagus Comann Ealain Uibhist a chuir Urras Thaigh Chearsabhagh air bhonn ann an 1993.

Tha Taigh Chearsabhagh air a shuidheachadh air cladach Àrainn-glèidhteachais Mara. Tha èic-eòlas Uibhist, leis na mìltean de thràighean gun mhilleadh, machair, cluaintean, mòinteach làn lochan meirealach agus feadhainn de na creagan as sine air domhan, ga dhèanamh na àite air leth a tha saidhbhir ann an cultar a’ sìneadh air ais don linn Neolithic. Tha an t-adhar is a’ mhuir os cionn chàich ann an àrainneachd ri taobh a’ Chuain Siar a bheir buaidh dhìreach air saoghal ealain is cultarail Thaigh Chearsabhagh.

Tha Taigh Chearsabhagh a’ faicinn a chuid cruthachalachd air a freumhachadh na àite, na dhualchas agus na choimhearsnachd fhèin, fhad is a bhios e a’ cur ri chèile obraichean aig a bheil brìgh nàiseanta is eadar-nàiseanta gu follaiseach. Agus e air a spreagadh leis an t-suidheachadh fa leth a tha aige air eilean, tha taisbeanadh beothail is brosnachail agus prògram air a’ bhlàr-a-muigh a’ dol air adhart fad na bliadhna. Is e àite a tha ann far am bi daoine a’ coinneachadh, a’ nochdadh smuaintean ri càch-a-chèile agus a’ cur eòlais air mìneachadh cultarail a tha na mhac-meanmna is na spreagadh. Tha a chuid obrach air a freumhachadh ann an coimhearsnachd Uibhist agus na roinnean làidir ri obair chruthachail agus dualchas ann. Tha e a’ creidsinn ann an luach cultarail fa leth is farsaing nan Eilean Siar agus bidh e ga nochdadh is ga leasachadh uair sam bith a ghabhas e dèanamh. Tha e a’ gealltainn taic a chur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 agus tha am plana aige fhèin, ‘An t-Àite Againn san t-Saoghal 2013-2020’ a’ comharrachadh seo ann an dòigh chudromach a ghabhas tomhas. Gu sònraichte, tha e a’ feuchainn ri ìomhaigh air a leudachadh a ghleidheadh airson Gàidhlig sna roinnean ri dualchas is turasachd agus barrachd Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sa mhìneachadh air eachdraidh is cultar na h-Alba.


Galeri Caernarfon - Cànan: Cuimris - Dùthaich: A’ Chuimrigh

Sealladh farsaing

Tha Galeri Caernarfon, a’ sealltainn a-mach air Doc Fictoria ann an cridhe Caernarfon, na eisimpleir bharraichte de dh’ionad far am bi daoine cruthachail ag obair tro mheadhan na Cuimris a’ coinneachadh, a’ sgaoileadh is a’ cruthachadh smuaintean ùra. Tha e na ionad dà-chànanach mìorbhaileach a bhios a’ frithealadh air na h-uimhir: ealain, film, dannsa, ceòl agus a’ taisbeanadh sgilean cruthachail nan sgoiltean is nan colaistean ionadail.

Tha an soirbheachadh agus a’ mhisneachd a tha air a bhith aige bho chaidh a stèidheachadh tràth san linn ùir air a bhith suaicheanta. Agus e na iomairt stèidhichte sa choimhearsnachd gun a bhith a’ feuchainn ri prothaid a dhèanamh, tha e ag obrachadh mar Urras-leasachaidh. Is e an sealladh a tha aige “gun gabh càil sam bith dèanamh…tro smuaintean cruthachail agus tro ghnìomhan seasmhach.” Gus an sealladh seo a thoirt gu bith, bidh a’ chompanaidh a’ feuchainn ri “pròiseactan seasmhach a thoirt gu buil ann an dòigh chruthachail gus comas cultarail, eaconamach agus àrainneachd na coimhearsnachd ionadail agus mun cuairt a thoirt a-mach”.

