Seo Sinn – Seall

17t Samhain

Ràinig sinn Beul Feirste agus chaidh sinn do dh’Ionad na Coimhearsnachd ann am Beul Feirste an Iar gun dàil. Àite farsaing fosgailte le bùth-leabhraichean, ionad-bidhe agus ionad-fiosrachaidh uile san aon àite. Shoirbhich gu math le seo. Chuir a’ choimhearsnachd fàilte is furan oirnn agus an dèidh bidhe, ghabh sinn cuairt mun ionad. Ionad-ealain barraichte agus seòmraichean-cruinneachaidh do gach aois os cionn làr na talmhainn. Talla-cluiche le suidheachain a ghabhas slaodadh a-mach. Bha ceòl ann agus beagan dràma.

Bha mòran den chòmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann, anns an robh Ariel fileanta. Mar chuideigin a dh’ionnsaich Gàidhlig na h-Alba cha robh e cho soilleir ach bhruidhneadh iad anns a’ Bheurla nuair a bha feum air. Bha clàr glè annasach de dh’Èirinn aca air a roinn a rèir nan siorrachdan agus chluinneadh tu, le bhith a’ brùthadh air a’ phutan iomchaidh, an aon abairt ann an Gàidhlig Èireann anns na diofar dhual-chainntean. Bha Gàidhlig na h-Èireann glè chudromach dhaibh agus bha clasaichean Gaeilge gan ruith aca agus iad gan cur air adhart gu mòr.

An dèidh sin chaidh sinn dhan taigh-òsta agus an uair sin ann an tagsaidh gu Beul Feirste an Ear. B’ e seo ionad Skainos ga ruith leis an Eaglais Mhodhaich a bhios a’ tasgadh anns an sgìre. Cha robh ùine gu leòr againn gus an t-ionad fhaicinn ach tha an duilleag-lìn aca glè mhath. An sin choinnich sinn ri Linda Ervine a bha a’ teagasg Gaeilge ged a bhuineas i do luchd an aonaidh. Bha i air a bhith aig coinneamh bhoireannach à diofar chreideamhan agus ghabh i cùrsa-tòiseachaidh ann an Gaeilge agus chòrd e rithe. Chuir i roimhpe clasaichean a thairgse don choimhearsnachd ionadail ged a bha cuid ga faicinn mar chànan taobh an dùbhlain. Bha clasaichean aice ann an cridhe sgìre luchd an aonaidh ann am Beul Feirste. A-rithist bha togalach an ionaid aig ìre gu math àrd.

18t Samhain

Air an dara latha, shiubhail sinn gu An Càrn ann an Càrn Tòchair. Bha seo na ionad-coimhearsnachd barraichte le bùth/oifis a’ phuist/àiteachan-cruinneachaidh anns an aon togalach; agus ann an raon-gnìomhachais air ùrachadh bha taigh-cluiche a ghabhas cleachdadh mar thalla-spòrs cuideachd. Bha àite ann cuideachd airson oifis aig aonad-film san àite ach ‘s e na chòrd rium dha-rìribh an t-slighe-a-steach le àrainn nan suidheachan socair; a rud a bha gu math fàilteachail. B’ e an rud mu dheireadh ann àiteachan-fuirich, dà thaigh le ochd leapannan am fear agus iad air an dealbhachadh gu dòigheil. Bha a’ bhun-sgoil ionadail an ath dhoras, agus mar sin bha an t-ionad ga chleachdadh gu math le muinntir an àite.

Bha a’ bhuidheann seo gu math drùidhteach oir bha tèarmann ann cuideachd, ga ruith leis a’ choimhearsnachd (le Urras nan Coilltean) agus bha iad air rianadair fhastadh air a shon. Bha iad a’ ruith phròiseactan airson na coimhearsnachd air. Bha ceuman coiseachd ann agus ceuman-eachdraidh cuideachd agus bha muinntir an àite an sàs ann an àiteachadh fheannagan. B’ e an rud a b’ fheàrr buileach muileann-gaoithe a bhuin dhan choimhearsnachd a bha dìreach air nochdadh gus beagan teachd-a-steach a chosnadh airson na coimhearsnachd. Bha rùn na coimhearsnachd eagalach fhèin mòr.

Bha a’ chiad dà latha ann an coimhearsnachdan diofraichte bho Shlèite. Buinidh feadhainn Bheul Feirste dhan bhaile-mhòr far am faodadh tòrr dhaoine a bhith an sàs. Bha tè Chàrn Tòchair na coimhearsnachd gu math dlùth le teaghlaichean a’ fuireach san sgìre fad bhliadhnaichean agus a’ cur nan tuathanasan a-null dhan ath ghinealach. Cha robh sgeul air taighean làithean-saora no daoine bhon taobh a-muigh seach ann an Slèite. Bha gaol air Gàidhlig na h-Èireann a bha ann am buidheann ‘dhùthchasach’. Sin tè anns an robh claonadh a-cheana a dh’ionnsaigh cultar is cànan na h-Èireann. Air adhbharan eachdraidheil bha pailteas de luchd an aonaidh san sgìre faisg air làimh seach ann an Càrn Tòchair.

