Ar Sgeul Ga Sgapadh

Thàinig a’ chiad tachartas mhòr le CeangalG, co-labhairt Ar Sgeul Ga Sgapadh, gu crìch an dèidh dà latha nan togail-inntinn ann an Tìr Chonaill le gairm gu gnìomh gu luchd-obrachaidh turasachd chultarail.

Agus e a’ cur ceann is casan air a’ cho-labhairt a chaidh a chumail fo sgàil Earagail ainmeil àlainn Thìr Chonaill, dh’innis Manaidsear-margaideachd CheangalG Concubhar Ó Liatháin do chòrr is 100 riochdaire gun robh an t-àm aca gnìomh a ghabhail a-nis gus còig bathair ùra ceangailte ri turasachd chultarail a chruthachadh ro dheireadh 2014.

B’ e amas na co-labhairt gnìomh a spreagadh agus toirt air daoine beachdachadh ann an dòighean ùra mun dòigh as fheàrr gus ar sgeul a reic” thuirt Concubhar. “Chaidh a’ cho-labhairt a chur ri chèile a rèir seo le òraidean nan togail-inntinn bho eòlaichean is luchd-cleachdaidh agus buidhnean-obrach an uair sin gus daoine a threòrachadh air an rathad cheart agus anns an dealachadh gairm gu gnìomh.”

Thòisich a’ cho-labhairt le cur-air-bhog làrach-lìn CheangalG feasgar 27 Gearran ann an ionad-cùird àlainn taobh ri Óstán na Cúirte, ionad na co-labhairt.

Chuir Rùnaire na Stàite Airson Cùisean na Gàidhealtachd agus an TD (BP) ionadail Donncha Mag Fhionnaile an làrach-lìn air bhog agus bhruidhinn e mu na ceanglaichean a tha aige fhìn ri Alba far an do chuir e seachad samhradh na dhà na oileanach mar stiùiriche-bus ann an Glaschu.

Faodaidh mi a ràdh le uaill gun tug mi a-steach siubhal an-asgaidh do dh’uimhir a dhaoine à Tìr Chonaill a bha ag obair ann an Glaschu fada mus deach a thoirt a-steach aig an taigh ann an Èirinn!”

ceangalg - conference news

Am ministear McGinley a’ cur ar làrach-lìon air bhog aig Co-labhairt Ar Sgeul ga Sgapadh. Ministear na Stàite airson a’ Ghàidhealtachd, Donncha Mac Fhionnlaoich a’ cur www.ceangalg.net air bhog aig tachartas ron cho-labhairt. San dealbh tha Concubhar Ó Llatháin – Manaidsear Margaidheachd CeangalG, Claire Nic Neacail Rùnaire CeangalG, Alasdair Moireasdan Stiùiriche CeangalG, Donnchadh Mac Fhionnlaoich Ministear na Stàite agus Fionbar Ó Baoil Manaidsear Trèanaidh CeangalG.

A’ chiad char sa mhadainn an latha an dèidh sin, thòisich cùisean le ceòl freagarrach brosnachail. Sheinn an seinneadair ainmeil Gráinne Holland à Beul Feirste, a bha na riochdaire aig a’ cho-labhairt, tionndadh Gaeilge de ‘Cànan nan Gàidheal’ le Murchadh MacPhàrlain (1901-82, à Mealabost Leòdhais). Mura spreagadh mar a sheinn i na riochdairean againn gu gnìomh, tha e doirbh a ràdh dè na spreagadh oir is e togail-cridhe dha-rìribh a bha ann dheth.

Chaidh co-ùghdar Oir na h-Èireann, an t-Oll. Fionnbharr Ó Brolcháin a choimiseanadh le CeangalG gus rannsachadh a ghabhail os làimh gus na h-eisimpleirean as fheàrr de thionnsgnaidhean soirbheachail ann an turasachd chultarail a chleachdas mion-chànanan a nochdadh. Thug an t-Oll. Ó Brolcháin tarraing air eisimpleirean à Alba is Èirinn gun teagamh ach bhruidhinn e cuideachd air tionnsgnaidhean ann an America a Deas, ann am Fionnlainn, ann an Tìr nam Basgach agus ann an Sealan Nuadh anns an òraid aige. B’ e a’ phuing bhunaiteach a bha aige ann an saoghal a tha a’ dol an lughad fad na tìde ri linn adhartais ann an teicneòlais, gu bheil an fhaireachdainn a tha againn mun àite againn fhìn a’ toirt buannachd air leth dhuinn ann an ionad a’ mhargaidh. Caob math de sin is e ar cànan fhèin.

