Seo Sinn – Cló

Air a cur ri chèile aig Oona Hyland. Co-òrdanachadh, Marjorie Carroll. Ìomhaighean, Ian Joyce

A’ Chiad Chuairt: Pròiseact Oghaim

Ghabh Cló turas-rannsachaidh os làimh chun an Eilein Sgitheanaich, gu Inbhir Nis agus Glaschu agus chuir iad am moladh an cois seo ri chèile. Bu mhath le Cló taing a thoirt gu sònraichte don Oifigear-ealain agus don sgioba aig Sabhal Mòr Ostaig airson na thug iad de dh’ùine agus de chuideachadh ann an rannsachadh a’ phròiseict.

Le taic bho CheangalG, tha pròiseact Oghaim a-mach air Gàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann. Tro phròiseact Malartú project, b’ e Cló a’ chiad bhuidheann a tha stèidhichte sa Ghàidhealtachd a chuir prògram iomlaid air mhuinntearas air bhonn le com-pàirtichean Gàidhlig ann an Alba agus tha iad air rannsachadh a dhèanamh a-nis air iomlaid air mhuinntearas trì rathaidean stèidhichte air cuspairean cumanta a’ bualadh air cultar is cànan. Mar thoradh air a’ chuairt, rinn Cló rannsachadh air barrachd cheanglaichean airson iomlaid luchd-ealain air mhuinntearas le Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath, agus làraichean ann man Steòrnabhagh, air an Tairbeart agus ann an Carlabhagh Leòdhais.

Eadar 2010 agus 2014, thòisich is cho-òrdanaich Cló dà phròiseact Eòrpach air an cuideachadh le EACEA le co-mhaoineachadh bho bhuidhnean-ealain ann am Poblachd na h-Èireann le ceanglaichean ann an còig dùthchannan. Tha an rannsachadh ris an do chuir CeangalG a thaic air a bhonntachadh air an eòlas seo agus chìthear bunait Ghàidhlig/Ghaeilge airson pròiseact-ealain eadar-nàiseanta eadar cultaran.

Faic na tha an cois seo.

An Dara Cuairt: Ghabh Cló turas-rannsachaidh os làimh gu Glaschu agus Eilean Idhe

Le taic bho CheangalG, ghabh sinn rannsachadh os làimh mu thionnsgnadh ùr ann an ealain is ciùird a tha an impis tòiseachadh ann an Dùn Fionnachaidh, tìr Chonaill. A rèir thionnsgnaidhean an-dràsta ann an ealain is ciùird ann an Alba ann an suidheachadh coitcheann a thaobh cultair is cànain, rinn sinn rannsachadh air beachdan mu dhèanamh clò, cearamaigeachd, seudraidh agus dathan nàdarra.

A bharrachd air làraichean ann an Glaschu, an dà chuid feadhainn an latha an-diugh agus àrsaidh, chuir sinn cuairt ann am Muile agus ann an Eilean Idhe cuideachd.

Tha Aos Dàna na h-iomairt-ciùird leis an neach-ealain Mhàiri Killen ris an do thachair sinn an toiseach tro Leabhar Mòr na Gàidhlig. Thàinig Mhàiri air còmhnaidheachd a chùm Cló fad bliadhna no dhà do luchd-ealain is luchd-caligraphy à Alba ‘s à Èirinn. Thar nam bliadhnaichean tha sinn air cumail ann an conaltradh agus o chionn ghoirid tha ùidh air a bhith againn ann a bhith a’ cur iomairt den aon seòrsa ri chèile ann an Tìr Chonaill. Tha an t-saothair a tha ga taisbeanadh ann an Aos Dàna gu math àrd ann an inbhe agus i a’ tarraing spreagaidh agus tùs bho na gràbhalaidhean-cloiche maiseach a gheibhear mu Abaid Idhe a’ dol air ais gu tùs na Crìosdaidheachd. Tha e doirbh obair-chiùird a lorg a tha cho math ri seo agus a bhuineas don tùs aice san aon dòigh ri saothair Aos Dàna agus b’ seo aonan de na h-adhbharan a bu mhotha a thug oirnn cuairt a chur ann.