Tha e an urra ris an Urras caochladh phròiseactan is sgeamaichean sa choimhearsnachd ionadail a stèidheachadh agus a thoirt gu buil, leasachadh thogalaichean, pròiseact-ealain do chlann is do dhaoine òga, agus ruith Galeri Creative Enterprise Centre agus POSIB Consultancy Services a bhios a’ sgaoileadh eòlais ann am pròiseactan ùrachaidh, rianachd phròiseactan agus trèanadh nam measg.

Am measg nan iomadach duais is euchd aige tha Duais 2005 Chomann Rìoghail Ailtirean Bhreatainn, Menter a Busnes (Gnìomhachas is Iomairt), Duais Eisteddfod 2005, Duais 2011 do Ghnìomhachas Dà-chànanach ann an Gwynedd agus Iomairt Shòisealta na Bliadhna sa Chuimrigh 2013.


Kafe Antzokia - Cànan: Bascais - Dùthaich: An Spàinn

Sealladh farsaing

Bha aithne air Kafe Antzokia, a dh’fhosgail ann an 1995 ann am meadhan Bhilbao, mar an San Vicente Cinema uair a bha ann. Gus an taigh-dhealbh ùrachadh, b’ eudar na suidheachain gu lèir a thoirt air falbh agus cidsin agus ceithir bàraichean a chur ann gus a bhith na ionad ioma-adhbharach. Agus e air a chur air adhart le comann cultarailZenbat Gara, chaidh am pròiseact tòiseachadh le buidheann de luchd-teagaisg cànan nam Bascach. Ann am baile-mòr far nach eil luchd-labhairt cànan nam Bascach nam mòr-chuid, bha cion àiteachan ann am Bilbao far am faodadh oileanaich an cànan a bhruidhinn an taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg ann an dòigh nàdarra. Chaidh a dhealbhadh mar ionad-coinneachaidh cuideachd an dà chuid do luchd-labhairt bho dhùthchas agus luchd-ionnsachaidh. Bha e cudromach a shuidheachadh ann am Bilbao gus luchd-labhairt Bascais a’ bhaile a neartachadh air a phiobrachadh le pròiseact a chumadh e fhèin a’ dol ann an seagh eaconamach.

Bho chaidh a stèidheachadh, dh’fhàs Kafe Antzokia na ionad-cruinneachaidh cliùiteach do luchd-labhairt cànan nam Bascach ach tha e cuideachd fosgailte do luchd-tadhail à dùthchannan thall thairis agus bidh e a’ cumail caochladh ghnìomhachdan bho luchd-ealain an dà chuid Bascach agus eadar-nàiseanta. Tha biadh cothromach blasta ga chur ri chèile leis na còcairean ann aig meadhan-latha agus e a’ frithealadh air mu 200 neach. An dèidh nan cuirmean-ciùil gach oidhche, bidh Kafe Antzokia a’ cur thairis le daoine a’ dannsa is ag òl gu ruige na h-uairean beaga. San taghadh de cheòl ann bidh ceòl roc, pap, reggae agus dòighean-ciùil annasach eile an dà chuid Bascach is eadar-nàiseanta.

Bidh Kafe Antzokia cuideachd a’ cumail Bilbo Hiria Irratia, stèisean-radio coimhearsnachd ann an cànan nam Bascach a bhios a’ craoladh do sgìre Bhilbao agus acadamaidh Bascais, Euskaltegi Gabriel Aresti. Le mu 1500 de dh’oileanaich ann tha is e seo am prìomh ionad-teagaisg ann an cànan nam Bascach do dh’inbhich ann an Tìr nam Bascach. Ceangailte cuideachd ri Zenbat Gara, bidh an acadamaidh seo a’ cur air dòigh mòran de na h-imeachdan san ionad leithid co-labhairtean, buidhnean-obrach, dealbhan-cluiche is an leithid. An dèidh do Kafe Antzokia fhosgladh, dh’fhosgail e fear eile Kafe Antzokia in Ondarroa ann an 2002, le car an aon chuideam air cultar is cànan nam Bascach. An sin, bidh comann Zenbat Gara a’ cur caochladh imeachdan air dòigh leithid Lagun Artean Kantari, na chèilidh do na h-uile de dh’òrain Bhascach an latha an-diugh is an latha an-dè, Urbeltzen Dantza Ganbara airson dannsaichean dùthchasach nam Bascach agus Ane Monna, Oskola eta Karramarroi, buidheann dealbhan-cluiche don chloinn.


