Seo Sinn – Moira Ní Ghallachóir

Air adhbharan an turais seo, bheir sinn tarraing air an fheadhainn air fad a bha an sàs anns an turas-rannsachaidh seo mar “a’ bhuidheann”.

glasgow-celtic-studies

Ariel Killick – Independent state of happiness – Thug Ariel dhuinn ceanglaichean gu math feumail agus fiosrachadh a thaobh a bhith ag obair leis a’ chànan ann an Alba. Faodaidh a’ bhuidheann obair ISOH, a tha na bheachd math dha-rìribh, a chur air adhart. Tha e leamh gu bheil tàire aig Ariel agus gu bheil e gu math doirbh dhi dol air adhart leis a’ ghnìomhachas aice. Bha Ariel gu mòr air a brosnachadh a bhith ag ionnsachadh mu mhodal, soirbheachadh agus na tha san amharc aig mng le Rock agus Roam agus am bathar eile againn.

Coffee agus Craic – Choinnich a’ bhuidheann ri Sarah Boland, a tha air cùl na h-iomairt sòisealta seo. Dh’innis i dhuinn mun eachdraidh agus mo chothroman air a bhith ag obair leis a’ chànan ann an Alba. Bhruidhinn mng mu thachartas còmhla, Coffee agus Craic does Rock agus Roam. Mar thoradh air a’ choinneimh seo, cuiridh mng tachartas a’ bualadh gu sònraichte air Coffee agus Craic air dòigh agus tha i a’ moladh làithean sònraichte ann an 2016.

Conradh na gaelige – Choinnich a’ bhuidheann ri Evin a chuir obair Chonradh na Gaeilge ann an Glaschu an làthair. Chaidh deasbaireachd dhomhainn a chumail mu leasachadh a’ chànain agus mu na cothroman air turasachd air a bonntachadh air cànan. Thug sinn leabhraichean, bileagan, fiosrachadh agus cothroman air a bhith ag obair còmhla san ùine air thoiseach air càch-a-chèile.

Slighe na Gàidhealtachd an Iar – Choinnich a’ bhuidheann ri Gordon Forrester a th’ air a bhith aig cridhe leasachadh na slighe seo. Thug Gòrdan lèirsinn dhuinn air mar a bha coimhearsnachdan ionadail a’ toirt buannachd à tionnsgnadh mar seo, mun eachdraidh agus mar a tha e air fàs thar nam bliadhnaichean. Dh’ionnsaich sinn mun chothrom do ghnìomhachasan ùra ionadail air slighean-coiseachd mar seo, leithid luchd-giùlain trealaich, àiteachan-fuirich dorm, luchd-treòrachaidh, ionadan-bidhe agus mar a thathar air barrachd thachartasan eile a spreagadh. Tha Gòrdan deònach aithisgean a chur thugainn air àireamhan, aithisgean eòlas-inntinn agus fios feumail eile agus a bhith air làimh airson taic sam bith le tionnsgnaidhean sam bith eile mar seo.

Seach gun deach a’ choinneamh le muinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean a chur dheth, dh’fhalbh Sìle is Màiri tràth.

John Carmichael – Choinnich mng ri treòraiche is fear-cànain ionadail sa Ghearastan. Bha a bhith a’ coinneachadh ri John air leth feumail seach gum b’ urrainn dha mìneachadh a thoirt air dè na tionnsgnaidhean ionadail ann an turasachd a tha soirbheachail agus carson. Thug e lèirsinn dhuinn cuideachd mu thursan prìobhaideachd, cò am prìomh luchd-obrachaidh a th’ ann, na bhios iad a’ cosg, far an tèid iad. Bha ùidh aig John gu h-àraidh ann am mar a dh’fhaodamaid obrachadh còmhla ri turas Chaluim Chille oir tha e ga fhaicinn mar chothrom mòr ceangal a dhèanamh a thaobh eachdraidh, dualchais is cànain. Bhruidhinn sinn air na cothroman turas Chaluim Chille mng a leudachadh gu Alba agus mar a chuireadh John ri sin a thaobh na seirbheis aige fhèin cho math ris an lìonra aige air tìr-mòr na h-Alba agus anns na h-Eileanan. Tha John air mòran den lìonra aige a nochdadh ri mng agus tha e ag iarraidh gu mòr ceanglaichean ri Tìr Chonaill a neartachadh.

