Seo Sinn – Forbairt Feirste

fobairt-feirste

Aithisg air turas a Ghlaschu

Às leth Forbairt Feirste, chuir sinn iarratas a-steach gu CeangalG airson turas-rannsachaidh a Ghlaschu, gus ceanglaichean a chruthachadh le daoine is buidhnean Gàidhlig agus leas coitcheann mu cho-obrachadh ann am pròiseactan a nì leasachadh air coimhearsnachdan-cànain a chur air adhart. B’ e am prìomh-amas a bh’ againn coinneachadh ris an fheadhainn a tha an sàs ann am pròiseactan Iomairt Shòisealta agus Gàidhlig don òigridh.

Anns an Dùbhlachd 2014, chuir Forbairt Feirste companaidh iomairt shòisealta, Camchuairt, air bhonn, aig a bheil e mas amas obrachadh mar chompanaidh-turasachd co-chomainn a bheir tursan dualchais is cultarail seachad a bheir a-steach an òigridh agus bheir cothroman-cosnaidh do mhuinntir na Gaeilge.

Chuir sinn an turas air dòigh le taic is comhairle bho Mhanaidsear CheangalG ann am Beul Feirste, Concubhar Ó Liatháin a thug dhuinn ceanglaichean is lìonraidhean rin rannsachadh. Bha an turas againn gu bhith ann thar dà oidhche is trì latha, bho mhadainn Diardaoin 29 gu feasgar Disathairne 31 Faoilleach.

Chuir sinn uimhir a dh’fheum agus a b’ urrainn dhuinn air an tabhartas-taice againn agus thug sinn sianar air an turas-rannsachaidh: Feargal Mac Ionnrachtaigh, Bronagh Fusco, Aodh Corcoran, Conchúr Ó Muadaigh, Orlaith Nic Siacais and Conchúr Mac Siacais, a tha uile nam buill de Chamchuairt le eòlas aca air obair-òigridh tro mheadhan na Gaeilge.

Diardaoin 29 Faoilleach

fobairt-feirste-coffee

Dh’itealaich sinn feasgar Diardaoin aig 12.30, 29 Faoilleach agus rinn sinn dìreach air an àite-fhuirich againn ann an Taigh-òsta Earra Ghàidheal a tha suidhichte ann an Triantan Gàidhlig Phartaig ann am meadhan Ghlaschu. Choisich sinn timcheall sa bhad airson coinneamh fhoirmeil le Sarah Bolland aig 2f, a th’ air an iomairt Ghàidhlig Coffee and Craic a thòiseachadh. Bha a’ choinneamh torach agus dh’aontaich sinn a cumail ann am Beul Feirste nuair a thig i a-nall a thadhal air a’ Chultarlann sa Cheathramh Ghàidhealach.

San fheasgar chaidh sinn gu oidhche chiùil is seinn ann an Gàidhlig ann an Malone’s am meadhan Ghlaschu. Thachair sinn an sin ris an fhear Ghàidhlig Aonghas MacLeòid a thug tuairisgeul dhuinn air an iomairt neo-eisimeileachd ann an Gàidhlig, Bu chòir.

Dihaoine 30 Faoilleach

 

Madainn Dihaoine, chaidh sinn an uair sin agus choinnich sinn ri Evin Ó Dubhaigh aig 11m, neach-leasachaidh Chonradh na Gaeilge ann an Glaschu. Thug esan air sgrìob cultarail mu Ghlaschu sinn, le cuairt gheàrr air oifisean Bhòrd na Gàidhlig agus Chomann na Gàidhlig.

An dèidh lòin, thadhail sinn air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gus coinneachadh ri Alison Ní Dhorchaidhe, Oifigear-òigridh aig Comann na Gàidhlig agus ghabh sinn pàirt sa chomann-òigridh sheachdaineil aice Cèic is Cabadaich eadar 12.45 agus 2f, aig am bi na daoine òga ag ithe cèic agus a’ cleachdadh bruidhinn na Gàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil is aotrom.

Choinnich sinn an uair sin ri Catrìona Chaimbeul Iar-cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thug turas-iùil gu math mionaideach dhuinn mun sgoil-àraich, mun bhun-sgoil agus mun àrd-sgoil Ghàidhlig a tha air an aon làraich.

Oidhche Dihaoine, ghabh sinn pàirt sna seiseanan ann an Triantan Gàidhlig an Snaffle Bit, Taigh-seinnse na Pàirce agus Taigh-òsta Ìle agus chaidh ar cur an aithne do bheagan de luchd na Gàidhlig.

Disathairne 31 Faoilleach

fobairt-feirste-edi

 

Dh’fhàg sinn Taigh-òsta Earra Ghàidheal an dèidh bracaist agus fhuair sinn an trèana bho stèisean Ghlaschu gu Lìte ann an Ceann a Tuath Dhùn Èideann aig deich uairean.

Rinn sinn dìreach air an Out of the Blue Drill Hall ann an Lìte a tha na ionad-coimhearsnachd cultarail a-nis.

Eadar 11.30 agus 2f, ghabh sinn pàirt ann an co-labhairt air maoineachadh a chùm an t-ollamh Pòl Stiùbhart bho Oilthigh Shrath Chluaidh, ann an co-bhann ri riochdairean bhon bhuidhinn Ghaeilge a tha stèidhichte ann am baile-mòr Àrd Mhacha, Cairde Teo, Gearóid Ó Macháil agus Tommy McKearney nam measg.

Chruthaich a’ cho-labhairt seo iarrtas a chaidh dhan AE air 1 Màrt, a’ cur cuideim air lìonra foghlaim foirmeil a chruthachadh de luchd nan aonaidhean-ciùird agus luchd cultarail, stèidhichte thar 3 no 4 de na dùthchannan ann an com-pàirteachas gus deagh-chleachdadh agus beachdan cruthachail a roinneadh mu mhodalan co-òrdanachaidh eaconamaich agus leasachaidh chultarail. Ma shoirbhicheas leis, cruthaichidh an lìonra seo tursan-iomlaid eadar na dùthchannan ann an com-pàirteachas anns am bi luchd aonaidhean-ciùird, luchd-stiùiridh coimhearsnachd, luchd cultarail, iomairtean sòisealta, buidhnean-òigridh is buidhnean-spòrs an sàs.

Aig còig uairean feasgar, ghlac sinn an trèan air ais a Ghlaschu agus tacsaidh dhan phort-adhair agus dhachaigh leinn.

Bho àm an turais, tha a’ Cholaiste Ghaeilge a tha stèidhichte ann am Beul Feirste leis am bi sinn ag obair gu dlùth, Colaiste Feirste, air a bhith air turas-iomlaid eile gus tadhal air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, dìreach air an t-seachdain a chaidh. Tha Alison Ní Dhorchaidhe bho Chomann na Gàidhlig air a bhith ann an conaltradh gu cunbhalach cuideachd mu iomlaid-òigridh a dh’fhaodadh barrachd fios a thoirt do luchd Gàidhlig mu leasachaidhean tionnsgalach ann am Beul Feirste a thaobh obair-òigridh tro mheadhan na Gaeilge.