Museo de Pobo Galego - Cànan: Galego - Dùthaich: An Spàinn

Sealladh farsaing

Ann am Museo do Pobo Galego (“Taigh-tasgaidh Muinntir Ghalicia” sa Ghàidhlig), tha dualchas cultarail Ghalicia ga thaisbeanadh far am b’ àbhaist Clochar San Domingo de Bonaval a bhith. Tha an taigh-tasgaidh air a shuidheachadh air cnoc an taobh a-staigh ballachan a’ bhaile eachdraidheil, Santiago de Compostela, ri taobh an rathaid air an rachadh na h-eilthirich san 17mh is san 18mh linn. Tha an taigh-tasgaidh a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh is a’ rannsachadh sna seòmraichean ann eisimpleirean de chultar spioradail is nitheil. Tha cruinneachadh buan an taigh-tasgaidh air a roinn ann an seòmraichean a rèir chuspairean a’ riochdachadh na mara, malairt, uachdar na dùthcha, aodach, ceòl, gnàthagan, ailtireachd is mar sin air adhart. Tha roinnean fa leth ann cuideachd air àrc-eòlas agus peantadh is deilbheadh. A bharrachd air a’ chruinneachadh bhuan ann, bidh an taigh-tasgaidh a’ cumail imeachdan eil gu cunbhalach leithid taisbeanaidhean, cùrsaichean, co-labhairtean agus foillseachadh theacsaichean. Tha taisbeanaidhean sealach eadar-dhealaichte gan cur air dòigh gu cunbhalach air caochladh chuspairean. Bidh taghadh is eagrachadh nam pìosan a’ feuchainn ri sealladh a chruthachadh den chothlamachadh eadar na nithean diofraichte a thig còmhla gus cultar Galicianach a dhèanamh.

Tha staidhre shnìomhach annasach ann an trì earranan le Domingo de Andrade ann a’ ceangal na manachd ri ùrlair an togalaich. Ann an eaglais a’ chlochair, a thathar a’ cleachdadh bho àm gu àm airson taisbeanaidhean sealach, tha Làrach nan Galicianach far a bheil daoine cliùiteach ann an cultar Ghalicia leithid Rosalía de Castro air an tiodhlacadh. Gheibh luchd-turais sealladh farsaing de chànan nan Galicianach seach gu bheil na sanasan is postairean san taigh-tasgaidh air fad dìreach san aon chànan, ged a dh’fhaodar Guía do Visitante a cheannach ann an cànanan eile. Is e an call a tha ann gur dòcha nach fhaigh luchd-turais coigreach de dhealbh air cultar Galicianach ach na nithean ann an cèisean-glainne.


Folkshegeskoalle Schylgeralân - Cànan: Fryslân - Dùthaich: An Ìsealtìr

Sealladh farsaing

Chaidh am Folkshegeskoalle a stèidheachadh ann an 1948 mar ionad-foghlaim is ionad-cruinneachaidh do mhuinntir Frisia. Chuir na cruinneachaidhean air chomas dhaibh eòlas a chur air a’ chultar is a’ chànan aca fhèin agus ceistean sòisealta a dheasbad. Chaidh am Folkshegeskoalle a thogail air bonn-stèidh bhuncairean bhon Dara Cogadh Mòr air nòs càirdeil Lochlainn. Thathar a’ tairgse àite-fuirich na bhroinn do suas ri 100 neach agus tha e a’ cumail mu 35 de chùrsaichean is de chur-seachadan. Tha na h-àiteachan-fuirich iomchaidh is tarraingeach do na sgoiltean ach bidh mòran dhaoine a’ tighinn dìreach gus blasad fhaighinn air chuairt làitheil gu eilean àlainn Terschelling.

