Ag Ionnsachadh bhon Fheadhainn as Fheàrr

10 Sgrùdaidhean air Luchd-craolaidh Mhion-chànanan a’ Cleachdadh nam Meadhanan gu Tionnsgalach

An t-Oll Mìcheal MacCarmaig

Facal-toisich


Chaidh na deich sgrùdaidhean seo a thaghadh gus leigeil fhaicinn mar a tha luchd-craolaidh mhion-chànanan a’ cruthachadh bheachdan ùra gus na cànanan aca a thoirt do luchd-cleachdaidh nam meadhanan gus cuideachadh ri gleidheadh is leasachadh nan cànanan sin. Mar a leudaich teicneòlas ùr cothroman air na meadhanan (tro lìonraidhean sòisealta, blogaichean, meanbh-bhlogaichean, làraichean a’ cumail bhideothan agus an leithid), chan e an duilgheadas a thig air luchd nam mion-chànanan gainnead chothroman a thuilleadh ach mar a ghabhas na cothroman seo cleachdadh leis na meadhanan a tha air a bhith ann bho shean gus a’ bhuannachd as fheàrr a thoirt do choimhearsnachd a’ chànain aca.

Feumar a chomharrachadh, ge-tà, gu bheilear rud beag eadar dà bharail mu bhriathrachas leithid mion-chànan, cànan dùthchasach agus cànan nach eilear a’ cleachdadh cho mòr. Tha a h-uile gin de na teirmean seo a’ ciallachadh rud caran eadar-dhealaichte ri càch. Tha mòran chraoladairean, mar eisimpleir, a ghabhas craoladairean dùthchasach orra fhèin agus iad a’ cleachdadh cànan mòr mar a’ Bheurla gus stuth mu dhaoine dùthchasach a chraoladh no gus craoladh gu buidheann de dhaoine dùthchasach eadar-dhealaichte (air World Indigenous Television Broadcasters’ Network, mar eisimpleir, tha eisimpleirean den dà rud seo). Sna sgrùdaidhean goirid a leanas, tha na cànanan a chaidh a thaghadh nam mion-chànanan. Is e sin, is e a tha annta cànanan a tha gan labhairt le beag-chuid dhaoine ann an stàit àraidh – agus mar as trice cuideachd le beag-chuid ann an roinn den stàit – nach eil nan cànanan mòra ann an dùthchannan eile far am faodadh taic a bhith aca bho na meadhanan (mar a tha leis a’ chuid as motha de chànanan luchd-imrich a-steach, mar eisimpleir).

Ged as e an t-amas a bha aig a’ phròiseact seo an toiseach eisimpleirean de dheagh chleachdas a chomharrachadh, tha sin gu math doirbh a dhèanamh, ma thathar gus deagh chleachdas a chomharrachadh le toraidhean, is e sin le cho làidir agus a tha a’ bhuaidh a tha air a bhith aig na bhios na meadhanan a’ cur a-mach air gleidheadh a’ chànain. Cha ghabh mairsinn is leasachadh cànain measadh ach san ruith fhada, agus bidh cleachdadh nam meadhanan a’ tachairt ann an co-theacsa làn fheartan sa bheil e gu math doirbh gnothach a ghabhail ri aon fheart leis fhèin, mar phrògram air telebhisean. Seach sin, ma-thà, thathar air na h-eisimpleirean seo a thaghadh mar dhòighean gus na meadhanan a chleachdadh a thathar a’ measa a bhith soirbheachail leis an luchd-tàrmachaidh aca agus a dh’fhaodadh a bhith feumail ann an co-theacsaichean eile a rèir sin.

Tha seo, ge-tà, air ceist a thogail mu choimeas. Bhon a bhios mion-chànanan gan comharrachadh a rèir nan cànanan mòra, tha e furasta cuimhne a chall air cho diofraichte agus a dh’fhaodas suidheachaidhean mhion-chànanan a bhith ri càch-a-chèile. Mura tuig sinn na h-eadar-dhealachaidhean seo tha an cunnart ann gur dòcha gun rachadh na thathar air ionnsachadh bho aon suidheachadh a chur gu droch fheum nuair a thathar ga chleachdadh ann an suidheachadh eile. A rèir sin, ron a h-uile h-eisimpleir tha fiosrachadh mu shuidheachadh a’ chànain air a bheilear a-mach.

Na sgrùdaidhean

Thathar air seo a chur ri chèile san fharsaingeachd le bhith a’ beachdachadh an toiseach air dòighean gus taic a chur ri ionnsachadh a’ chànain agus an uair sin air na seòrsaichean phrògraman agus mu dheireadh dòighean gus luchd-èisteachd a leudachadh ged a tha e follaiseach gum bi na trì cinn a’ dol an lùib a chèile gu mòr. Tha na roghainnean air a bhith air an srianadh a rèir na tha ann de dh’fhiosrachadh ri fhaotainn sa Bheurla.

Anns gach suidheachadh, thathar air an co-theacsa a chur gus duilgheadas sònraichte a nochdadh, air a bheil mar fhuasgladh cleachdadh nam meadhanan.

Mar phuing fharsaing an toiseach, is fhiach toirt fa-near, mar a tha agus craoladairean eile, gu bheil an ìre mhath a h-uile craoladair mion-chànain a’ cleachdadh ghoireasan leithid Facebook agus Twitter. Cuideachd, tha àireamh mhòr mhòr de mhion-chànanan a’ nochdadh air YouTube, gu tric anns an sreath de bhideothan air am bi YouTube a’ gabhail sheanailean.


Telebhisean eadar-ghnìomhach ann an Hawaiian

An co-theacsa: Tha Hawaiian ga bruidhinn anns na h-eileanan Hawaiian sa Chuan Shèimh a Tuath, agus i càirdeach do chànanan Polynesian a’ Chuain Shèimh a Deas.

