Seo Sinn – Urras Coimhearsnachd Shlèite

SCT logo

Ro-ràdh

Tha luach sònraichte a’ tighinn gu bàrr ann an ceanglaichean tar-chrìochan. Gu h-àraidh nuair a tha sinn a’ bruidhinn air taisbeanadh is brosnachadh mion-chànain aig ìre na coimhearsnachd. ’S e as adhbhar ri seo gun do thog m’ ùidh sa bhad nuair a chuala mi mu dheidhinn a’ phròiseict See us!

An-dràsta, tha mi ag obair mar cheumnaiche aig Urras Coimhearsnachd Shlèite. ’S e buidheann a tha suidhichte sa choimhearsnachd a tha ag obair gus maith na coimhearsnachd a choileanadh a th’ innte. Tha buidheann-carthannais aig teis-meadhan chùisean, is dà chompanaidh co-cheangailte ris. Bidh an t-Urras a’ cleachdadh phrothaidean bhon dà chompanaidh airson pròiseactan a chur air bhonn às leth an Urrais a bhios a’ cur planadh sòisealta, eaconomach agus gleidheadh na h-àrainneachd air adhart.

Ged is e coimhearsnachd a tha reusanta làidir a thaobh na Gàidhlig air sàilleibh Sabhal Mòr Ostaig a th’ ann, tha mi a’ faicinn gum b’ urrainn don Urras barrachd a dhèanamh a chum maith a’ chànain, is bha mi an dùil anns an turas seo ionnsachadh bho bhuidhnean eile ann an Èirinn ciamar a tha iadsan ag obair ri linn an amais seo.

Toiseach an turais

B’ e Didòmhnaich 15mh den t-Samhain a bh’ ann nuair a dhràibh mi bhon Eilean Sgitheanach sìos a Ghlaschu. Às dèidh coinneachadh le Janet Macdonald (Seall Events) ann am Partaig an làrna-mhàireach, rinn sinn ar slighe gu ruige Port-adhair Ghlaschu far an do choinnich sinn le Duncan MacInnes (Seall Events) agus Ariel Killik (Independent State of Happiness).

Às dèidh dàil sa phort-adhair, chùm sinn a’ dol tron adhair le Flybe, is ràinig sinn Beul Feirste mu mheadhan-latha.

Cultúrlann McAdam Ó Fiaich

B’ e seo a’ chiad àite air an liosta againn, is bha fàilte chridheil a’ feitheamh oirnn bho Choncubhar Ó Liatháin. Fhuair sinn cothrom eòlas a chur air Mary Doherty is Coleen Ní Fhearraigh à Dùn nan Gall thar biadh sa chafaidh, is thòisich mi fhìn a’ feuchainn air beagan còmhraidh ann an Gàidhlig is Gàidhlig na h-Èireann. Bha e uabhasach math a’ faicinn mar a bha a h-uil duine den luchd-fhrithealaidh a’ cleachdadh Gàidhlig na h-Èireann – rud a thog deasbad mu phoileasaidh-cànain san àite-obrach am measg na buidhne cuideachd.

B’ e seo an treas turais a bha mi fhìn aig A’ Chultúrlann, is abair gun do mhothaich mi atharrachadh air an àite le fàs an togalaich is seirbheisean air an leudachadh. Togalach ioma-chleachdaidh, le nòs diofraichte cuairt gach oisean. Fhuair sinn deagh thaisbeanadh bho Éimear Ní Mhathúna mu na diofar sheòrsaichean phròiseactan a bha a’ tachairt san togalach, is bha e iongantach an fharsaingeachd de stuth a tha a’ dol ann an àite meadhanach beag.

Linda Ervine – East Belfast Mission.

Linda Ervine - East Belfast Mission

Ghabh sinn tagsi bho thaobh an Iar a-null don Ear gus tadhal a-steach air oifis Linda Ervine suidhichte san East Belfast Mission. Bha na aice ri ràdh mu shuidheachadh eachdraidh Gàidhlig na h-Èireann ann an coimhearsnachdan Pròstanach fìor inntinneach. Bha a nàdar sèimh is dioplòmasach a’ tighinn thairis sa ghuth, is tha e gu math follaiseach nach eil mòran dhaoine ann leis na sgilean a dh’fheumas a bhith aig cuideigin airson an obair seo a choileanadh. B’ e sealladh air cànan is poileataigs nach cuala mi riamh a bh’ ann is chòrd e rium gu pearsanta, air sàilleibh na h-ùidh a th’ agam ann an leasachadh mion-chànain. Cuideachd, ge-tà, ’s e eisimpleir a th’ ann do dhuine no do bhuidheann sam bith air na ghabhas dèanamh le beagan leanaltais agus na thig às a bhith dàna le d’ obair.