An-diugh, bidh luchd-aoigheachd a’ gabhail chùrsaichean ann an tarraing an nàdair, seinn, deilbheadh, dealbhadaireachd, dealbhan-cluiche, bàrdachd, innse sgeulachdan, dannsa-meòrachaidh agus cànan nam Frisianach fhèin. Tha iad seo air an roinn nan ceithir cinn: cùrsaichean cruthachail, nàdar, meòrachadh agus cànan is cultar nam Frisianach Tha freumhaichean Folkshegeskoalle’s rim faicinn fhathast, mar a tha sna cùrsaichean ann an cànan is cultar nam Frisianach. Fad barrachd is leth-cheud bliadhna, thàinig daoine a dh’fhuireach ann, gus coinneachadh agus an ìomhaigh aca fhèin a leasachadh. Bidh iad fhathast a’ tighinn gus ionnsachadh mun deidhinn fhèin, an cuid cruthachalachd a leasachadh agus eòlas a chur air nàdar. Tha am Folkshegeskoalle a’ gleidheadh ìomhaigh làidir seo nam Frisianach. Is e suidheachadh dà-chànananch a tha ann agus ann am mòran de na seòmraichean tha dàn Frisianach no Duitsis ann le tionndadh na chois. Bidh e a’ dèanamh seo cuideachd le iomlaidean is ceanglaichean ri buidhnean mhion-chànan eile san Roinn Eòrpa.

Tha an èic-thurasachd cudromach fhèin don Folkshegeskoalle a-nis. Bho 2010, tha e air na feumalachdan a a thoirt a-mach mu inbhe na h-àrainneachd ECEAT (European Centre for Eco and Agro Tourism) agus tha e air ainmeachadh sa Green Holiday Guide a tha a’ freagairt gu dòigheil air am Folkshegeskoalle agus an suidheachadh air leth sna coilltean aige.


Sámi Cultural Centre Sajos - Cànan: Sámi - Dùthaich: An Fhionnlainn

Sealladh farsaing

Is e Ionad Cultarail Sámi Sajos, a tha stèidhichte ann an Inari, Fionnlainn, an t-ionad airson cultar is rianachd nan Sámi agus e ag obrachadh cuideachd mar ionad airson cho-labhairtean is thachartasan. Is e togalach a tha ann a bhuineas dhan latha an-diugh agus e a’ cleachdadh nan innealan as ùire ann an teicneòlas cho-labhairtean, na dhùthchasach allmharach air cladach Loch Inari, le caochladh chur-seachadan bho sìtheil gu sgìtheil agus àrainneachd shèimh airson ionnsachaidh. Chaidh crìoch a chur air an togalach anns an Fhaoilleach 2012 agus thòisich e ag obrachadh anns a’ Ghiblean 2012. Tha e dorcha air an taobh a-muigh le giuthas geal air an taobh a-staigh. Bha e furasta fiodh ann am pailteas a thaghadh do thogalach a bha a’ feuchainn ri cultar nan Sámi a chur an cèill. Tha an t-Ionad air a dhèanamh an ìre mhath mar chrois, a’ cruthachadh ghàrraidhean le nithean nàdarra no air an dèanamh le mac-an-duine faisg air làimh agus a’ ceangal an togalaich ris an àrainneachd anns a bheil e. Chaidh an cumadh a dhealbhadh gu faiceallach gus nach rachadh craobhan aosta air an làraich a mhilleadh oir bidh iad seo a’ fàs gu math slaodach anns na crìochan seo. Ged is e sgìre bheag a tha ann an Inari, tha taigh-tasgaidh barraichte nan Sámi, air a bheil Siida agus an togalach Sajos, air a dhealbhadh gu suaicheanta, ann.