San naoidheamh is san fhicheadamh linn, cha mhòr nach deach Hawaiian bàs agus, gu dearbh, a-mach às na seachd eileanan ann an Stàite Hawaii sa bheil sluagh buan a’ fuireach, mhair Hawaiian mar a’ chiad chànan ann an dìreach aonan dhiubh (Niihau, am fear as lugha de na seachd). Bho 1978, ge-tà, tha Hawaiian air a bhith na chànan oifigeil san stàit agus shoirbhich le ceuman a thaobh gleidhidh is leasachaidh nan aonadan ron sgoil ann an 1984. Ann an Cunntas-sluaigh 2010 nan Stàitean Aonaichte, b’ e àireamh luchd-labhairt Hawaiian rud beag a bharrachd air 24,000 (is e àireamh iomlan sluagh na stàite rud beag fo 1,400,000)

An duilgheadas

Tha an duilgheadas an seo gu math sìmplidh: tha àireamh bheag de luchd-labhairt sgapte thar eileanan. Tha na daoine seo nan saoranaich de na Stàitean Aonaichte agus tha iad cleachdte mar sin air ìre adhartach de chothrom air na meadhanan. Ciamar as urrainn do Hawaiian e fhèin a shuidheachadh na leithid de dh’àrainneachd a thaobh telebhisein?

Am fuasgladh

Ann an 2009 chruthaich ‘Ōiwi TV, ann an co-bhann ri Oceanic Time Warner Cable, Sgoiltean Kamehameha Schools (buidheann phrìobhaideach de sgoiltean ag amas air dùthchasaich Hawaii agus a’ teagasg Hawaiian) agus ‘Aha Pūnana Leo (sgoiltean prìobhaideach ri bogadh ann an Hawaiian), stèisean-telebhisein dùthchasach Hawaiian. Tha e ri fhaotainn air Warner Cable anns an sgìre mar Channel 326 agus ri fhaotainn air an Eadar-lìon cuideachd. Bidh e a’ cleachdadh teicneòlas CloudTV gus cothrom a thoirt air prògraman eadar-ghnìomhach.

Tha teicneòlas CloudTV ta’ cur air chomas do ‘Ōiwi TV stuth eadar-ghnìomhach a lìbhrigeadh do sgàilein-thelebhisean ann an dòigh a tha a rèir claonaidhean caochlaideach a thaobh mar a ghabhas daoine ri stuth anns a’ bhad agus air iarrtas. Bidh dùil aig luchd-amhairc ri cothrom fìor-ama air na prògraman a tha iad ag iarraidh faicinn, nuair a tha iad ag iarraidh fhaicinn agus bidh ʻŌiwi TV a’ lìbhrigeadh sin fhèin. (Bho làrach-lìn ‘Ōiwi TV).

am measg feartan na seanail tha lòsan-seòlaidh bunaiteach, biathadh eadar-ghnìomhach de naidheachdan, biathadh Twitter feed, agus smachd-bhideo ioma-luath. Tha an t-seanail a’ ruigsinn air 220,000 de dhachaighean an-dràsta ann an stàit Hawaii. Gheibhear fiosrachadh mun t-seanail aig www.oiwi.tv/aboutus/ agus gheibhear eisimpleirean de phrògraman aig www.oiwi.tv/live/.


Toirt misneachd do luchd-ionnsachaidh na Cuimris

An co-theacsa: chànanan as stèidhichte san Roinn Eòrpa.

Chlàraich Cunntas-sluaigh 2011 na Rìoghachd Aonaichte 562,000 de luchd-labhairt a’ chànain, 19% de dh’àireamh sluagh na Cuimris. A-mach asta seo bha 431,000 làn-fhileanta, is e sin bha iad comasach air Cuimris a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh. Tha luchd-dùthchais a’ chànain stèidhichte ann an ceann iar-thuath na dùthcha. Thathar air tuairmse a dhèanamh cuideachd gu bheil còrr is 100,000 de luchd-labhairt na Cuimris a’ fuireach ann an Sasainn. Tha an cànan ga dhìon le reachdas, a’ chiad Achd Chuimris bho 1967. Rinn an reachdas as ùire, Achd 2011, Cuimris mar chànan oifigeil sa Chuimrigh, chuir e air an aon ìre ri Beurla i agus stèidhich e Coimiseanair Cuimris gus an cànan a dhìon. Thathar a’ gabhail ri Cuimris a-nis mar mhìr den dà chuid siostam an fhoghlaim agus siostam riaghaltais ionadail.

Tha craoladh-telebhisein ann an Cuimris gu math stèidhichte cuideachd le S4C mar aon den chiad fheadhainn de sheanailean-telebhisein mhion-chànan san Roinn Eòrpa, agus i air tòiseachadh ann an 1982. Ged a bhiodh prògraman Beurla air an t-seanail tron latha air an t-seanail an toiseach, bho chaidh i didseatach (a tha ri fhaotainn air an talamh agus le saideal), tha i sa Chuimris a-mhàin. Tha S4C ga mhaoineachadh leis an riaghaltas air a’ chuid as motha. Bha seo mar thabhartas dìreach san àm a dh’fhalbh ach tha i ag atharrachadh an-dràsta gus a cuid maoineachaidh fhaighinn tron BhBC.

An duilgheadas

Ann an suidheachadh far a bheil a’ Chuimris gu math stèidhichte san sgoil is ron sgoil, tha ceist ann fhathast mu inbhich ag ionnsachadh, gu sònraichte bhon a tha eòlas air Cuimris a dhìth airson iomadh dreuchd ann an riaghaltas ionadail.