Tha Aos Dàna air a bhith ag obrachadh o chionn mu 15 bliadhna agus dh’fhàs i gu math stèidhichte; tha i a’ dèanamh ath-bhranndaidh an-dràsta agus bha coinneamh fhiosrachail againn mu na modhan a tha an sàs.

Tha e cudromach cur ri ìre obair-chiùird ann an Tìr Chonaill agus tha sinn den bheachd gum faod an t-ionad againn ann an Dùn Fionnachaidh tòrr ionnsachadh bho na h-inbhean àrda saothrachaidh aig a’ bhuidhinn-obrach chiùird seo; thathar a’ dèanamh a h-uile càil air an làraich fhèin ach gun fheumar ullachadh is trèanadh a thoirt a-steach bhon taobh a-muigh. Tha an obair ga dèanamh an dara cuid do choimiseanan prìobhaideachd no ann an deasachaidhean earranta. Tha na prìsean àrda ach chan eil iad cus airson mìrean air leth air an dèanamh le làimh a tha nan saothair-ealain.

A bharrachd air an obair-airgid a bhios Mhàiri a’ dèanamh bidh i cuideachadh a’ taisbeanadh obair-chiùird eile bhon latha an-diugh le ìre earranta de luchd-ealain, dealbhan, clò, tuairnearachd agus seudraidh à clach Eilean Idhe, serpentine agus òmar a gheibhear air cladaichean Idhe, clachan beaga uaine air a bheiol “Deòir Chaluim Chille” nam measg.

Oran agus Iona Crafts

Ghabh sinn ùidh ann an dà iomairt-ciùird eile ann an Eilean Idhe. Tha Oran na bhùth-taisbeanaidh a reiceas cearamaigeachd agus Raku, dòigh àrsaidh à Iapan agus dealbhan ann an dath-uisge ‘s ola de thìr an Eilein, le caochladh luchd-ealain. Tha Oran nas coltaiche ris na bùthan-ciùird a th’ againn ann an Tìr Chonaill mar An Clachan ann an Taigh-òsta na Cùirte ann an Gaoth Dobhair.

Tha Iona Crafts na cho-chomann coimhearsnachd far an dèan iad an cuid clòimh fhèin agus an reic iad bathair air a dhèanamh aiste, adan, stocan, is geansaidhean, stocainnean is miotagan air an dèanamh air inneal air a’ chuid as motha. Tha sinn a’ dèanamh rannsachaidh air datha nàdarra agus a’ siubhal àite sam faigh sinn clòimh is aodach nàdarra gun a bhith air a dathadh an-dràsta agus bha e gu math inntinneach mar sin an iomairt seo fhaicinn, ged a tha sinn a’ feuchainn ri rud gu math eadar-dhealaichte a dhèanamh sinn fhèin.