Carntogher

’S ann air an dàrna latha a dh’fhalbh sinn tràth bho thaigh-òsta Europa gus dèanamh air Càrn Tòchair ann an siorrachd Dhoire. A-rithist, bha ùidh phearsanta agam anns a’ bhuidheann-choimhearsnachd seo air sàilleibh gun do rinn mi beagan leughaidh orra aig an oilthigh. Ge-tà, bha An Càrn gu math inntinneach air thoradh na ghabhas ionnsachadh airson na h-obrach agam aig Urras Coimhearsnachd Shlèite.

Tha structar obrach An Càrn air a eagrachadh coltach ri Urras Coimhearsnachd Shlèite. A’ gabhail a-steach aon bhuidheann-carthannais sa mheadhan, agus companaidhean eile timcheall air a tha a’ cur adhart am prothaidean suas dhan urras. Ged a tha an dà bhuidhinn coltach ri chèile san dòigh seo ge-tà, tha An Càrn fada nas leasaichte.

Tha seo gu deimhinne air sàilleibh gu bheil An Càrn air a bhith a’ dol airson ùine nas fhaide is tha iad air cliù a chosnadh dhaibh fhèin mar bhuidheann a tha comasach air pròiseactan a choileanadh. Ach, tha buannachdan eile aig An Càrn cuideachd leis gu bheil barrachd na 90% de shluagh na coimhearsnachd a’ buntainn ris an àite. Tha seo a’ leigeil le gus a bhith cùisean a bhith nas fhasa a’ faighinn daoine a bhios a’ tarraing air an aon ràmh, is cuideachd tha e air a bhith innleachdail a thaobh planaidh.

Tha ro-innleachd is amasan An Càrn a’ sìneadh 50 bliadhna a-steach dhan àm ri teachd. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh eaconamach, sòisealta, gleidheadh na h-àrainneachd, agus foghlam a tha uile ag obair còmhla ri linn an amais gus Gàidhlig na h-Èireann a bhrosnachadh, is gum bi Gàidhealtachd air a h-ath-chruthachadh san àite mar a bha uair. ’S e àite annasach a tha seo, is tha an sgioba a tha an lùib nan leasachaidhean ag obair gu cruaidh ‘son na h-amasan a ruighinn.

Craoibhín Ionad Pobail & Fiontar

Craoibhín Community Centre and Enterprise

Airson na cuairt mu dheireadh, fhuair sinn sealladh timcheall an ionaid-choimhearsnachd ann an Tèarmann Dhùn nan Gall far a bheil Mary agus Colleen ag obair. Togalach ùr gleansach a fhuair deagh mhaoineachadh, le goireasan fìor mhath airson spòrs. Chan eil e na iongnadh gu bheil an sgioba ball-coise Èireannach an seo a’ dèanamh cho math sa tha iad!

Tha an t-ionad seo cuideachd a’ solarachadh farsaingeachd eile de sheirbhisean leithid gruagaire, ‘spray tan booth’, taigh-sunntais le sauna agus sgoil-àraich ann an Gàidhlig na h-Èireann agus Beurla. Cuide ri seo tha clasaichean ann an Gàidhlig na h-Èireann, Ju-jitsu, Maths, coimpiutaireachd. Cuideachd bidh iad a’ toirt a-mach rothairean air mhàl do luchd-turais, is le slighean faisg air làimh ann am Pàirc Nàiseanta Ghleann Bheatha.

Co-dhùnadh

Chòrd an turas seo rium gu mòr, is fhuair mi tòrr às. Thug e orm smaoineachadh air cho cudromach is a tha e gum bi a’ Ghàidhlig beò aig teis-meadhan cùisean na coimhearsnachd, is bheir e sealladh air gnìomhan practaigeach air nas urrainn do bhuidhnean a bhith ag obair ri linn an amais seo cuideachd.

Cha robh mòran ann nach do chòrd rium, ach dìreach gum biodh e math ma bhios barrachd dhaoine a’ faighinn a’ chothruim dol air an turas seo. Cha chreid mi gun tàinig pròiseactan sa bhad am bàrr bho na còmhraidhean a bh’ agam, ach, chaidh ceanglaichean a chruthachadh is dh’fhaodte sìol a chur airson an àm ri teachd.