Am fuasgladh

Tha S4C air prògram Hwb (a’ ciallachadh brodadh no brosnachadh) agus na meadhanan na lùib a chruthachadh gus frithealadh air an luchd-ionnsachaidh sin. Tha am prògram fhèin na shreath àbhaisteach de 30 mionaid gach seachdain ach a bharrachd air seo bidh e a’ cleachdadh meadhanan cur-ris le Facebook and Twitter agus leis an t-seanail YouTube aige fhèin, HwbTV (http://youtube.com/hwbtv). Gheibhear prògraman a bha ann roimhe air Clic cuideachd, an t-seirbheis bhideo air iarrtas aig S4C. Tha stuth-ionnsachaidh a’ chànain ri fhaotainn cuideachd mar fhaidhlichean PDF a ghabhas luchdachadh a-nuas. Le fiosrachadh a’ nochdadh air an làrach-lìn mu thachartasan ionadail cuideachd, tha Hwb air faireachdainn làidir mu choimhearsnachd luchd-ionnsachaidh a chruthachadh (mar a tha follaiseach bho bheachdan luchd-chleachdaidh). Cha bu chòir cuideam nan dòighean seo gus ruigsinn air luchd-èisteachd luchd-ionnsachaidh nan inbhich a chur an suarachas. Chan eil am beachd a bha ann bho shean de phrògram gach seachdain, le stuth-leughaidh na chois, air an aon rèir idir ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh an latha an-diugh. Le bhith a’ cleachdadh caochladh ghoireasan gus cothrom a thoirt air an stuth agus a’ ceangal luchd-ionnsachaidh uimhir is a ghabhas, tha Hwb air am modh-obrachaidh gu lèir an lùib luchd-ionnsachaidh nan inbhich ùrachadh.


Ag ionnsachadh a’ chànain air Telebhisean nam Maori

An co-theacsa: ori an aon chànan Tùsanach.

Is e cànan Polynesianach a’ Chinn an Ear a tha ann, càirdeach do chaochladh eile a thathar a’ bruidhinn ann an eileanan a’ Chuain Shèimh a Deas. Ann an Cunntas 2006 ann an Sealan Nuadh, thuirt 131,613 neach gum b’ urrainn dhaibh còmhradh air choreigin a chumail ann am Māori, ged a thathar den bheachd gu bheil ìre an luchd-labhairt a tha gu tur fileanta gu math nas ìsle (bhathar air a mheas aig 29,000 in 1996). Tha na ceàrnaidhean far an làidire an cànan mar chànan na coimhearsnachd uile ann an ceann a tuath an Eilein a Tuath. Thòisich an gluasad gus an cànan a ghleidheadh a’ nochdadh aig deireadh nan 1970an agus thàinig na dhèidh leasachadh beag is beag air foghlam Māori air a mhaoineachadh leis an riaghaltas air feadh rian nan sgoiltean. Bho 1987 tha e air a bhith mar aonan de chànanan oifigeil Shealain Nuaidh.

Ann an 2004 thòisich Telebhisean Māori, air a mhaoineachadh air a’ chuid as motha leis an riaghaltas ach le beagan teachd-a-steach à sanasachd cuideachd. Bidh e a’ craoladh an dà chuid ann am Beurla agus Māori. Ann an 2012 bha rud beag a bharrachd air an dara cuid de na chaidh a chraoladh ann am Māori. Is e amas an stèisein cultar Māori a chur air adhart a bharrachd air a’ chànan fhèin, agus tha mòran de na bhios e a’ cur a-mach anns a’ Bheurla, no co-dhiù tha fo-thiotalan Beurla air. Ann an 2008, thòisich an dara seanail, Te Reo, a’ craoladh ann am Māori a-mhàin, agus gun a bhith a’ cleachdadh fho-thiotalan (no sanasachd). Tha e ag amas air a’ chuid as motha air na fileantaich ann Māori mar luchd-amhairc. Tha cothrom air an dà sheanail go didseatach air an talamh agus le saideal.

An duilgheadas

Duilgheadas a thig air iomadh coimhearsnachd mion-chànain is e mar a dh’fhaodar a’ bhuannachd as fheàrr a thoirt às a’ bhuaidh a bheir prògraman ann an ionnsachadh a’ chànain seach a bhith gan tiodhlacadh anns na clàran-ama.

 Am fuasgladh

Gus gnothach a ghabhail ri seo, tha Telebhisean Māori air ceum a ghabhail seach stèiseanan-telebhisein eile. Gach latha, tha dòrlach còig uairean a thìde de phrògraman ann an ionnsachadh a’ chànain bho 10m gu 3f. Tha iad seo gan craoladh air a’ chiad sheanail aig Telebhisean Māori. Is e trì sreathan a thathar a’ cleachdadh. Is e an ìre as bunaitiche a tha ann Kōrero Mai, a’ cleachdadh dràma gus an cànan a thoirt a-steach. Is e an dara h-ìre Tōku Reo, prògraman nas toinnte ann an ionnsachadh a’ chànain, a chleachdas làrach-lìn eadar-ghnìomhach. Is an treas ìre a tha ann Ako, prògram do luchd-labhairt eadar-ghnìomhach. Bidh na neach-teagaisg cànain sam bith a chleachdas telebhisean eòlach air na h-eileamaidean air leth seo. Is e cho coileanta agus a tha seirbheis Māori a tha ga comharrachadh. Tha na prògraman gu lèir 30 mionaidean a dh’fhaid, le ceithir den chiad dà shreath a’ nochdadh gach latha, agus a dhà de dh’Aka. Tha seo gam fàgail dian le chèile agus a’ dèanamh cinnteach gum bi ìre dheimhinne ann nach toir ach deagh bhuaidh. Tha e coltach cuideachd gum bi na prògraman a’ dol an lùib a chèile gu ìre, le luchd-amhairc aig aon ìre nas coltaiche sealltainn nuair a thèid na prògraman a bhacadh air an dòigh seo. A bharrachd air cleachdadh làrach-lìn eadar-ghnìomhach mar thaic ri Tōku Reo, faodar sealltainn air na prògraman ann an Ako air an Lìon aig (http://www.maoritelevision.com/tv/shows/ako).


Cleachdadh dhual-chainntean eadar-dhealaichte ann an Taiwan

An co-theacsa: Ged a labhair na Taiwanese a bha ann bho thùs caochladh chànanan Austronesian languages, an-dràsta is e Mandarin an cànan aig a bheil làmh-an-uachdar ann an Taiwan (Poblachd Shìona), le caochladh riochdan eil den t-Sìonais gan labhairt le buidhnean nach beag.