Dathan nàdarra

Tha iomadh clach-chinn ann an cladh Abaid Eilean Idhe, a tha fo chrotal agus tha sinn air a bhith a’ rannsachadh a’ chrotail seo mar thùs do dhathan nàdarra. Tha leabhar mìorbhaileach Sue Griegson “The Colour Cauldron: Scottish natural dye plants” air a bhith gu math prìseil a thaobh fios agus bha sinn toilichte a leithid a chrotal ainneamh a lorg air na clachan-cinn a chlàraich sinn. Gheibhear an crotal seo ann an Tìr Chonaill cuideachd agus rachadh an cleachdadh bho shean gus clòimh a dhathadh airson a’ chlò, filleagan is bratan-ùrlair. Tha e a’ toirt iomadh bliadhna air cuid den chrotal seo fàs agus feumar am buain gu glèidhteach gus àireamhan a chumail suas, tha an eugsamhlachd a gheibhear ann an Eilean Idhe air leth. Am measg nan lusan-datha eile a chlàraich sinn tha cairt-làir (dhearg), aiteann, cìob na coille, achlasan Chaluim Chille, bròg-na-feannaig, lus an ruisg, cochall a’ mhanaich, ceann-an-sgadain-dheirg agus luibh Chaluim Chille. Tha fèill a’ tighinn air cleachdadh dhathan nàdarra ri linn beagan mothachaidh mun àrainneachd san fharsaingeachd agus ùidh ann am bathar a nithear gu h-ionadail gu sònraichte. Ann an Tìr Chonaill, tha pailteas de na lusan seo againn agus dualchas mu bhith gan cleachdadh a th’ air falbh cha mhòr. Tha sinn air gàrradh-dhathan a thòiseachadh aig Cló agus tha sinn an dòchas aodach is pàipearan nàdarra a chruthachadh airson luchd-ealain is luchd-cruinneachaidh ri reic tron ionadan againn ann an Dùn Fionnachaidh.

Eilean Idhe agus na craobhan. (a thaobh Ogham, am pròiseact cànain.)

A rèir “Betha Colaim Cille”, nuair a rachadh crann-daraich a shèideadh sìos, dh’innseadh Calum Cille dhan luchd-leanmhainn aige gun a ghearradh gu ceann naoi latha agus an uair sin a roinn eadar muinntir an àite, math is dona, trian dheth ri bhith air a chur ann an taigh-aoigheachd don aoigh agus deicheamh cuid mar chuibhreann nam bochd. ‘S ann à darach a thog e an eaglais aige ann an Eilean Idhe – thog e tè eile ann an Èirinn taobh ri doire. Faodaidh gu bheil seo a’ nochdadh gun robh ceangal domhainn ri craobhan bhon àm ron Chrìosdaidheachd. Tha fianais gu leòr air an adhradh a thug na Ceiltich don chraoibh, leatha fhèin no ann an bangaidean, ri faicinn ann an ìre nan sgrìn na urram agus anns an cheangal dhlùth ri tursachan, buillsgean iomadh ionaid choisrigte. Dh’fhaodadh craobhan an ceangal eadar an saoghal shuas agus an saoghal shìos a nochdadh cuideachd, na freumhan aca a’ falbh fon talamh agus na meanglain a’ dìreadh ris na speuran. Do na Ceiltich bha anam fhèin aig a h-uile rud anns an t-saoghal nàdarra. Agus, nuair a thàinig a’ Chrìosdaidheachd thuca, shleamhnaich iomadh dia pàganach a-steach ann am pearsaichean a’ chreideimh ùir gun strì.

