Ceangal nan Ealain

Tha luchd-ealain nam fiosaichean mun Ghàidhealtachd Choitcheann. Dèanaibh briog an seo gus an t-saothair le feadhainn den luchd-ealain as fheàrr ann an Alba ais Èirinn fhaicinn san taigh-taisbeanaidh air an Lìon againn.

 

ceangalg-area-arts
Bidh cruthachadh Gailearaidh air an Lìon gus brod saothair luchd-ealain na Gàidhealtachd Choitcheann a thaisbeanadh air aonan de na rudan as cudromaiche a bheir CeangalG seachad. Tro na linntean, tha coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ann an Alba is ann an Èirinn air a bhith an eisimeil air an luchd-ealain aca, an cuid bhàrd agus sheanchaidhean airson ìomhaighean suaicheanta nan togail-inntinn, bàrdachd làn faireachdainn agus sgeulachdan drùidhteach. Bho fhigheadairean na Hearadh don fheadhainn a nì doileagan Chroithlí ann an Tìr Chonaill, tha an luchd-ciùird againn air na goireasan is smuaintean ionadail aca a chur gu feum gus bathar suaicheanta air a bheil luach air feadh an t-saoghail a chruthachadh.

‘S e th’ ann an SaotharlannG an obair-lann chruthachail againn aig a bheil e mar amas luchd-ealain a bhrosnachadh gus a bhith ag brachadh còmhla agus saothair ùr a chruthachadh a chuidicheas sinn gus a’ Ghàidhealtachd Choitcheann a nochdadh agus a leudachadh. Bidh e na ghailearaidh gus brod luchd-ealain, sgrìobhadairean, luchd-ciùil agus luchd-cleasachd Gàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann a thaisbeanadh agus na fhòram far am faod luchd-ealain beachdan a sgaoileadh air càch-a-chèile. Agus sinn a’ leasachadh na Gàidhealtachd Choitcheann, tha sinn a’ cuimhneachadh air na thuirt Jean Monnet, a bhuineadh don fheadhainn a chruthaich Aonadh na h-Eòrpa, na aois:

Nan robh mi gus tòiseachadh a-rithist, ‘s ann le cultar a thòisichinn!”.

Seo far a bheil sinn a’ tòiseachadh…