Raon Nis – Ionad Luchd-tadhail – Took a tour around the range, spoke to the staff about how they were incorporating the language into the experience and the difficulties this involved. Also did a survey with the visitors around whether they would consider Donegal as a destination for adventure, and what other adventure activities appealed to them. Learned a lot about the visitor experience, for adventure, the use of language, signage implications and the type of tourist who enjoy adventure holidays. The possibility of a staff visit to Donegal, to take part in Rock agus Roam in 2016. They have annual event every year and are always looking for new places to visit.

cnag-glasgow

Dòmhnall Morris- Comann na Gàidhlig – Inbhir Nis – Thug mng taisbeanadh do Dhòmhnall air seirbheisean is bathar mng. Bha ùidh gu h-àraidh ann an Rock agus Roam seach gu bheil cùrsa le cur-seachadan dùraigidh tro mheadhan na Gàidhlig ga chur an altaibh a chèile aig Comann na Gàidhlig an-dràsta. Thug Dòmhnall lèirsinn mhòr air na buidhnean-gnìomha leis a bheil iad ag obair gus cothroman air cur-seachadan air a’ bhlàr-a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh agus chì iad cothrom gun teagamh air obrachadh san ùine air thoiseach le Comann na Gàidhlig agus buidhnean eile a tha ri turasachd-dùraigidh agus cànan.

Maggie Nic a’ Ghobhainn – Carabaraich. Treòraiche san dà chànan le ùidh ann an eachdraidh, chuir mng turas Chaluim Chille an làthair agus bhruidhinn sinn air mar a dh’obraicheadh turas car coltach ris ann an Alba. Thug Maggie lèirsinn seachad mu chion taice ri seirbheisean Gàidhlig agus mu na tha iad a’ dèanamh gus an cànan a chur air adhart ann an coimhearsnachdan ionadail le tachartasan sònraichte, leithid seinn Ghàidhlig, ceòl dualchasach, oidhcheannan de dh’fhilmichean Gàidhlig agus cuairtean ionadail gu làraichean-àrsaidheachd. Chaidh deasbad a chumail air tòrr bheachdan mu bhith ag obair còmhla. Nochd Maggie ùidh ann an treòrachaidh turas Chaluim Chille ann an Alba ann an co-bhann ri mng.

Maggie-and-Moira

Ionad-ghoireasan Ravenspoint – Choinnich sinn ri Mairead, manaidsear an ionaid. Tha an t-ionad seo ann an suidheachadh air leth agus e ri taobh làraichean-àrsaidheachd a bhuineas do Chalum Cille. Tha an t-ionad seo cuideachd na ghoireas deatamach don choimhearsnachd, agus e na ionad airson eachdraidh is dualchais cuideachd, tha uimhir ri thairgse aig a’ choimhearsnachd ionadail a thaobh a bhith a’ cur ri fiosrachadh ionadail. Fhuair mng turas air a threòrachadh mun àite mun cuairt agus choinnich sinn ris an sgioba air fad. Chaidh turas Chaluim Chille a chur an làthair agus thèid an cothrom gum bi Ravenscraig mar chuid den turas-latha air taobh na h-Alba a leasachadh a-nis anns na mìosan a tha romhainn.

John Randall – Urras Leabhraichean nan Eilean – Bhruidhinn sinn air mar a dh’fhaodadh urras nan leabhraichean buannachd à ceangal ri comainn-eachdraidh ann an Tìr Chonaill agus Doire Chaluim Chille. Chuir mng turas Chaluim Chille an làthair cuideachd. Cuiridh an t-urras taic ri mng gus an turas a chur air adhart mar a tha e an-dràsta agus cur ris an t-slighe a th’ ann an-dràsta gus Alba a thoirt a-steach ann an 2016.

San dealachadh:

Bha seo na chothrom mòr mòr agus fhuair na h-uile a bha an sàs ann barrachd lèirsinn air turasachd ann an Alba. Tha iomadh cothrom ann a bhith ag obair còmhla agus chì sinn tòrr chothroman air obrachadh le mòran de na buidhnean-gnìomha ris an do choinnich sinn air an turas seo. Bu mhath leinn taing a thoirt do CheangalG airson seo.

Chuir a leithid de thasgadh agus a thathar a’ cur ri turasachd ann an Alba e iongnadh mòr oirnn aig amannan agus tha sinn den bheachd gu bheil iad fada air thoiseach oirnn ann an Èirinn, gu h-àraidh ann an Taobh Siar Thìr Chonaill. ‘S e eisimpleir taghte a th’ ann de na ghabhas dèanamh agus tha tòrr ann a dh’ionnsaicheas sinn.

Gus a bhith ag obair nas fheàrr san àm air thoiseach, bu mhath leam ceistean a chur a bhiodh nan cuideachadh le tachartasan a-rithist agus riochdairean an sàs annta.

Bha buill den bhuidhinn gun robh an turas air a bhith na b’ fheumaile nan robhar air a chumail aig an àm as dripeile gus am faiceamaid a’ chuid a b’ fheàrr de na h-àiteachan air an do thadhail sibh agus barrachd de ghnìomhachas na turasachd ann an Alba san fharsaingeachd fhaicinn. Bha e mìorbhaileach an dèidh sin Ceann a Tuath na h-Alba fhaicinn fo shneachda agus cho beag a bhuaidh agus a thug seo air seirbheisean is còmhdhail. Tha e cudromach toirt fa-near gun robh buill den bhuidhinn gu math teagmhach à bhith a’ siubhal le carbad an dèidh sneachda trom a bhith ann agus teothachd fo neoni.