Fèis-ealain Taighean Fosgailte Ghlaschu 2 gu 4 Cèitean 2015

Bha de shealbh againn gun robh an turas a Ghlaschu againn aig an aon àm ri fèis nan Taighean Fosgailte ann an Glaschu, buidheann le luchd-ealain na ceann nach bi ag obrachadh airson prothaid. Bheir an fhèis cothrom do luchd-ealain an dà chuid a’ nochdadh agus stèidhichte, na h-ionadan aca – agus ann am mòran shuidheachaidhean, na taighean aca – fhosgladh do luchd-amhairc ùr. Le bhith a’ toirt ealain air falbh bho na h-ionadan-taisbeanaidh stèidhichte agus a bhith ga neadachadh ann an cridhe a’ bhaile – tobhtaichean is togalaichean trèigte, fàsaichean agus àiteachan eile air chùl an t-seanchais – bidh Fèis-ealain Taighean Fosgailte Ghlaschu ag atharrachadh dreach-tìre Ghlaschu, rud a bheir sealladh ùr air a’ bhaile don luchd-chòmhnaidhe aige. Ghabh sinn ùidh mhòr an seo agus thug sinn sùil air saothair air feadh a’ bhaile gu sònraichte ann an ceàrnaidh nan Gorbals far an tug sinn cuairt air Laurieston Arches air Lonaig Cleland Lane; b’ e seo sreath de stuadhan-rèile air an trèigsinn. Bha na taisbeanaidhean ann an riochd saothrach aig làraichean sònraichte le fuaim, leughadh is oirfideas anns an robh mu 17 de luchd-ealain an sàs. Bha a’ chuid as motha den luchd-ealain nan luchd-ceuma MFA à Sgoil-ealain Ghlaschu. Thachair sinn ri neach-ealain Catalanach Cristina Garriga a bha a’ taisbeanadh taisbeanaidh air a ghleidheadh de leabhraichean luchd-ealain agus fhuair sinn ceangal an seo bhon a tha sinn air a’ bheagan bheag de bhuidhnean-obrach a bhios a’ teagasg ceangal leabhraichean luchd-ealain ann an Èirinn, a’ cuideachadh ri luchd-ealain gus leabhraichean luchd-ealain a chruthachadh agus gan cruthachadh sinn fhèin. Tha an fhèis fhèin fosgailte, farsaing, beothail agus na togail-inntinn. Tha e na thogail-inntinn faicinn mar a bhios bailtean is roinnean eile a’ cur nan ealain air adhart, faodaidh sinn tòrr ionnsachadh bho seo.

Taigh-tasgaidh Feachdan na Gàidhealtachd

Chuir sinn cuairt air an taigh-tasgaidh shaor-thoileach seo faisg air Ionad Ealain an Latha air Sràid Sauchiehall. Trì cheud is dà fhichead bliadhna de dh’eachdraidh air a cur an làthair gu beò ann an taigh-tasgaidh beag le taisbeanaidhean eadar-ghnìomhach a bheir eachdraidh na rèisimeid.

Taigh-tasgaidh an Taighe. Sealladh air a’ bheatha gu tràth san 20mh linn ann an Glaschu, seo taigh ceithir seòmraichean san robh tè Agnes Toward a’ fuireach fad còrr is leth-cheud bliadhna air a chàradh às ùr gu dìlis.

Taighean-taisbeanaidh MhicIllFhaolain.

Cyril Gerber Fine Art

Peantadh, tarraing agus deilbheadh le luchd-ealain cudromach à Alba.

Sgoil-ealain Ghlaschu

Thachair sinn ris an neach-ealain Aoife Nic Fheargail à Tìr Chonaill a tha na h-oide ri caligraphy aig an Sgoil-ealain agus na neach-ealain is teigniche-clò iomraiteach a dh’aontaich cuideachadh ri Cló gus saothair ùr a leasachadh airson an ionaid ann an Dùn Fionnachaidh.

Ionad Ealain an Latha

Bùth-leabhraichean agus gailearaidh inntinneach (bha an taisbeanadh ga chur air bhonn) agus taigh-bidhe anns gach àite.

Tuairisc ar thogra CeangalG, Cló, An Fearann Feasa, Ian Joyce, Oona Hyland agus Marjorie Carroll

Réamhrá:

Ba mhaith le Cló buíochas a ghlacadh le CeangalG as a gcuid tacaíochta, ó thaobh eagrúcháin chomh maith le hairgeadas, don togra taighde seo. Tá trácht ar dhá eilimint: tréimhse taistil ó 6ú go 14ú Aibreán 2015 agus dara tréimhse taistil ó 27ú Aibreán go 4ú Bealtaine 2015. Ag am na tuairisce do CheangalG, tá Cló ag bogadh (Bealtaine 2014 go Meán Fómhair 2015) ó chomhlacht ealaíne forbartha (1998 go 2013) go fondúireacht carthanachta nach bhfeidhmíonn le haghaidh brabúis. In 2013, de bharr ciorraithe i maoiniú i gcóir na nEalaíon i bPoblacht Éireann, stad an comhlacht a bheith ag cur fostaíochta ar fáil agus bhunaigh na stiúrthóirí bunaitheoirí comhpháirtíocht chun tograí beo a chur i gcrích lena n-áirítear togra Úr (2012 go 2014) a fuair tacaíocht ó EACEA agus Scoláireacht Maggie Hughie Eoghan (2014). Tá tiomanta ag Cló, An Fearann Feasa deiseanna gairme a chur ar fáil d’ealaíontóirí as an nGaeltacht agus d’ealaíontóirí as cultúir éagsúla ar fud na cruinne chun teacht ar theanga, thír agus thimpeallacht na Gaeltachta.

