Seo Sinn – Dhail nAraidhe

Cuairt Dhail nAraidhe gu Alba 16 gu 18 Faoilleach 2015

Comann-taigheadais Ghleann Riada

A Chaidh buidheann-obrach agus taisbeanadh a thoirt le Bean-an-Taighe againn, Anna Dundas aig Comann-taigheadais Ghleann Riada. Pròiseact ann an iomairt shòisealta leis a’ choimhearsnachd na cheann a ghlèidh an toiseach agus an uair sin a thug beatha ùr a’ chuid seo de Shràid Duke. A’ tòiseachadh ann an 1975 le bhith a’ càradh aon lobhta le aon seòmar tha am pròiseact air fàs an-diugh gu tionndadh de 2.6 millean not an comhair na bliadhna le uallach airson còrr is 1100 de thaighean, an dà chuid air mhàl agus air an reic ris a’ choimhearsnachd ionadail air prìsean reusanta. Bha an sgeul annasach seo mar chuspair do phrògram-aithriseachd air BBC 2 ” The Secrets Of Our Streets ” agus ‘s e eisimpleir a tha gu fìrinneach misneachail a th’ ann, a’ leigeil fhaicinn dè as urrainn do choimhearsnachdan a bhuineas don luchd-obrach, san t-suidheachadh seo mòr-chuid de bhoireannaich shaor-thoileach, dèanamh le obair chruaidh agus rùn.

Thug Dr Adamson OBE mar Neach-taice na buidhne againn copaidhean den leabhar aige air Dail nAraidhe agus an Seann Tiomnadh againn ann am Beurla na h-Alba a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid. Is e seo a’ chiad turas riamh a chaidh an Seann Tiomnadh a thionndadh gus cruth riaghailteach de chànan is de ghràmair Beurla na h-Alba!

Tha Comann-taigheadais Ghleann Riada aig 13 Sràid a’ Ghleanna Ghil, Glaschu, 01415542406

Iomradh “chòrd e rium coinneachadh ribh an-diugh agus dhrùidh am Bìoball agus an leabhar Albais gu mòr orm. Tha mi ‘n dòchas gun cùm a’ bhuidheann agaibh oirre a’ fàs làidir, ma thèid againn air cuideachadh ann an dòigh sam bith, nach leig sibh fios thugainn.”
Irene @ Reidvale Housing

Buidheann-obrach aig Taigh-bidhe Redmonds

Taisbeanadh le Mghr. Miskimmin, aig a bheil am bàr seo a dh’fhosgail o chionn ghoirid ann an ceàrn car bochd den bhaile-mhòr. Tha gnìomhachasan eile ga leantainn a-nis agus tha ùrachadh na coimhearsnachd seo a’ dol air adhart. Agus e mar an aon ghnìomhachas-dibhe ann an Glaschu a phàigheas an luchd-obrach Tuarastal Beò seach an tuarastal as ìsle le sgeama gus prothaidean a roinneadh cuideachd, tha an gnìomhachas seo air a bhith gu mòr sna meadhanan ionadail mar thoradh air a’ nòs-mhalairt seo. Tha Connor air a bhith ann am prògraman còcaireachd air Telebhisean na h-Alba cuideachd a’ nochdadh a’ bhidhe fhallain aige, gu sònraichte an taghadh air leth a th’ aige de bhonnaich bhlasta air an lìonadh! An dèidh an taisbeanaidh, bha bidhe barraichte den chiad ìre againn feasgar le ceistean is freagairtean.

Tha Redmonds aig 304 Sràid Duke, Glaschu

Taigh-tasgaidh Mara na h-Alba

Lean sinn oirnn air an turas againn làrna-mhàireach le bhith a’ gabhail bus is dràibhear air mhàl agus abair gun robh e eòlach anns an àite ionadail agus gu math cuideachail. B’ e a’ chiad àite aig an do stad sinn Caisteal Dhùn Breatainn, làrach Rìoghachd àrsaidh Shrath Chluaidh agus ceangal dìreach aig an eachdraidh is an dualchas aice ri Dail nAraidhe agus Rìghrean Ulaidh bho shean, agus a tha a’ ceangal a-steach ris na tursan-raoin a thug sinn ann an Dùn Athad agus Cnoc nan Craobh. Tha ceangal dìreach cuideachd ris an Naomh Pàdraig – math dh’fhaodte gun tàinig e bhon sgìre. Sgrìobh Pàdraig litir gu Croticus, Rìgh Dhùn Breatainn ga chàineadh airson a bhith an sàs ann an tràillean fhad ‘s a bha e a’ gairm gun do bhuin e dhan Chreideamh Chrìosdail. B’ e a’ chiad neach gun teagamh a dh’iompaich Pàdraig ann an Uladh Bròna, nighean Tòiseach Dhail nAraidhe, Milchu.
Tha ainm an dùin seo mar fhianais air cho dlùth agus a bha an dà shluagh, an dà dhualchas agus an dà chànan againn bho shean. Chaidh a sgrios leis na Lochlannaich a thug feum à creach a chuideachadh gus Baile Àtha Cliath a stèidheachadh mar mheadhan na cumhachd aca ann an Èirinn. Lean an caisteal air mar ionad-cumhachd sna Linntean Meadhanach agus chaidh a chleachdadh mar ghearastan aig an arm gus o chionn ghoirid.