Tha Taiwanese Hokkien (air a bheilear a’ gabhail aig amannan dìreach Taiwanese) ga labhairt le 70% den t-sluagh. Tha e mar aonan ann am buidheann de chànanan ga labhairt air tìr-mòr Shìona as fhaisge air Taiwan. Is e an ath chànan as motha fèill Hakka, ga labhairt le 4.6 millean neach (a-mach à àireamh-sluaigh iomlan ann an Taiwan de 23 millean). Tha Hakka na chànan eile à tìr-mòr Shìona, a tha a’ phrìomh sgìre aige deas air sgìre Hokkien. Bidh an còrr de shluagh Taiwan a’ bruidhinn chànanan Sìonach eile le gun ann ach àireamh bheag a’ bruidhinn nan cànanan tùsanach. Chan eil na riochdan diofraichte den t-Sìonais, leithid Mandarin, Hokkien and Hakka, soilleir do chàch-a-chèile. Tha iad seo air an sgapadh air feadh Taiwan air sàillibh imrich le diofar dhaoine san àm a dh’fhalbh à diofar cheàrnaidhean Hakka air tìr-mòr na Sìona. Bho na 1990an, tha atharrachadh air a bhith air beachdan oifigeil airson chànanan is dhual-chainntean seach agus tha rud beag de dh’ath-bheothachadh ann a bhith gan cleachdadh san t-saoghal phoblach air a bhith ann. Ann an chaidh 2012 Hakka a dhèanamh mar aonan de chànanan oifigeil Taiwan. Thòisich Taiwan Broadcasting System (TBS) aig an riaghaltas Hakka TV ann an 2003. Tha an t-seanail seo ann am farpais ri còig seanailean nàiseanta an-asgaidh a’ cleachdadh Mandarin agus Taiwanese, agus caochladh seanailean-càbaill air a bheil fèill mhòr.

An duilgheadas

Is e an duilgheadas mu choinneamh luchd-labhairt Hakka, ged a tha àireamh mhòr de luchd-labhairt aige, an taobh a-staigh a choimhearsnachd fhèin tha diofar dhual-chainntean air an sgapadh air feadh Taiwan. Ciamar a ghabhas seanail-telebhisein cleachdadh gun na diofar choimhearsnachdan seo a thaobh dual-chainnt a dhèanamh coimheach do chàch-a-chèile?

Am fuasgladh

Is e am fuasgladh a tha air a bhith ann do Hakka TV feum a chur na chuid obrach air a h-uile gun de na còig prìomh dhual-chainntean. Tha dithis dhiubh seo air a bhith air thoiseach air càch ach tha na trì eile gan cleachdadh cuideachd gu cunbhalach a-nis ann an craoladh a h-uile latha. Ann an 2011 2011, thug na prògraman sònraichte seo (338 uairean a thìde sa bhliadhna uile-gu-lèir) 23.1% den ùine aca don a h-uile gin de na tri dual-chainntean agus 15.4% don dithis eile. Thuirt Aithisg Bhliadhnail Hakka TV’s ann an 2011 “Is e an t-amas a tha againn cuid chothromach de gach dual-chainnt a chraoladh.” Ann an 2012 am measg nam prògraman seo bha 168 earrannan den t-sreath ionnsachadh-chànain “Hi Hak!” ann an dà bhlas-cainnte dhual-chainnt Sixian Hakka (Tha Sixian a Tuath agus Sixian a Deas astar fada bho chèile). Tha an duilgheadas aig iomadh coimhearsnachd mion-chànain ciamar a ghabhar gnothach ri dual-chainntean diofraichte. Tha Hakka TV air a bhith rianail a thaobh seo, a’ dèanamh cinnteach nach dèanar dearmad air coimhearsnachd dual-chainnt chudromach sam bith agus anns an dòigh sin a’ leudachadh coimhearsnachdan nam mion-chànanan san fharsaingeachd.


Naidheachdan Sami thairis air trì dùthchannan

An co-theacsa: Tha cànanan Sami air an sgapadh a-mach thar ceann a tuath Lochlainn, bho Nirribhidh a-null gu Leth-innis Kola Peninsula ann an ceann iar-thuath na Ruise.

Tha buidheann nan Sami air a dèanamh suas de chaochladh chànanan càirdeach, le dual-chainnt aig a h-uile gin dhiubh. An-diugh, is e an cànan as làidire sa bhuidhinn Sami a Tuath le mu 15,000 de luchd-labhairt air an sgapadh timcheall air an cheàrnaidh sa bheil Nirribhidh a Tuath a’ coinneachadh ris an t-Suain a Tuath agus ri Fionnlainn a Tuath. Tha Lule Sami, le nas lugha na 2,000 de luchd-labhairt ga bruidhinn nas fhaide deas ann an Nirribhidh agus anns an t-Suain. Tha cànanan is dual-chainntean Sami eile gan labhairt le buidhnean de bheagan cheudan nas fhaide deas ann an Nirribhidh agus anns an t-Suain agus nas fhaide sear anns an Ruis. Tha inbhe oifigeil aig Sami a-nis ann an Nirribhidh, anns an t-Suain agus ann am Fionnlainn, thathar ga teagasg aig Oilthigh Murmansk a-nis. Bidh mòran de na Sami dùthchasach a’ fuireach ann an coimhearsnachdan beaga sa Chearcall Artaig, far a bheil buachailleachd nam fast mar an obair as cumanta fhathast. Tha mòran eile, ge-tà, a’ fuireach sna bailtean-mòra.