Is e adhbhar an Ionaid cothroman nas fheàrr a chruthachadh do phoball dùthchasach nan Sámi ann am Fionnlainn gus an cànan, an cultar agus an obair-ghnìomhachais aca fhèin a ghleidheadh is a leasachadh a bharrachd air fèin-riaghladh cultarail a stiùireadh is a leasachadh agus cor-mairsinn san fharsaingeachd a leasachadh. Tha obraichean diofraichte a’ dol air adhart ann an àiteachan diofraichte, a dh’fhàg àite mòr farsaing mar lobaidh sa mheadhan, air a chomharrachadh gu làidir leis na seòmraichean farsaing far a bheil talla is ionad-èisteachd na pàrlamaid. Tha feum iomlan ga thoirt às an togalach agus e a’ toirt mòran sheirbheisean do na Sámi gus am faod iad fuireach agus togail air bunait a’ chànain is a’ chultair aca fhèin, agus e a’ cruthachadh teachd-a-steach an aghaidh nan cosgaisean-ruithe mar an t-ionad as motha airson cho-labhairtean is thachartasan ann an Lapland a tuath. Ann an Ionad Cultarail nan Sámi tha Ionad-foghlaim, Leabharlann nan Sámi, Tasglann nan Sámi, Buidheann-rianachd Stàite Roinn Lapland, Bùth Duodji Sámi Fhionnlainn, taigh-bidhe Galla, seirbheisean cho-labhairtean is thachartasan, a bharrachd air Pàrlamaid nan Sámi fhèin. Rud a tha inntinneach, is e an t-ainm a tha air Sajos (a’ ciallachadh làrach far am bi daoine a’ campadh fad ùine nas fhaide) seach Sámediggi (Pàrlamaid nan Sámi). Tha mar a tha e na thogalach le iomadach feum na leasan cudromach a thaobh mar a bu chòir do phobaill dhùthchasach sa h-uile h-àite togalaichean a dhealbhadh mar thaic ris a’ chultar aca.


Kapawi Ecolodge & Reserve - Cànan: Achuar - Dùthaich: Ecuador

Sealladh farsaing

Dh’fhosgail Kapawi Ecolodge & Reserve ann an 1996 na chom-pàirteachas air leth eadar Canodros, companaidh à Ecuador ri turasachd agus muinntir Achuar. Bha sealladh aca nan dithis pròiseact a thogail a bhiodh seasmhach gu h-eaconamach agus a chuireadh ri gleidheadh a’ bheartais chultarail is àrainneachdail an lùib coill’-uisge Amazon Ecuador. Chuir Canodros seilbh Kapawi Ecolodge & Reserve a-null do na h-Achuar ann an 2008. Tha am pròiseact ga obrachadh a-nis leis na h-Achuar tron oibriche-thursan CEKSA (Complejo Ecoturistico Kapawi Sociedad Anonima), stèidheachadh laghail ris a bheil seilbh, obrachadh is rianachd na loidse an urra.

Tha Kapawi Ecolodge & Reserve air aon de na loidsichean èic-eòlach as iomallaice, as cùramaiche a thaobh èic-eòlais agus as ciallaiche gu cultarail san Amazon. Bidh cuairt ann a’ cur ri coimhearsnachdan sòisea-chultarail seasmhach agus dìon àrainneachd air leth. Is e roinn iomallach gun truailleadh a tha ann, ris nach do bhean leagail nan craobh, mèinneadaireachd no tarraing a’ pheatroil. Chaidh a dhealbhadh mar ionad do luchd-turais gus seirbheisean seasmhach a leasachadh ann an cleachdaidhean a tha càirdeil don àrainneachd de dh’ìre is inbhe eadar-nàiseanta a bheir sealladh slàn do luchd-tadhail agus leasachadh sòisea-eaconamach coimhearsnachd do na h-Achuar ris an cumar fios gu h-iomlan mu obair na companaidh.