19t Samhain

Air an latha mu dheireadh rinn siad air Èirinn, agus an Tèarmann faisg air Leitir Ceanainn, far an robh ionad na coimhearsnachd ann an sgìre nas coltaiche ri Slèite. Coimhearsnachdan nas lugha le barrachd taigheadais sgapte. Bha an coltas air an àite gun tug e buannachd à beairteas nan Ceilteach agus bha pailteas thaighean ùra. Bha ionad-spòrs barraichte ann a dh’fheuch iad ri cruthachadh na thalla-cluiche ach cha robh na dòighean-fuaimneachaidh ach mu làimh agus bha iad den bheachd gum biodh aca ri barrachd a dhèanamh gus a bhith freagarrach airson thachartasan. A-rithist, anns a’ choimhearsnachd bha gruagaire agus buidheann-gràbhalaidh. ‘S ann air an Lìon a chaidh a’ chuid as motha de dh’obair a’ ghràbhalaiche a dhèanamh. Bha sgoil-àraich agus cùram an dèidh na sgoile airson na bun-sgoile thall. Bha àrainn-eacarsaich anns an ionad cuideachd a bha air a dheagh chleachdadh leis a’ choimhearsnachd agus sgioba ball-coise na sgìre. Cha robh fèill air an t-sauna idir, annasach gu leòr. Bha fèill air clasaichean-oidhche ann an caochladh chuspairean.

Bha an gnìomhachas-iomairt aca fhèin aca a bha a’ leigeil a-mach rothairean air mhàl, a chaidh a’ chuid as motha aca a chleachdadh ann am fearann oighreachd a’ chaisteil, a bhuineas dhan Stàit, faisg air làimh. Bha rothairean-dealain cuideachd air an robh fèill mhòr. Bha an coltas air seo gun do tharraing e teachd-a-steach agus bha iad a’ fastadh duine gus na rothairean a chumail suas.

Bha clasaichean Gaeilge gan cumail aca cuideachd ach thuirt iad gun fheumadh iad an sanasachadh barrachd.

Beachdan san fharsaingeachd

Bha a’ bhuidheann gu lèir air maoineachadh fhaighinn airson nan ionadan aca agus bha iad fhathast a’ faighinn maoineachaidh gus luchd-obrach fhastadh. Bha ìre àrd de thogail anns na togalaichean.

Bha com-pàirteachas agus rùn nan coimhearsnachdan ionadail gu math drùidhteach gu sònraichte a thaobh Gàidhlig na h-Èireann ann an Èirinn a Tuath. Ged a bha car an aon taic bhon choimhearsnachd agus gnìomhachas ionadail ann an Slèite, tha Slèite nas sgapte agus nas lugha. Chan ionann coimhearsnachd na croitearachd ann an Slèite agus na th’ ann an Càrn Tòchair, ‘s e th’ ann an croit ann an Èirinn 50 acair agus nas coltaiche ri tuathanasan beaga mar sin. Bha na caoraich air feadh an àite ge-tà. Bha cuid de thuathanaich a’ cur cuideim air gnèithean ainneamh de chrodh no de dh’eich mar eugsamhlachd. ‘S e na bha coltach gun robh obraichean eile aca seach nach robh gu leòr ann an tuathanachas gus an teaghlach a chumail. Cuideachd, dh’fheumadh na daoine òga dol dhan bhaile-mhòr gu tric airson foghlam àrd-ìre agus obraichean.

Chan eil an aon dealas airson cànan nan Gàidheal againn is a tha aig na coimhearsnachdan ann an Èirinn. Ach tha amasan cultarail car coltach ann ged a tha iad buailteach feadhainn na Gaeilge a chur air thoiseach. Bha barrachd adhartachaidh de dh’imeachdan Gaeilge na na bhios sinn a’ dèanamh ann an Slèite agus bidh iad a’ cur cuideim air an teaghlach a bhith a’ bruidhinn na Gaeilge aig an taigh seach gu bheil iad a’ faicinn sin mar an dòigh gus an cànan a chur air adhart.

B’ e an diofar mòr a bha ann san fheadhainn a-muigh air an dùthaich an cuideam air spòrs. Tha CLG na rud mòr ann an Èirinn agus bidh na coimhearsnachdan a’ tighinn còmhla gus taic a chur ri sgioba na sgìre. Nuair a ràinig sinn an Tèarmann bha postairean ann a’ dèanamh gàirdeachas ri sgioba ionadail nam boireannach a bha san fharpais nàiseanta. “Shin Sibh, a Chlann-nighean”.

Taing dhan a h-uile duine a chuidich gus a’ chuairt a chur air dòigh. ‘S e turas math dha-rìribh a bh’ ann.

Seònaid NicDhòmhnaill