An duilgheadas

Is e an duilgheadas mu choinneamh cànan Sami crìochan. Ged a tha barrachd de luchd-labhairt Sami a’ fuireach ann an Nirribhidh seach dùthaich sam bith eile, tha àireamhan nach beag anns an t-Suain, le àireamh nas lugha ann am Fionlainn agus beagan san Ruis. Ciamar a ghabhas na meadhanan cleachdadh san t-seagh as èifeachdaiche gus na coimhearsnachdan seo a cheangal – gu sònraichte nuair a chuimhnicheas sinn ged a tha Nirribhis agus Suainis càirdeach gu dlùth, gum buin Fionnlannais agus Ruiseanais ri buidheann gu tur eadar-dhealaichte a thaobh cànain, agus nach eil ceangal aig gin de na cànanan seo ri Sami?

Am fuasgladh

Is e Oððasat fuasgladh luchd-craolaidh Lochlainn air an duilgheadas. Tha e na chomharrachadh air oidhirp gus na coimhearsnachdan sgapte seo a cheangal. Le ceangal le saideal, tha naidheachdan ann an Sami a Tuath ga chraoladh fad cairteal na h-uarach air na làithean tron t-seachdain. Tha a h-uile gin de na trì craoladairean poblach ann an Lochlann—NRK ann an Nirribhidh, SVT anns an t-Suain agus YLE ann am Fionnlainn—a’ cur a thaice ris an t-seirbheis seo, agus iad uile a’ toirt fho-thiotalan seachad anns a’ phrìomh chànan aca fhèin. Chan eil solar naidheachdan fad 15 mionaidean gach latha annasach ann fhèin gun teagamh. supports this service, each providing subtitles in its own principal language. Is e an dòigh san tàinig na trì craoladairean nàiseanta còmhla na tha a’ dèanamh seo cho cudromach. Tha toirt seachad nam fo-thiotalan anns a h-uile gun de na cànanan Lochlannach cudromach cuideachd seach gu bheil àireamh nach beag anns a h-uile gin de na dùthchannan de dhaoine a tha gam meas fhèin nan Sami ach nach eil fileanta sa chànan, no a tha fileanta ann an dreach de Shami a tha rud beag diofraichte bho Shami a Tuath. Tha am prògram tarraingeach aig an aon àm do shreath de luchd-èisteachd, le sgilean diofraichte ann an caochladh chànanan is dhual-chainntean agus a’ fuireach ann an suidheachadh diofraichte—diofar dhùthchannan agus diofar shuidheachaidhean sna dùthchannan seo. Tha na prògraman rim faotainn air an Lìon cuideachd. Airson dreach SVT, faicwww.svtplay.se/oddasat.


Craoladh do dh’iomadh beag-chuid ann an Astràilia

An co-theacsa: Tha suidheachadh nan cànanan tùsanach ann an Astràilia car toinnte.

Thathar air measadh nuair a thàinig a’ chiad bhuidheann de dh’Eòrpaich ann san ochdamh linn deug gun robh eadar 350 agus 750 de chànanan eadar-dhealaichte gam bruidhinn san roinn. A rèir Ethnologue, tha 145 dhiubh ann fhathast, às a bheil 110 air an rangachadh a bhith ann an cunnart gu mòr. Ann an dìreach beagan dhiubh tha clann ag ionnsachadh a’ chànain san dachaigh Tha fiù na buidhnean mòra beag. Aig na cànanan as motha a chleachdar leithid Warlpiri, Pitjantjatjara agus Arrentre an Ear tha eadar 2,000 is 3,000 de luchd-labhairt an urra. Tha a’ chuid as motha de chànanan tùsanach Astràilia gam bruidhinn le buidhnean a tha fad nas lugha. Tha an suidheachadh seo a thaobh cànain air a dhèanamh nas miosa le cùisean sòisea-eaconamach. Gu math tric bidh na Tùsanaich a bhruidhneas na cànanan seo fhathast a’ fuireach ann an ceàrnaidhean iomallach agus fo dhìth gu mòr. Tha mòran dhiubh gun litearachd. Tha mòran dhiubh gun Bheurla (tha 80% de luchd-labhairt Pijantjatjara nach eil ach an aon chànan aca). Fiù ann an coimhearsnachd nan Tùsanach, chan eil ach 12% a bhruidhneas cànan Tùsanach aig an dachaigh, a’ fàgail gu bheil na cànanan seo nam mion-chànanan fiù sna mion-choimhearsnachdan. Thòisich craoladh gu sònraichte airson coimhearsnachdan nan Tùsanach le stèidheachadh, le maoineachadh bhon riaghaltas, Central Australian Aboriginal Media Association (CAAMA) ann an 1980. Bha seo na sheirbheis radio phoblaich an toiseach (a’ cleachdadh Beurla agus sia cànanan dùthchasach). Ann an 1988, chaidh stèisean-telebhisein saideil prìobhaideach Imparja a stèidheachadh le CAAMA, stèidhichte ann an Alice Springs agus a’ sgaoileadh thairis air sgìre meadhan Astràilia. Ann an 2007, chaidh stèisean-telebhisein saideil air a mhaoineachadh leis an riaghaltas, National Indigenous Television (NITV) a chur air bhog, Chaidh seo eagrachadh is a chur air bhog às ùr anns an Dùbhlachd 2012 agus tha e ri fhaotainn a-nis air telebhisean talmhaidh didseatach.

An duilgheadas

Is e an duilgheadas a tha air a bhith ann an Astràilia mar a dh’fhaodar frithealadh air buidhnean diofraichte, beaga is iomallach de chànanan, gun a bhith dìreach a’ tionndadh air ais chun na Beurla.

