Ceangal nam Meadhanan

Bha sgeulachdan aig cridhe dualchas nan Gàidheal riamh. Tha àite deatamach aig glùin ùr de sgeulaichean ann an Alba is Èirinn ann a bhith a’ cruthachadh aithrisean às ùr airson na Gàidhealtachd Choitcheann.

ceangalg-area-media
Aonan de na dòighean as èifeachdaiche gus a’ Ghàidhealtachd Choitcheann a thoirt gu buil, is e feum a chur air na meadhanan agus iad a’ leudachadh fad na tìde gus an sgeul againn aithris ann an seagh nas fheàrr. Is e atharrachadh na thathar ag aithris bho aithris le cuideam air pobail chànanan a’ crìonadh gu sealltainn air na thathar a’ dèanamh agus na ghabhas toirt gu buil a’ cleachdadh nan goireasan as ùire air a bheil cothrom againn an dùbhlan as motha an lùib pròiseact CeangalG.

Thathar a’ cur feum barrachd is barrachd air na meadhan a bh’ ann bho shean agus na meadhan sòisealta a tha a’ togail ceann gus an sgeul innse – agus tha Gàidhlig is Gaeilge aig cridhe nan gnothaichean seo.

Tha cuid de mhìrean ann am pròiseact CeangalG a chuireas cuideam air na meadhanan mar acfhainn gus an sgeul atharrachadh agus coimhearsnachd na Gàidhealtachd Choitcheann a cheangal nas fheàrr.

Ar Sgeul ga Sgapadh – A’ Ghàidhealtachd Choitcheann: A’ Cleachdadh Turasachd Chultarail gus ar Comas a Thoirt gu Buil

Cumaidh CeangalG co-labhairt mhòr le luchd-labhairt cliùiteach à Alba is à Èirinn ann an Gaoth Dobhair ann an Gàidhealtachd Thìr Chonaill aig deireadh a’ Ghearrain.

Am Portal-lìn

Seo far an tòisich a’ chuid as motha de na tha ag iarraidh barrachd fios mun Ghàidhealtachd Choitcheann. Tha am portal-lìn seo seo na dhoras a-steach agus na chruinneachadh de ghoireasan. An seo gheibh sibh a-mach barrachd mu mhìrean diofraichte na h-obrach – na meadhanan, turasachd, ealain no coimhearsnachd no mun phròiseact fhèin. Sa phortal cuideachd bidh ceanglaichean ri cùrsaaichean air an Lìon ann am margaideachd ann an iomadh cànan, comhairle bho luchd-comhairle agus Gailearaidh leis na h-eisimpleirean as fheàrr de dh’ealain na Gàidhealtachd Choitcheann.

SpreaG Fís

Aonan de na mìrean aig cridhe Ceangal G is e sreath de shia bhideothan le luchd-labhairt iomraiteach a chuireas sinn gu dùbhlan, ann am filmichean air nòs TED, gus na crìochan againn a leudachadh agus gabhail ris na dùbhlanan air fàire.

Ionnsaich bho na Meadhanan as Fheàrr

San sgrùdadh seo le Mìcheal MacCarmaig à Sabhal Mòr Ostaig tha eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr le deich pròiseactan mheadhanan a’ cleachdadh mion-chànain. Tha na pròiseactan barraichte seo nan eisimpleirean de na ghabhas dèanamh le cothlamadh de chomas dùthchasach air aithris sgeulachdan aig luchd-labhairt Gàidhlige is Gaeilge agus na dòighean-obrach às ùre sna meadhanan.

Air Beulaibh a’ Mhic

Cumaibh sùil air an àite seo airson fios a dh’aithghearr mu chothrom ann an trèanadh a chuireas ri sgilean-conaltraidh luchd-obrach turasachd chultarail, nam meadhanan is choimhearsnachdan gus air sgeul aithris do mheadhanan an latha an-diugh. Tha an cùrsa seo ga chur ri chèile ann an co-bhonn ri TG4 is MG Alba.