Hotel Taselotzin - Cànan: Nahuat - Dùthaich: Mexico

Sealladh farsaing

Aig deireadh nan 1980an chaidh an co-chomann, Maeseualsiuamej Mosenyolchicananij (“mnathan dùthchasach ag obair còmhla”) a stèidheachadh le buidheann de mhnathan dùthchasach (Nahua). Thàinig na boireannaich à municipio Cuetzalan, ann an Sierra Norte Puebla, 180cm bho bhaile-mòr Puebla, Mexico. Thug iad oideachadh dhaibh fhèin agus bhrosnaich iad cleachadh a’ chànain dhùthchais nam measg fhèin oir chunnaic iad comharraidhean gun robh e ga thrèigsinn agus a’ crìonadh. B’ ann mu mheadhan nan 1990an a nochd smuain mu thaigh-òsta èic-eòlach. Rinn iad co-dhùnadh gum biodh seo tìreil, gum biodh e a’ frithealadh air èic-thurasachd agus gun nochdadh e an dualchas cinneadail aca fhèin. B’ e a’ phrìomh ùidh a bha aca a bhith a’ tairgse barrachd na cuid na h-oidhche ach bathar ùr diofraichte do luchd-turais a thug a-steach an àrainneachd timcheall orra agus an dualchas cultarail aca. Fhuair na boireannaich maoineachadh bho chaochladh eagrachaidhean nàiseanta is eadar-nàiseanta agus le tasgadh an toiseach às an cuid airgid fhèin cheannaich iad fearann gus taigh-òsta àlainn a thogail.

San t-Sultain 1997 dh’fhosgail iad taigh-òsta, a’ chiad taigh-òsta èic-eòlach a bhuineadh do agus a bha e air a rianachd le buidheann de bhoireannaich Nahua. Tha Hotel Taselotzin a’ gleidheadh dualchas cultarail is cànan nan Nahua agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gum bi e ag obrachadh gu h-ionmhasail. Is e am facal-suaicheantais a tha aige “a’ coinneachadh ri nàdar agus ris na freumhan againn a-rithist”. An dèidh dhaibh an taigh-òsta fhosgladh, ghabh mòran de na boireannaich cùrsaichean gus am faodadh iad cùrsaichean beaga agus buidhnean-obrach a thairgse do dh’oileanaich agus do luchd-turais eile. Dh’aontaich iad prògram amalaichte a chur ri chèile air am biodh fiosrachadh mun dualchas, mu na cleachdaidhean, mun chultar is mun chànan aca a bharrachd air eachdraidh an taigh-òsta fhèin innse. B’ e prìomh adhbhar nan cùrsaichean seo mothachadh air an àrainneachd a chruthachadh agus eòlas a sgaoileadh mu chultar nan Nahua. Agus e ga thairgse mar sheirbheis a bharrachd do luchd-turais, tha leigheas nan lus air aonan de neartan an taigh-òsta oir tha Sierra Norte de Puebla làn lusan làn leigheis le caochladh choimhearsnachdan de mhnathan dùthchasach ag àrach is a’ sgaoileadh lusan is luibhean mar bhith-beò.

An-diugh, Hotel Taselotzin ga ruith gu h-uile is gu h-iomlan leis na 44 de bhoireannaich a tha nam buill dheth. Mar iomlaid airson an cuid obrach aig an taigh-òsta, bidh na boireannaich a’ toirt buannachd às na prothaidean gus taic a chumail ris na teaghlaichean aca le biadh, aodach is siabann. Bheir iad a-mach na bhios a dhìth orra agus roinnidh iad an còrr: tha faireachdainn làidir mu cho-obrachadh aig muinntir Nahua. Bidh an taigh-òsta a’ cur fàilte air luchd-turais à Mexico a bhios ag iarraidh teicheadh bho othail nam bailtean-mòra, cho math ri luchd-turais eadar-nàiseanta a ghabhas tlachd à làithean dripeil a’ mhargaidh air sràidean clachach Cuetzalan, ga fhaighinn gu math tarraingeach agus gu math diofraichte ann an seagh cultarail bho Mhexico na Spàinnise. Bidh an taigh-òsta ag ath-chuairteachadh a chuid sgudail organaich, a’ cur feum air mathachadh organach gus an gàrradh a leasachadh, tha siostam anne gus uisge a chruinneachadh, tha àiteachan uaine air leth ann gus àile ghlan a thoirt seachad agus bidh e a’ deasachadh bidhe le glasraich air an àrach gu h-ionadail. Sna gàrraidhean mèithe air fearann an taigh-òsta tha lusan a’ fàs airson an taigh-bhidhe, ròsan airson an t-siabainn air a dhèanamh le làimh, agus blàthan orainseir airson an tì ann. Tha an luchd-obrach faiceallach nach toir iad buaidh mhòr air an fhearann oir tha toirt aire don talamh na chleachdadh cudromach aig na Nahua. Tha an dealbhadh air a thaobh ailtireachd rud beag falaichte, a’ cumail cothromachaidh ri nàdar. Agus iad a’ cleachdadh an eòlais is a’ chultair aosta aca, tha na mnathan dùthchasach seo air thoiseach mu leasachadh seasmhach nan coimhearsnachdan aca.