Am fuasgladh

Is e an aon phrògram ann an cànanan dùthchasach air NITV Nganampa Anwernekenhe. Tha an tiotal fhèin a’ leigeil fhaicinn mar a tha measgachadh de chànanan an sàs seach gu bheil an dà fhacal a’ ciallachadh “Leinne” ann an cànanan Pitjantjatjara agus Arrentre. Tha am prògram na shreath-aithriseachd (a tha air còrr is 180 de dh’earrannan a chraoladh a-nis) a’ sealltainn air cultar Tùsanach agus a chleachdas caochladh chànanan Tùsanach le fo-thiotalan (faic www.nitv.org.au/fx-program.cfm?pid). Tha am prògram ag ràdh mu dheidhinn fhèin gur h-e an aon phrògram ann an cànanan Tùsanach a tha ga dhèanamh le Tùsanaich do Thùsanaich. Bidh mòran de na prògraman a’ cleachdadh dhòighean Tùsanach nan cuid aithriseachd gus nach bithear den bheachd nach eil sna prògraman ach cothrom do daoine nach eil nan Tùsanaich sealltainn air nithean ceangailte ri cultar nan Tùsanach. Ged a tha e ann an suidheachadh gu math diofraichte ri mion-chànanan Eòrpach, tha an sreath air dòighean inntinneach a chur an cèill gus diofar chànanan a thoirt còmhla ann an aon seirbheis-telebhisein.


Dràma aon-chànanach às a’ Chuimrigh

An co-theacsa: Chaidh suidheachadh na Cuimris a mhìneachadh ann an Eisimpleir 2. is fhiach beachdachadh an seo air a’ cheist shònraichte mu dhràma air telebhisean.

Mar as trice is e seo an seòrsa as cosgaile agus as motha fèill de phrògraman air telebhisean, rud a tha ga fhàgail gu sònraichte doirbh do riochdairean-telebhisean ri mion-chànanan agus air buidseatan nas lugha. A bharrachd air seo, nuair a smaoinicheas sinn air na trì seòrsaichean farsaing de dhràma air telebhisean-sreathan leantainneach ann an suidheachaidhean dachaigheil (siabainn), filmichean air leth agus sreathan-dràma àbhaisteach mar as trice le gach sgeulachd eadar-dhealaichte ann an aon gu trì de dh’earrannan-bidh na duilgheadasan a’ fàs nas fhollaisiche. Thèid aig mòran chraoladairean mion-chànain air ruigsinn air an riochd car saor an lùib nan siabann agus rinn mòran a’ chùis cuideachd air tasgadh ann am filmichean fa leth aig am bi beatha air choreigin mar as trice ann am margaidean eile. Tha S4C air eisimpleirean ainmeil a dhèanamh den dà sheòrsa – an siabann Pobol y Cwm (a thòisich air seanail BBC ann an 1974, a chaidh a-null gu S4C ann an 1982, agus a tha na leum fhathast) agus film 1994 Hedd Wyn a chaidh ainmeachadh airson Duais Acadamaidh don Fhilm Thall Thairis As Fheàrr. Ach tha an riochd a ghlacas an aire as motha air telebhisean àbhaisteach, an dràma ceart ann an earrannan, gu math nas duilghe. Tha e feumach air maoineachadh nas àirde (a thaobh chosgaisean an comhair na h-uarach) na siabann ach tha an cothrom air fear a chaidh a dhèanamh ann am mion-chànan nas laige na thaobh aon dràma leis fhèin mar fhilm.

 An duilgheadas

Is e an duilgheadas a tha ann, mar sin, mar a dh’fhaodar sreath de dhràma-telebhisein barraichte ann am mion-choimhearsnachd a mhaoineachadh. Ma ghabhas seo dèanamh, thig an cothrom prògraman a reic ri dùthchannan eile mar bhuannachd.

Am fuasgladh

Tha S4C air an duilgheadas fhuasgladh le bhith a’ coimiseanadh sreath-dràma an dà chuid sa Chuimris agus sa Bheurla: chan e an dà rud còmhla ach tionndadh anns gach cànan. Chaidh Y Gwyll, air an deach an tiotal Beurla Hinterland a thoirt (tha an tiotal Cuimris a’ ciallachadh An Dorchadas), a dhèanamh le Fiction Factory, companaidh-riochdachaidh stèidhichte ann an Cardiff, do S4C le BBC Cymru an sàs ann cuideachd. Bha a’ chiad shreath air a dhèanamh suas le ceithir earrannan fad dà uair a thìde an urra agus chaidh a chraoladh air S4C san Dàmhair 2013. Bha an craoladh a bha ann aig an toiseach ann an dà riochd. A h-uile seachdain, chaidh a’ chiad earrann a shealltainn ann an Cuimris an toiseach, gun fho-thiotalan idir, an uair sin beagan làithean an dèidh sin anns a’ Chuimris le fo-thiotalan Beurla. Beagan mhìosan an dèidh làimhe (san Fhaoilleach 2014), chaidh an dreach le fo-thiotalan a chraoladh air BBC One Wales. Tha an dreach Beurla ri nochdadh air BBC Four ann an 2014 fhathast. Tha Y Gwyll na shreath-lorgaireachd stèidhichte ann an Aberystwyth agus tha e follaiseach gun tug an seòrsa de dhràma air a bheil “noir Lochlannach” buaidh air. Gu dearbh, tha craoladair Danmhairgeach de dh’aonan dhiubh seo—The Killing—air an sreath a cheannach mar-thà. Le bhith a’ dèanamh an t-sreatha san dà chànan, bidh an luchd-amhairc Cuimris a’ faighinn dràma nas cosgaile na bhiodh comasach air dòigh eile ach gheibh luchd-amhairc le Beurla an taobh a-muigh na Cuimrigh (biodh iad san Rìoghachd Aonaichte no ann an àiteachan eile) dreach gun fho-thiotalan. Gheibhear fiosrachadh mu Y Gwyll aigwww.s4c.co.uk/ygwyll/e_index.shtml.


Prògraman do dheugairean san Artaig

An co-theacsa: Tha cànanan nan Inuit gam bruidhinn air feadh roinnean Artaigeach America a Tuath, bho Ghraonlainn gu Alasga. Is e am prìomh fhear a thathar a’ bruidhinn ann an Canada Inuktitut.