Ann an saoghal cruinneil, tha conaltradh nas cudromaiche na cruthachadh” thuirt e “Chan eil cur air adhart is cleachdadh a’ chànain againn fhìn dìreach a’ bualadh air a’ chànan fhèin, ach air an t-seasmhachd a bhios againn san àm ri teachd.”

Sgaoil pannal de luchd-cleachdaidh à Alba is Èirinn farsaingeachd de dh’eòlas is de dh’fhiosrachadh an dèidh a’ bhrisidh. Sheall na nochd Liam Ó Cuinneagáin mun fhàs a thàinig air Oideas Gael ann an Gleann Chaluim Chille do na h-uile a’ bhuaidh a bheir pròiseact soirbheachail ann an turasachd chultarail air coimhearsnachd air an tuath. Tha Oideas Gael ga nochdadh a-nis mar eisimpleir de thurasachd-cànain ann an Èirinn agus bidh daoine ainmeil agus ceannardan poilitigeach a’ frithealadh air a chuid clasaichean Gaeilge gu cunbhalach. Thug an taisbeanadh le Mary Schmuller aig Ceòlas lèirsinn seachad mu na dùbhlain a thaobh fèis a chumail ann an Uibhist agus bha na thuirt Deirbhile Standún mu stèidheachadh Chnoc Suain, ionad cultarail ann an Gàidhealtachd Chonamara na àmhghar is na spreagadh còmhla.

RTE RnaG presenter Áine Ní Chuirreáin with Loretta Ní Ghabháin, Social Media Expert, from LORG Media at our Selling Our Story conference.

Áine Ní Chuirreáin bho RTE RnG le Loretta Ní Ghabháin, Eòlaiche nam Meadhan Sòisealta bho LORG Media aig ar co-labhairt Ar Sgeul ga Sgapadh.

An dèidh lòn bha prìomh òraid le Cillín Ó Fionnail, a bha na cheannard air prògraman aig TG4 agus a tha na chomhairliche eadar-nàiseanta mu sgeulachdan a-nis. Bhruidhinn e mu na làithean an dèidh don stèisean-telebhisein Ghaeilge – a tha air a bhith ann fichead bliadhna cha mhòr a-nis – a’ tòiseachadh agus mar a ghabh an stèisean co-dhùnadh a dh’aon ghnothach briseadh air falbh bho na h-ìomhaighean àbhaisteach ceangailte ri Gaeilge gus an stèisean a stèidheachadh mar eileamaid bheò bheothail de dh’Èirinn an latha an-diugh. Ghabh iad cuimse gun leisgeul ris an òigridh. “Boireannaich àlainn a’ bruidhinn Gaeilge àlainn” a bha mar fhear de na faclan-suaicheantais aig an stèisean gu tràth – agus tha e ann fhathast.

B’ e a’ chomhairle as fhiosrachaile a bha aige am beachd gu bheil cothrom dha-rìribh aig an fheadhainn a tha ag obair le cànanan nan Gàidheal – biodh iad ann an Alba no ann an Èirinn – adhartas nach beag a dhèanamh leis a’ bhathar againn. “Bi fìrinneach, agus mura tèid agad air a bhith fìrinneach, atharraich do ghiùlan gus an tèid” thuirt e.

Rinn deagh chuid frithealadh air na buidhnean-obrach ann an togail apaichean, soidhnichean agus na meadhanan sòisealta, raointean a chaidh a thaghadh mar thùsan do na còig bathair a thèid a chruthachadh mar thoradh air co-labhairt CheangalG. .

Bha na beachdan a nochd an fheadhainn a bha an sàs anns a’ cho-labhairt gu math taiceil agus bha faireachdainn bharraichte ann ri linn an tachartais.

Tha sinn cho toilichte leis mar a shoirbhich leis a’ cho-labhairt agus seallaidh sinn a-nis air cuideachadh ri luchd-pàirteachaidh gus an cuid bathair a chruthachadh” thuirt Fionnbharr Ó Baoill, Manaidsear-trèanaidh CheangalG a tha stèidhichte ann an Tìr Chonaill.