Seo Sinn – Colleen Ferry

17 Samhain 2014

Beul Feirste – Cultúrlann

Dh’fhàg a’ bhuidheann againn Tìr Chonaill madainn Diluain agus rinn sinn ar slighe gu Beul Feirste, ga ruigsinn aig 12.30f. Chaidh sinn dhan àite-fhuirich againn ann an taigh-òsta an Europa.

Chaidh sinn dhan Chultúrlann an uair sin far an d’fhuair sinn fàilte bho Choncubhar Ó Liatháin agus dh’fhuirich gus an nochdadh an còrr den bhuidhinn bho SHEALL.

Bha lòn againn sa Chultùrlann agus dh’ionnsaich sinn mu chàch-a-chèile agus an uair sin fhuair sinn cuairt timcheall air a’ Chultùrlann bho Éimear Ní Mhathúna. Fhuair sinn a-mach gu bheil Clàr-ealain gu math beothail aig a’ Chultúrlann a bhios a’ cur cànan is cultar na Gaeilge air adhart ann an ionad tlachdmhor do luchd-turais agus do mhuinntir an àite le chèile.

Thàinig sinn còmhla feasgar gu dìnnear ann an Taigh-bidhe an Europa le càch agus bha Concubhar ann cuideachd. Bhruidhinn sinn barrachd air cò às a bha a h-uile duine a’ tighinn.

18 Samhain 2014

Machaire Ràtha – An Carn

Thug sinn às gu Machaire Ràtha madainn Dimàirt agus ràinig sinn an t-ionad aca, An Carn.

An dèidh dhuinn nochdadh, choinnich sinn ri Niall a bha gu bhith gar stiùireadh timcheall fad an latha agus ghabh sinn srùbag agus an uair sin fhuair sinn taisbeanadh fad dà uair a thìde mun Chàrn agus an eachdraidh na lùib. Chaidh Buidheann-coimhearsnachd Chàrn Tòchair a stèidheachadh ann an 1992 a chuideachadh ri caochladh cheistean – gus coimhearsnachd Chàrn Tòchair a neartachadh, a sheasmhachd eaconamach, àrainneachd agus chultarail san ùine fhada a dhaingneachadh às ùr agus cur ri cruth is cumadh na coimhearsnachd ann an sgìre Chàrn Tòchair anns an fharsaingeachd. An deidh an lòin againn, ghabh sinn cuairt mu na goireasan mìorbhaileach aca agus dh’ionnsaich sinn mu mhaoineachadh agus mar a chleachdas iad an t-àite-obrach aca.

Thug Niall sinn an uair sin gus sealltainn air fear de na trì rothan-gaoithe a fhuair iad maoineachadh air an son agus an uair sinn chaidh sinn air turas gu Tèarmann-coimhearsnachd Dhruim Dham a tha na earrann 80 acair de dh’fhearann-coille a dh’fhosgail ann an 2000 agus a tha air a bhith air a dheagh chleachdadh le muinntir an àite agus feadhainn eile bhon uair sin.

19 Samhain 2014

Tìr Chonaill Craoibhín - Buidheann-leasachaidh an Tèarmainn

Thàinig a’ bhuidheann gu ionad-coimhearsnachd Craoibhín ann an Tìr Chonaill far an do choinnich iad rium fhìn agus ri Màiri. Thug sinn fiosrachadh dhaibh mu na bhios sinn a’ dèanamh san ionad agus dh’innis sinn dhaibh gur h-e goireas a bhuineas dhan choimhearsnachd a tha san ionad agus ann tha ionad cùram-cloinne, talla-spòrs, raon-cluiche, ionad-eacarsaich, sauna, ionad-coimpiutaireachd, seòmraichean-coinneachaidh agus ionadan-malairt airson maitheas na coimhearsnachd air fad, eadar òg is aosta. Is e an t-àite as motha ri gabhail a-mach air iasad an talla mhòr againn le àrd-ùrlar agus lobhta fon talamh. Is e am pròiseact as motha air a bheil sinn ag obair an-dràsta buidheann-dràma ionadail a chur air chois leis gu bheil àrd-ùrlar againn san talla againn a tha sinn ag iarraidh cleachdadh.

Seach gu bheil SEALL gu mòr an sàs ann an cur nan ealain air adhart bha e math còmhradh a chumail ris a’ bhuidhinn air mar a ruitheas iad an cuid thachartasan agus mar a ghabhas iad gnothach ri ceistean sam bith.

Thug sinn a’ bhuidheann air turas mun togalach agus sheall sinn dhaibh na rothairean againn a tha gan ruith le GrassRoutes, agus dh’fheuch iad an seann rothar àrd againn fiù. Chaidh GrassRoutes a stèidheachadh agus a rianachd le Buidheann-leasachaidh an Tèarmainn. Tha e stèidhichte aig a’ Chraoibhín. Tha a’ bhuidheann seo a tha stèidhichte sa choimhearsnachd a’ feuchainn ri cosnadh ionadail a chruthachadh le bhith a’ dol an sàs anns a’ phròiseact ùr thionnsgalach seo ann an turasachd dhùthchail.
Mus do dh’fhalbh a’ bhuidheann gu Beul Feirste a-rithist, thug sinn iad gus cuairt a chur ann am Pàirc Nàiseanta Ghleann Beatha, far am bi sinn a’ leigeil nan rothairean againn a-mach air iasad. Fhuair iad an casan fhaicinn a bhios na rothairean a’ leantail agus ghabh iad turas mun chaisteal.

Abair gun do chòrd Turas Seall Sinn! Le CeangalG rinn. ‘S e turas math dha-rìribh a bh’ ann dheth agus chan fhaigheadh tu buidheann na bu laghaiche mar chuideachd.
Bha a h-uile càil aire a chur air dòigh cho math sin le taing do Chlaire NicNeacail a chùm rian cho dòigheil air cùisean.

Seach gum bi buidheann-dràma ionadail ga stèidheachadh againn an seo san ionad againn, fhuair sinn tòrr bheachdan bhon turas againn, bho shoillseachadh gu suidheachadh nan suidheachan gu cur an àrd-ùrlair air dòigh.