Chuir Cunntas 2011 ann an Canada àireamh an luchd-labhairt aig mu 34,000. Tha e na chànan oifigeil ann an Nunavut (tìr Artaigeach Chanada a chaidh a sgaradh bho Roinnean an Iar-thuath ann an 1999) agus ann an Roinnean an Iar-thuath, cho math ri inbhe oifigeil air choreigin ann an ceàrnaidhean rin taobh ann an Quebec agus Labrador. Tha roinnean seo nan Inuit comharraichte fhèin mòr le dòmhlachadh ìseal de shluagh. Tha Nunavut, mar eisimpleir, sgapte thar raon 787,000 mìltean ceàrnach agus gun sluagh uile-gu-lèir ann ach gann 32,000, dòmhlachadh de shluagh de 0.04 neach anns gach mìle ceàrnach.

Is e am prìomh chraoladair a bhios ag amas air luchd-amhairc Inuit an Inuit Broadcasting Corporation (IBC), a chaidh a chruthachadh ann an 1982. An toiseach, chaidh prògraman IBC a chraoladh le Canadian Broadcasting Corporation (CBC) air an t-Seirbheis a Tuath aca, leis na duilgheadasan àbhaisteach an lùib nam mion-chànanan leithid a bhith gan craoladh anmoch air an oidhche. Ach an dèidh do Television Northern Canada (TVNC), lìonra air saideal, nochdadh ann an 1992, cha robh prògraman IBC an crochadh air CBC a thuilleadh. Ann an 1999 dh’fhàs TVNC mar Aboriginal People’s Television Network (APTN), le cothrom air na seanailean aige air feadh Chanada. Ged a tha e ainmeil mar a’ chiad seanail-telebhisein a’ frithealadh gu sònraichte air daoine dùthchasach, tha a’ chuid as motha de na bhios APTN a’ cur a-mach anns a’ Bheurla. Bidh e a’ giùlan prògraman IBC ge-tà.

An duilgheadas

Tha glacadh luchd-amhairc nan deugairean na dhuilgheadas sònraichte do mhòran chraoladairean mion-chànain. Thathar air clann nas òige fhaicinn mar luchd-amhairc nas rèidhe (gus o chionn ghoirid co-dhiù) agus thathar an ìre mhath a’ tuigsinn nan dòighean gus susbaint a chruthachadh dhaibh. Le luchd-amhairc nan deugairean, ge-tà, chan eil am fuasgladh cho soilleir agus is tric a chithear riochdan cultarail eadar-nàiseanta (ann an cèol, ann am filmichean, air làraichean-lìn agus an leithid) mar na rudan as motha sa bheil ùidh aca. Ach feumaidh mion-chànanan ceangal a chumail ris na daoine òga seo ma tha an ùidh aca sa chànan is sa chultar gu bhith air a dhìon bho ionnsaigh riochdan nam meadhanan eadar-nàiseanta.

Am fuasgladh

Tha IBC air am prògram Qanurli? (a’ ciallachadh “Dè an Ath Rud?”), ag amas air buidheann aig aois eadar 13–15. Shoirbhich leis a bhith a’ seachnadh a bhith tuilleadh is follaiseach gun deach a dhèanamh do chlann agus cuideachd a bhith tuilleadh is follaiseach a bhith na phrògram do dh’inbhich òga. Tha e a’ dèanamh seo le cur-an-làthair gu math socair, agus an coltas air an fheadhainn ga chur an làthair gu bheil iad a’ cabadaich leis na caraidean aca, seach le daoine nas òige. Duilgheadas a bharrachd is e gum bi buidseatan car ìseal ann. Tha e follaiseach gu bheil Qanurli na phrògram a thathar a’ dèanamh gu math saor ach shoirbhich leis seo a chur gu a leas fhèin, mar a chithear bho na h-earrannan a tha rim faotainn air an Lìon (le fo-thiotalan Beurla) aighttp://aptn.ca/qanurli/. Tha e cuideachd ri fhaotainn air YouTube.


Leasachadh sgilean bunaiteach ann an telebhisean na Gàidhlig

An co-theacsa: A rèir Cunntas 2011 na Rìoghachd Aonaichte, bha 57,602 de luchd-labhairt Gàidhlig a’ fuireach ann an Alba ged nach tuirt ach 32,000 gun robh na sgilean aca gus an cànan a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh.

Ged a bha an àireamh iomlan mar lùghdachadh rud beag bho Chunntas 2001, tha coltas ann gu bheil na h-àireamhan a’ socrachadh. Bho na 1980an, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith a’ leasachadh, le mòran bhun-sgoiltean is sgoiltean-àraich a’ cleachdadh a’ chànain, agus tha fiù ullachadh air choreigin sna h-àrd-sgoiltean a-nis. Tha ìre àraidh de dh’inbhe oifigeil aig a’ chànan bho Achd na Gàidhlig ann an 2005. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig air a sgapadh air feadh na dùthcha. Ged a tha a’ Ghàidhealtachd mar bho thùs anns na h-eileanan (Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist, Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach) agus taobh an-iar tìr-mhòr rin taobh, tha mòran luchd-labhairt ann am bailtean na Galltachd, gu sònraichte ann an Glaschu. Gu dearbh, a rèir Cunntas 2011, tha an ìre mhath 49% de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach an taobh a-muigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Ged a bhathar air beagan prògraman Gàidhlig a chraoladh sna bliadhnaichean roimhe, chaidh telebhisean cunbhalach Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1993, le Comataidh Craolaidh na Gàidhlig, ged nach robh ann ach beagan uairean a thìde gan craoladh gach seachdain air seanailean Beurla. Ann an 2008, thòisich an t-seanail-telebhisein, BBC ALBA, a’ craoladh bho 5f gu anmoch air an oidhche. Tha BBC ALBA ga ruithe còmhla le BBC na h-Alba agus MG Alba (a’ bhuidheann a ghabh àite Chomataidh Craolaidh Gàidhlig). Tha fo-thiotalan air mòran de na bhios an t-seanail a’ cur a-mach.

