Bhideothan SpreaG

Abair gu bheil SpreaG na spreagadh. San t-sreath seo de bhideothan bithear a’ sealltainn air urracha mòr agus sgeulachdan spreigeil na Gàidhealtachd Choitcheann leis an amas a bhith a’ brosnachadh dhaoine gu bhith ga dhèanamh seach dìreach ga dheasbad!

Ceangal Choimhearsnachdan: Gearóid Ó Cairealláin

Sa chiad fhear de bhideothan SpreaG thathar a’ sealltainn air Gearóid Ó Cairealláin, fear mòr ann an adhbhar na Gaeilge dhan do dh’èirich sròc ann an 2006 a chuir às dha cha mhòr. Agus e ann an cathair-chuibhlichean a-nis, tha Gearóid ag innse a sgeulachd mhìorbhaileach, mar a rinn e an gnothach air a’ bhàs ann an ICU ospadail agus mar a dh’atharraich e a bheatha an dèidh tighinn às an ospadal. Bliadhna bhon latha a dh’èirich sròc dha, phòs e Bríd Ó Gallchóír agus an-diugh tha e na sgrìobhadair agus neach-aithris soirbheachail, a’ dol timcheall leis an taisbeanadh-aonair aige , The Wheelchair Monologues, air feadh Èireann.

Siuthad, a Ghearóid….


Ceangal nam Meadhanan: Rónán Mac Aodha Bhuí


‘S e craoladair ainmeil aig Radio na Gaeltachta RTÈ agus am fear a stèidhich an Cearcall Cragte, a tha na ghluasad farsaing de dhaoine aig a bheil e mar amas tlachd a ghabhail às a’ bheatha tro mheadhan na Gaeilge, a th’ ann an Rónán Mac Aodha Bhuí. Sa bhideo seo, tha e a’ gairm gun tèid Acadamaidh Roc a stèidheachadh airson luchd-ciùil/seinneadairean/luchd ioma-mheadhanach/eadar-lìon, companaidhean-ciùil ùra, cuairt cuirmean-ciùil agus goireasan eile gus cumail suas ris an ar-a-mach am measg barrachd is barrachd de luchd-labhairt òg na Gaeilge.


Ceangal Choimhearsnachdan: Linda Ervine


Tha obair Linda Ervine a’ cur na Gaeilge air adhart ann an coimhearsnachdan Dìlseach Taobh Sear Bheul Feirste air aon de na clachan-mìle as cudromaiche ann an leasachadh na Gaeilge o chionn beagan bhliadhnaichean. Cha shaoileadh tu a-chaoidh roimhe sin gum biodh clasaichean Gaeilge gan cumail air Rathad Baile Ùr na h-Àirde ann an Taobh Sear Bheul Feirste ach bho 2012, tha an àireamh a’ frithealadh air na clasaichean sa mhisean ann an Taobh Sear Bheul Feirste air a bhith a’ fàs bliadhna bho bhliadhna. Sa bhideo seo aig SpreaG, chan eil Linda a’ cleith nan dùbhlan a tha mu coinneimh idir ach tha i a’ cur dòchais nach beag an cèill gu bheil barrachd den choimhearsnachd aice fhèin a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghaeilge cho mòr na cuid den ìomhaigh Bhreatannaich aca agus a tha i mar chuid den ìomhaigh Èireannaich aig daoine eile. Tha i cuideachd ag argamaid airson barrachd cheanglaichean ri Alba agus mun aisling a th’ aice mun Ghàidhealtachd Aonaichte!


Ceangal Turasachd: Liam Ó Cuinneagáin


Is e Liam Ó Cuinneagáin a stèidhich Oideas Gael, a’ cholaiste shamhraidh Ghaeilge as soirbheachaile do dh’inbhich ach an seo tha cuspair eile aige, leasachadh Slighe Chaluim Chille a chur air adhart, lorg a bheireadh luchd-tadhail bho Ghleann Chaluim Chille a dhùthchais ann an taobh an ear-dheas Thìr Chonaill gu Eilean Idhe ann an Alba. Tha Liam den bheachd gum biodh seo cho math ri Camino di Santiago ann an ceann a tuath na Spàinne/ceann a deas na Frainge agus gum biodh e na mhaoin mhòr mu thurasachd chultarail.


Ceangal nan Ealain: Julie Fowlis


‘S e seinneadair à Uibhist a Tuath sna h-Eileanan Siar a th’ ann an Julie Fowlis, agus tha an dreach cumhachdach a bheir i air òrain Ghàidhlig air a toirt air feadh an t-saoghail. ‘S e Julie a sheinn òran film Disney, Brave, agus nas giorra air ais, b’ i a’ chiad sheinneadair Gàidhlig a thug -mach Urram-ciùil na h-Alba, aig an aon ìre ri leithid Paolo Nutini, Annie Lennox agus Simple Minds. Sa bhideo seo aig SpreaG, tha i brosnachadh dhaoine a tha airson a bhith nan seinneadairean is nan luchd-ciùil eòlas a chur air a’ chànan is air an dualchas aca fhèin leis gum bi na mhaoin dhaibh agus iad a’ dèanamh an slighe san t-saoghal. Tha na h-òrain againn ag innse nan sgeulachdan againn.


Ceangal Gàidhlig: Sabhal Mòr Ostaig


Nochd Sabhal Mòr Ostaig mar thoradh air aisling agus dìcheall, sa chiad dol-a-mach a’ bhancair Iain Noble a chaidh a ghlacadh anns an Eilean Sgitheanach anns an sneachda. Chuir e roimhe oighreachd ionadail a cheannach ann an Slèite agus, le spreagadh bho thuras gu Eileanan Fàro, shìn e ri feum a thoirt às a’ chànan is às a’ chultar ionadail gus ath-bheothachadh eaconamach a chruthachadh anns a’ choimhearsnachd. Sa bhideo seo aig SpreaG, tha am Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal an t-Sabhail, ag innse sgeulachd leasachadh an t-Sabhail bho thùs ann an seann sabhal gu bhith mar Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba le àrainn a bhuineas do shaoghal an latha an-diugh agus còrr is mìle oileanach. Dà fhichead bliadhna air adhart bho thòisich an linn ùr, tha ceum eile de leasachadh a’ dol air adhart le togail na Cille Bige, a’ chiad bhaile ùr air a’ Ghàidhealtachd o chionn còrr is ceud bliadhna ann an Alba no ann an Èirinn.