Ó bunaíodh é, tá roinnt tograí ar ábhar na Gaeilge is na Gàidhlige curtha i gcrích ag Cló. In “Malartú” bhí malartúchán ealaíontóirí cónaitheacha i gceist idir Taigh Chearsabhagh agus Cló Ceardlann na gCnoc Teoranta; rinne togra darbh ainm “Faire” comóradh ar naisc idir Alba agus Éire trí amhráin agus ealaín amhairc. Ghlac na fonnadóirí Lillis Ó Laoire, Màiri Nic a’ Ghobhainn (Leòdhas), Dominic Mac Giolla Bhríde & Cór Taobh an Leithid chomh maith le healaíontóirí amhairc i dtogra faisnéise is taibhithe a reáchtáladh i nGort an Choirce le clár cónaitheachta lonnaithe ag Mín an Leá ( www.clo.ie). I meas tograí beaga eile bhí píosa ealaíne is taibhithe idir disciplíní agus togra leabhar ealaíontóirí.

Le tacaíocht ó CheangalG, tá de mhisneach ag Cló naisc nua a thochailt agus a fhorbairt don todhchaí faoi na réimsí seo a leanas:

  1. Togra nua ealaíne agus ceardaíochta a fhorbairt.
  2. Taighde ar thogra ealaíne idir disciplíní.
  3. Clár cónaitheachta d’Ealaíontóirí Idirnáisiúnta.

D’éirigh na réimsí seo mar ábhar an taighde ar thacaigh CeangalG leis.

Bhí an chéad chuairt go Sabhal Mòr Ostaig thar a bheith tábhachtach le líonra teagmhála a oscailt san Oileán Sciathánach, i Leòdhas, in Uibhist Thuaidh, san Òban agus in Inbhear Nis.

Chabhraigh cruinnithe ag Scoile Ealaíne Ghlaschú, Ionad Ealaín an Lae, Glaschú, Aonad Teicstíle-Scoil Ealaíne Ghlaschú, Ionad Cultúrtha is Turasóireachta san Òban, agus cuairt go hAos Dàna agus láithreáin eile bunaithe ar cheardaíocht ar Í Cholm Cille linn le díriú ar fhorbairt smaointe nua. Sula gcuirtear críoch leis an togra, déanfaidh Cló teagmháil leis na daoine agus na heagraíochtaí a bhféadfadh spéis a bheith acu dul i ngleic leis na tograí seo a leanas:

  1. Ionad ealaíne is ceardaíochta a fhorbairt ag Clós Martha, Dún Fionnachaidh, Tír Chonaill. Seolfaidh Ian Joyce agus Oona Hyland An Fearann Feasa ar 6ú Meitheamh 2015. Le tacaíocht ó CheangalG, rinne na healaíontóirí taighde ar smaointe nua faoi cheardaíochta agus dhearadh lena n-áirítear Intaglio (déanamh priontaí), ceirmeacht, seodra airgid agus ag baint feidhme as dathanna nádúrtha.
  2. Ag forbairt teagmhála le haghaidh “Ogham” togra ilealaíon is taibhithe atá molta ag Ian Joyce.
  3. Cónaitheacht 3 slí idir Éire is Alba do Chló ag díriú ar Leòdhas, Uibhist Thuaidh, Í Cholm Cille agus Gaeltacht Thír Chonaill.