An duilgheadas

Aon duilgheadas a thig air coimhearsnachd mion-chànain agus i a’ feuchainn ris an riochdachadh aige ann an telebhisean a leudachadh is e cion luchd-obrach uidheamaichte. Gun teagamh, tha dòighean foirmeil ann gus gnothach a ghabhail ri seo tro sgeamaichean-trèanaidh agus foghlam mu na meadhanan. Bidh iad seo a’ bualadh dìreach air daoine a chuir romhpa, agus a bheil de thìde, dol gu clasaichean foirmeil. Ciamar a ghabhas feum a thoirt à buidheann nas motha?

 Am fuasgladh

Chaidh FilmG a stèidheachadh le MG Alba ann an 2009 mar dhòigh gus tàlant ann an dèanamh telebhisein is fhilmichean Gàidhlig a leasachadh is a thaisbeanadh. Tha e ann mar fharpais bhliadhnail ann am filmichean goirid (3 gu 5 mionaidean), le earrannan fa leth do dhaoine òga (aig aois 12 gu 17) agus do dh’inbhich. Tha na bhideothan a thathar a’ cur a-steach gam beachdachadh leis a’ phoball tro làrach-lìn FilmG agus gan taghadh. Thathar a’ cumail a h-uile càil a chaidh a chur a-steach bho 2009 air an làrach-lìn (http://filmg.co.uk/en/films/filmg2013). Tha cothrom air tac an dà chuid a thaobh cànain agus gu teicnigeach, le buidhnean-obrach agus oideachadh anns na sgoiltean. Chan e a-mhàin gun do spreag e ùidh ann an dèanamh fhilmichean ach tha e cuideachd air cuideachadh gus aire luchd na Gàidhlig anns an fharsaingeachd a thoirt air riochdachadh mheadhanan.


Apaichean-fòn ann am Basgais

An co-theacsa: Tha Basgais (Euskara), aig nach eil ceangal ri cànan aithnichte sam bith eile, ga labhairt an-dràsta le mu 714,000 neach, agus a’ chuid as motha aca a’ fuireach ann an Ceann a Tuath na Spàinne, le 51,000 ann an Ceann an Ear-dheas na Frainge.

Anns an Spàinn, tha a’ chuid as moth a’ fuireach ann an Coimhearsnachd Neo-eisimeileach Thìr nam Basgach, ged a tha feadhainn cuideachd sna ceàrnaidhean de Navarra a tha faisg air làimh. Bho 1978, tha Basgais air a bhith na cànan oifigeil (cho math ri Spàinnis) ann an Tìr nam Basgach agus ann an ceàrnaidhean ann an ceann a tuath Navarre. Chan eil inbhe oifigeil sam bith aig a’ chànan san Fhraing. Nochdadh ann an suirbhidh ann an 2006 gun robh ann an Tìr nam Basgach 30.1% nam fileantaich ann am Basgais, bha 18.3% ann a thuigeadh an cànan gu ìre àraidh ach nach robh ga bruidhinn agus cha robh comas sam bith sa chànan aig an 51.5% eile. Ann an Tìr nam Basgach anns an Fhraing, cha robh ach 22.5% nam fileantaich. Ann an Navarre (mar iomlan) bha 11.1% nam fileantaich. Bho 2006 tha meudachadh beag air a bhith air luchd-labhairt Basgais ann an Coimhearsnachd Neo-eisimeileach Thìr nam Basgach. Bidh luchd-cànain mar as trice a’ comharrachadh còig prìomh dhual-chainntean den chànan, a tha a dhà dhiubh gan labhairt anns an Fhraing agus aonan ann an Navarre, a dh’fhàgas prìomh raon nam Basgach don dà phrìomh dhual-chainnt, Bizkaian agus Gipuzkoan. Anns na 1960an, chaidh cruth riaghailteach den chànan—Euskara Batua—a chruthachadh, thairis air na dual-chainntean eadar-dhealaichte.

Bho 1982, is e am prìomh chraoladair a tha air a bhith ann an Tìr nam Basgach Euskal Irrati Telebista (EITB), aig a bheil a’ chompanaidh-telebhisein Euskal Telebista (ETB). A-mach às an dà phrìomh sheanail-telebhisein aige, chan eil ach ETB1 a’ craoladh ann am Basgais, agus ETB2 a’ cleachdadh na Spàinnise. Tha ETB3 na sheanail dhidseatach don chloinn, a’ cleachdadh Basgais. Bidh ETB cuideachd a’ craoladh dà sheanail eadar-nàiseanta a chleachdas an dà chuid Spàinnis agus Basgais—ETB Sat agus Canal Vasco. Chaidh ETB a sgaoileadh le saideal an toiseach ach bhon Chèitean 2013, tha i air a bhith na seanail air an Lìon a-mhàin. Tha EITB ga mhaoineachadh air a’ chuid as motha le riaghaltas Coimhearsnachd Neo-eisimeileach Thìr nam Basgach.

 An duilgheadas

Tha apaichean rin cleachdadh air fònaichean-làimhe, gus cothrom a thoirt air an Lìon air fàs gu math cumanta sna còig bliadhna a chaidh seachad. Is e an duilgheadas a tha ann mar as fheàrr a ghabhas iad seo cleachdadh gus mion-chànanan a chuideachadh.

Am fuasgladh

Tha EITB air ap a chruthachadh a tha air a chomharrachadh le cho coileanta agus a tha e. Bheir an t-ap cothrom air raon farsaing de na bhios EITB a’ cur a-mach: naidheachdan, spòrs, bhideothan de phrògraman air telebhisean agus earrannan às na prògraman as motha fèill air radio. Tha an t-susbaint ri faotainn ann an ceithir cànanan—Spàinnis, Fraingis agus Beurla cho math ri Basgais. Bheir e cothrom air goireas telebhisean-air-iarratas EITB. Tha seo ga dhèanamh, mar a chanas làrach-lìn EITB: “an cruinneachadh as motha de shusbaint claisneachd is lèirsinneach ann am Basgais a tha air a bhith ann gu ruige seo”. Tha e follaiseach gu bheil e mar theicneòlas a dh’fhaodadh a bhith na tharraing do dhaoine òga.