Tha Caisteal Dhùn Breatainn far an A82, còd-postachd G82 1JJ, 01389 732167

An dèidh làimhe shiubhail sinn gu Taigh-tasgaidh Mara na h-Alba faisg air làimh far an do ghabh sinn tlachd à cuairt mun togalach àlainn seo bho Linn Victoria, a chaidh a thoirt le treòraiche gu math dealasach. Agus ‘Cathair-eaglais Innleadaireachd’ ga gabhail air mar ainm aig amannan, bha an togalach seo na shamhla air teicneòlas ùr an ama agus bha e mar dhachaigh don Denny Ship Model Experiment a chleachd modalan bhàtaichean ùra gus an dearbhadh mus deach na bàtaichean fhèin a thogail, rud a thug toraidhean daingeann do chompanaidhean nan long. Bha buidheann-obrach ann an taigh-bidhe an taigh-tasgaidh an dèidh làimhe, cha b’ urrainn dhuinn ach coimeas a dhèanamh le gàrradh-bhàtaichean ainmeiil againn fhìn, Harland is Wolff ann am Beul Feirste aig a bheil eachdraidh car coltach de leasachadh is leudachadh agus an uair sin ìsleachadh le buaidh air an luchd-obrach agus iad a’ strì gus mairsinn san t-saoghal ag atharrachadh agus cosnadh fhaotainn agus na teaghlaichean aca bheathachadh ann an ginealach ùr.

Taigh-tasgaidh Mara na h-Alba, Sràid a’ Chaisteil, Dùn Breatainn, 01839 763444

taing mhòr do Fantastic Scottish Destinations Minibus Tours 0141 2787277

Taigh-tasgaidh Creideimh an Naoimh Mungo

Agus an deireadh-seachdain againn a’ tighinn gu crìch, ghabh sinn romhainn dhan rud mu dheireadh againn, cuairt gu Taigh-tasgaidh Mungo nan iomadach duais ann an Glaschu, a chaidh ainmeachadh, gun teagamh, air naomh a’ bhaile sin.

Rud a bha gu sònraichte inntinneach, b’ e an taisbeanadh a th’ ann an-dràsta, ” In Honours Cause ” a chomharraicheas cuimhneachain Ghlaschu air a’ Chogadh Mhòr, rud a dhrùidh air a’ bhuidhinn againn a tha air a bhith an sàs ann an tachartasan ann an 2014 mar chomharrachadh air ceud bliadhna bho àm a’ Chogaidh agus a rinn frithealadh cho math air nochdadh Claidheamh na h-Ìobairte ann an Glas Naoidhean ann am Baile Àtha Cliath.

Tha an taigh-tasgaidh na chomharrachadh air samhlaidhean is ìomhaighean ceangailte ri Creideamh agus chuidich e rinn gu beachd a ghabhail air an strì phoilitigich agus ann an creideamh san dùthaich againn fhìn ann an Èirinn a Tuath. Tha taisbeanaidhean ann cuideachd air an aois, air a’ bhàs agus air creideamh nan Ro-Chrìosdaidhean, nan Ceilteach, nan Caitligeach, nam Pròstanach, nan Iùdhach agus nam Muslamach.

An dèidh Àm nan Ceist is nam Freagairtean, bha anns eile againn nuair a choinnich sinn ri Maor an Taigh-tasgaidh, Brian MacRiada, a ghabh gu gràsmhor ris an tiodhlac againn bhon Ollamh Iain MacAdhaimh OBE de chopaidhean den t-Seann Tiomnadh ann an Albais. Mar a chaidh a ràdh cheana, ‘s e seo a’ chiad tionndadh riamh den t-Seann Tiomnadh gu Beurla lom na h-Alba le gràmar riaghailteach!

Bha e faireachdainn neònach don bhuidhinn againn à Uladh a bhith a’ buileachadh Bìobaill à Alba air Taigh-tasgaidh Albannach ann an Albais ach tha mi an dòchas gun tèid e gu math le cuspair an Taigh-tasgaidh de shamhlaidhean is de dh’ìomhaighean an cois creideimh. Tha sinn air conaltradh fhosgladh leis an Taigh-tasgaidh agus bidh sinn toilichte barrachd chopaidhean a thoirt seachad air iarrtas. Thug seo a’ chuairt againn gu Alba gu crìch. Dh’ionnsaich sinn tòrr agus bha gheal a b’ fhiach an ùine a chuir sinn seachad.

Taigh-tasgaidh Creideimh an Naoimh Mungo, 2 Sràid a’ Chaisteil, Glaschu, 0141 2761625