Seo Sinn – Lorg Chaluim Chille

Co-labhairt Chaluim Chille CheangalG

Tìr Chonaill, Ògmhios 2014

Crìsdean Mac an t-Saoir, Lorg Chaluim Chille

Suidheachadh: Math (ach a-mhàin gun robh againn ri imrich gu taigh-òsta eile aig an deireadh)

Òraidean na co-labhairt: Air a’ chuid as motha bha na h-òraidean inntinneach ged a bha feadhainn dhiubh rud beag tioram. Bha an t-seirbheis eadar-theangachaidh glè mhath. I

An seisean mu leasachadh Slighe Chaluim Chille: Tuilleadh is goirid agus cha tàinig e gu co-dhùnadh iomchaidh no cha tug e adhartas ann an da-rìribh dhan ath cheum.

Mar threòraiche luchd-turais b’ e seo aonan de chuspairean na co-labhairt as motha san robh ùidh agam fhìn agus fhuair mi rud beag de bhriseadh-dùil nach deach a leasachadh barrachd agus gu dearbh fhèin gun deach a dhèanamh ann an cabhag gu ìre.

Tursan: Anns an fharsaingeachd bha na tursan gu na diofar àiteachan agus an turas timcheall air Eilean Thoraigh glè mhath agus air an deagh eagrachadh agus cha robh duine sam bith a’ faireachdainn gun robh cabhag orra. B’ e an taobh seo den cho-labhairt an rud a b’ fheàrr na mo bheachd agus thug e beatha do thionnsgnadh Chaluim Chille gu lèir. Bha e air còrdadh rium na b’ fheàrr nam b’ e gun robh na tursan fighte ris na h-òraidean seach an uimhir sin de dh’òraidean troma air a’ chiad latha!

Toirt gu buil na co-labhairt: Coinneachadh ri càch-a-chèile. B’ e seo gun teagamh an rud a b’ fheàrr an lùib an tachartais air fad. Leig e le daoine leis an aon ùidh ann an Caluim Cille is a leithid coinneachadh agus lìonradh a chumail le càch-a-chèile. Mar thoradh dìreach air seo, thàinig Bernie Moran, treòraiche luchd-turais ionadail a bha aig a’ cho-labhairt cuideachd a-nall a dh’Earra Ghàidheal san Lùnastal agus choinnich sinn fad greis fhad ‘s a bha i air a slighe gu Ì Chaluim Chille agus bhruidhinn sinn air dòighean eil gus Slighe Chaluim Chille a leasachadh agus ceanglaichean nas dlùithe a chruthachadh eadar Earra Ghàidheal agus Gàidhealtachd na h-Èireann.

Bha àireamh farsaing dhaoine ann ach bha mi den bheachd gun robh claonadh rud beag a dh’ionnsaigh luchd an fhoghlaim seach an fheadhainn air an làr mar ghnìomhachasan ionadail, luchd-treòrachaidh, luchd-ciùird agus an leithid ach saoilidh mi gun tig leasachadh air sin ri tìde mar a bhios na rudan seo. ‘S e adhartas a th’ ann gu bheilear air tòiseachadh air oidhirp a dhèanamh gus Slighe Chaluim Chille tro Èirinn is Alba a chur air adhart agus tha mi mothachail gum bi na rudan seo a’ toirt ùine is airgid ach leig a’ cho-labhairt seo fhaicinn gu bheil an rùn agus an ùidh ann.

Co-dhùnadh: Saoilidh mi gur h-e beachd glè mhath a th’ ann an CeangalG leis gu bheil e air ‘drochaid’ a leasachadh eadar Taobh an Iar na h-Alba agus Gàidhealtachd na h-Èireann. Gu ruige seo dhomh fhìn chuir e cuideam air an iomadach ceangal agus amas a th’ againn agus tha barrachd eòlais agam a-nis air na tha dol air adhart tarsainn a’ chuain bho seo ann an Earra Ghàidheal agus gum faod mi barrachd cheanglaichean a dhèanamh le treòraichean, luchd-eachdraidh is an leithid. Tha mi an dòchas gun cùm an obair seo air adhart agus gum faod muinntir na h-Èireann tighinn a-nall a dh’earra Ghàidheal agus don Eilean Sgitheanach agus do na h-eileanan a-nis agus fiù dol air cuid de shlighe Chaluim Chille tro Earra Ghàidheal a-null a dh’Ì Chaluim Chille.

Bha an rianachd ann an fharsaingeachd airson co-labhairt mar seo math fhèin ge-tà.