Seo Sinn – Cuairt Còisir Ìochdair agus Ghèirinis

Cuairt Còisir Ìochdair agus Ghèirinis Iochdar gu Gaoth Dobhair, Tìr Chonaill, Èirinn

Dihaoine 21 Samhain 2014

San fheasgar chuir sinn sgairt air Dónall Mac Ruairí, craoladair le Radio na Gaeltachta mu bhith a’ seinn ann an Taigh Leo. An dèidh dhuinn nochdadh aig an taigh-sheinnse, chaidh innse dhuinn gur dòcha nach fhaigheamaid cothrom seach gun robh dàil air cùisean ach chaidh iarraidh oirnn seinn mu dheireadh thall ron phrìomh fheadhainn The Jeremiahs, còmhlan à Baile Àtha Cliath. Ghabh sinn ‘E ho ro tha mi ’n dùil ri bhith tilleadh’ agus chòrd e ris an t-sluagh gu mòr. Mus do sheinn sinn, bha Peigi air a’ chòisir a chur an aithne agus bhruidhinn i air an sgoil-shamhraidh agus na cuirmean-ciùil aig Ceòlas. Bha duine na dithis ris an do thachair sinn aig an robh ceanglaichean ri Uibhist a Deas agus dh’fhàg sinn beagan chlàran Gaoth an Iar san taigh-sheinnse gun fhios nach robh leth-bhreac a dhìth orra.

Disathairne 22 Samhain 2014

Air madainn Disathairne choinnich sinn ri Mìcheal MacAoidh a tha na urra mòr aig Ealain na Gaeltachta, pròiseact car coltach ri Pròiseact nan Ealain sna h-eileanan. Bha Mìcheal gu math laghach agus bha ùidh dha-rìribh aige sa chòisir againn agus ann an Ceòlas.

Thug e gu studio Radio na Gaeltachta aig RTE ann an Tìr Chonaill sinn far an do choinnich sinn ri fear-aithris air an robh Paddy a thug sinn air chuairt timcheall air togalach an studio. Dh’fhàg sinn leth-bhric de Gaoth an Iar aig Paddy agus chluich a cho-obraiche Damien Ó Dónaill òran bhon chlàr air a’ phrògram aige  Cas Ceirnín agus thug e an clàr air falbh mar dhuais. Thuirt Paddy nan robh fios air a bhith aige gun robh sinn a’ tighinn gun robh e air agallamh a dhèanamh leinn agus iarraidh oirnn seinn beò air a’ phrògram aige.

An dèidh làimhe, thug Mìcheal dhan tSeanBheairic sinn, ionad luchd-tadhail san Fhàl Charrach. San ionad tha taigh-bidhe, taigh-tasgaidh, taisbeanadh agus bùth agus bidh e a’ cur caochladh thachartasan eachdraidheil, ciùil agus ealain air dòigh.

Bha Mìcheal ag iarraidh beachd a ghabhail air ceanglaichean eadar an obair aige fhèin agus na thathar a’ dèanamh ann an Uibhist aig Ceòlas. Bhruidhinn sinn air feadhainn de na pròiseactan anns an robh Ceòlas an sàs mar an sgoil-shamhraidh, na co-labhairtean agus EOST agus thug sinn dha fios mu Mhary Schmollers agus an oifis aig Ceòlas.

Gheibhear Mìcheal aig m.macaoidh@udaras.ie agus 353 87 2863693. Bhiodh e gu math toilichte cluinntinn bho Cheòlas agus dh’ainmich e nuair a bha e òg gun d’rinn e a’ chùis air Barraigh a thoirt a-mach ach nach d’ràinig e Uibhist a Deas. Thug e dhuinn cuireadh dhan Ghailearaidh san fheasgar airson taisbeanadh-ealain.
San fheasgar thadhail sinn air pàirc nàiseanta Ghleann Beatha agus chaidh ar toirt air chuairt ann an caisteal suaicheanta Ghleann Beatha.