Potiki Adventures - Cànan: Maori - Dùthaich: Sealan Nuadh

Sealladh farsaing

Tha Potiki Adventures na chompanaidh-turasachd le Maori, a chaidh a chruthachadh gus am faodadh luchd-tadhail eòlas a chur air Roinn Auckland Region agus/no Eilean Waiheke Island bho shealladh Maori. Chaidh a stèidheachadh ann an 2004 le amas bathar is seirbheisean a thoirt do luchd-tadhail à dùthchannan thall thairis aig an ìre as àirde a tha ann agus cosnadh a thoirt do mhuinntir Maori ann an àrainneachd a nì comharrachadh air mairsinn is obrachadh tro chleachdaidhean, luachan is chultar nam Maori. Bidh luchd-turais a’ tadhal air àiteachan suaicheanta fhad is a gheibh iad tuigse air dòigh-beatha nam Maori, an obair-ealain an-diugh is an-dè aca agus na sgeulachdan aosta mun fhearann, mun t-sluagh agus mun chultar. Bidh a’ chompanaidh a’ leigeil le luchd-tadhail gu Aotearoa/Sealan Nuadh ceangal a dhèanamh ri muinntir Maori ann an dòigh a chomharraicheas cultar nam Maori airson na tha ann de dh’eachdraidh, gun tàinig iad beò tro chàirdeas is thuineachadh gu mar a tha iad a’ fuireach gu beò ann an saoghal an latha an-diugh. Bheir turas Potiki Adventures lèirsinn mu chultar nam Maori air nach biodh is dòcha cothrom aig luchd-turais air mhodh eile. Is iad The Island Maori Experience, Specialised Auckland Day Tour agus Marae Stay na tursan as motha air a bheil fèill a-mach às na thathar a’ tairgse an-dràsta. Do bhuidhnean ionadail agus eadar-nàiseanta, bidh turas Marae Stay a’ cur cuideim air cultar foghlamail stèidhichte air buidhnean-obrach agus cur-seachadan air a’ bhlàr-a-muigh.

Tha Potiki Adventures ainmeil cuideachd airson na nì iad de dh’obair ann an coimhearsnachdan nam Maori, a’ ruith phrògraman do dhaoine òga tro mharae stèidhichte sna coimhearsnachdan. Gach bliadhna bidh a’ chompanaidh ag obair le mu 300 de dhaoine òga Maori, a’ cur feum air foghlam air a’ bhlàr-a-muigh mar mheadhan. Tha an obair seo na cuid gu math cudromach den chompanaidh oir bidh i a’ tasgadh ann an slàinte is stiùireadh sluagh is coimhearsnachdan Maori san àm air thoiseach. Chaidh Potiki Adventures ainmeachadh agus rinn e an gnothach air caochladh dhuaisean ann an turasachd is gnìomhachas, Maori Women’s Welfare Incorporation Best Maori Women in Business Award agus Her Business Magazine Business Awards nam measg.


Seo mar a leanas sealladh farsaing geàrr air gach eisimpleir le beagan dhealbhan mar eismpleirean gus an soillseachadh.