Seo Sinn – Stàt Neo-Eisimileach Sonais

Abair mìos thrang a bha anns an t-Samhain am-bliadhna! Fhuair mi sàr-chothrom pàirt a ghabhail ann an turas-iomlaid gu Èirinn a Tuath agus Dùn nan Gall tron phrògram sgoinneil CeangalG, a tha air a mhaoineachadh leis an Aonadh Eòrpach fon phrògram INTERREG IVA, airson cuideachadh ri co-obrachadh eadar luchd-labhairt an dà chànan Cheilteach a chur air adhart agus a’ ‘Mhòr-Ghàidhealtachd’ eadar an dà dhùthaich a leasachadh. Thug e cothrom dhomh siubhal còmhla ris a’ bhuidhinn chàirdeil bho SHEALL & Urras Coimhearsnachd Shléite bho Alba airson tadhal air An Carn ann an Carn Tóchair.

Cothrom fìor-mhath a bha ann agus tha mi gu math taingeil do CheangalG airson a thoirt dhomh, a dh’fhàg gum b’ urrainn dhomh com-pàirteachaisean ùra gnìomhachais a leasachadh, is an dà chànan againn anns an teis-mheadhan. Tha mi an dùil gu mòr ri bhith ag obair ri dithis de na com-pàirtichean seo aig a’ char as lugha anns an ath bhliadhna agus barrachd sheirbheisean ùr-ghnàthach Gàidhlig agus Gaeilge a lìbhrigeadh.

Tha dealbh ri fhaicinn gu h-ìosal de na bha an sàs anns an turas-iomlaid cuideachd bho Alba (Glaschu & an t-Eilean Sgitheanach), Beul Feirste & & Dùn nan Gall.

isoh-culturlann