Nas fhaide air adhart chaidh sinn dhan Ghailearaidh agus choinnich sinn ri Mìcheal agus cuideachd ri Rònan, fear-aithris aig Radio na Gaeltachta agus PJ O Curran is Kathleen bhon Chrannaig. Tha aonan de na prògraman Gaeilge as motha fèill ann an Èirinn aig Rònan agus tha e a’ tuigsinn beagan Gàidhlig. Is e a tha sa Chrannaig buidheann a bhios a’ brosnachadh na h-òigridh gu ceòl is seinn. Mhìnich PJ gu bheil a’ Chrannag air cur gu mòr ri àireamh nan daoine òga is nan inbheach le chèile a tha an sàs ann an ceòl o chionn beagan bhliadhnaichean. Mar eisimpleir, ‘s gann gun robh guth air cluich a’ choncertina ann an Tìr Chonaill idir còig bliadhna air ais ach an-dràsta tha co-dhiù dà fhichead neach òg ga chluich ann an sgìre Ghaoth Dobhair. Bidh a’ Chrannag a’ frithealadh gu cunbhalach air fèis anns a’ Ghearastan agus bha ùidh mhòr aca san sgoil-shamhraidh aig Ceòlas.

Tha farsaingeachd dhrùidhteach de shaothair luchd-ealain ionadail ga taisbeanadh aig a’ Ghailearaidh e fhèin. Chaidh cuireadh a thoirt dhuinn seinn aig an taisbeanadh agus, a-rithist, ghabh sinn ‘E ho ro tha mi’ n dùil ri bhith tilleadh’ a chòrd ris an luchd-tadhail agus an luchd-ealain.

Tha ceangal YouTube gu h-ìseal ri clàradh air fòn den chòisir a’ seinn aig a’ Ghailearaidh, taing do sheanail YouTube Ealain na Gaeltachta a chaidh a chur air an Lìon le Mìcheal fhèin, tha fios:

Bho sinn chaidh sinn gu taigh-seinnse Hiúdaí Beag agus chaidh cuireadh a thoirt dhuinn seinn a-rithist agus ghabh a’ chòisir ‘Teann A-nall’. Ged a bha sinn rud beag a-mach à gleus aig an toiseach, chòrd e riutha gu mòr agus chaidh fear eile iarraidh oirnn agus ghabh Màiri Flòraidh agus Mairead ‘Cearcall a’ Chuain’. Chaidh a shealltainn dhuinn cuideachd mar a dh’òlas tu Guinness gu ceart agus fhuair sinn a-mach carson a tha e caran cunnartach gun leigeil leis socrachadh sìos agus an uair sin òl ann am balgaman mòra. ‘S dòcha gum bi againn ri fheuchainn turas no dhà mus fhàs sinn eòlach air.

Didòmhnaich 23 Samhain 2014

Air Didòmhnaich chaidh sinn gu Aifreann ann an Eaglais Mhoire sna Doireachan Beaga aig 11 sa mhadainn. Bha e na annas gun robh an aifreann, na laoidhean agus na liotrichean-naidheachd uile ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Shiubhail sinn an uair sin gu Leitir Ceanainn airson an fheasgair agus thadhail sinn air Gaoth Dobhair gus coinneachadh ri Màiri Britton a thug sinn air chuairt mu Ionad an Naoimh Pàdraig. Tha an t-Ionad air a dhèanamh suas de thogalach le àite-eacarsaich, seòmar-coimpiutaireachd, studio-ciùil/dannsa agus caochladh sheòmraichean eile agus gàrradh air a dheagh ghleidheadh agus air a sgeadachadh gu h-ealanta.

Tha an goireas ga chleachdadh airson caochladh phròiseactan aig a’ choimhearsnachd mar chlasaichean Gaeilge, ealain, dèanamh chliabh, teagasg ann an dannsa-ceum, teagasg ann an ceòl, studio-clàraidh, tachartasan cultarail, taigh-bidhe, goireas seòmar-coimpiutaireachd, bùth-aodaich, tai chi, yoga, toinneamh, sgoil-àraich agus àite-eacarsaich gun ach beagan dhiubh ainmeachadh.

San dealachadh, chòrd e rinn gu mòr ann an Tìr Chonaill agus bu mhath leinn taing a thoirt do Mhàiri is do Cheòlas airson an cothrom a thoirt dhuinn a dhol ann. Bu mhath leinn dol air ais gu mòr aon uair ‘s gu bheil sinn air òran no dhà eile ionnsachadh.