Seo Sinn – Cairde Teo

cairde logo

Cuairt CAIRDE Teo gu Inbhir Nis agus gu Steòrnabhagh

25 gu 28 Samhain 2014

Aithisg

Tha caochladh amasan bunaiteach aig CAIRDE Teo a tha fa-near don bhuidhinn an toirt gu buil ann an 2015/16 an dèidh dhuinn cuairt a ghabhail agus comhairle a chur ri luchd-margaideachd, -ionmhais agus -rianachd aig Ionad-ealain An Lanntair, sgioba aig Ionad Luchd-tadhail Chùil Lodair ann an Inbhir Nis agus riochdairean bho Roinn nan Goireasan Daonna aig Oilthigh Shrath Chluaidh. Air thoiseach am measg nan amasan againn tha:

  1. Plana-gnìomhachais mu thaigh-bidhe ùr Gàidhealach mar iomairt shòisealta a chur ri chèile ron Ghiblean 2015.
  2. Togalaichean iomchaidh agus goireasan gu leòr fhaighinn gus taigh-bidhe ùr Gàidhealach a sgeadachadh ron Dùbhlachd 2015.
  3. Ullachadh a thoirt do shianar Ghàidheal gus taigh-bidhe ùr Gàidhealach ann am baile-mòr Àrd Mhacha a rianachd is a ruith ron Dàmhair 2015.
  4. Plana-gnìomnhachais mu Bhùth agus Ionad Luchd-tadhail ùr a chur ri chèile ro dheireadh a’ Ghiblein 2015.
  5. An acfhainn, na togalaichean agus na goireasan eile gus Bùth agus Ionad Luchd-tadhail fhosgladh fhaighinn ron t-Sultain 2015.
  6. Ullachadh a thoirt do cheathrar bhon choimhearsnachd ionadail gus Bùth agus Ionad-tadhail a rianachd is a ruith ann am baile-mòr Àrd Mhacha ron Dùbhlachd 2015.

Mothachail air na h-amasan bunaiteach seo, chuir na coinneamhan is ceanglaichean a bh’ againn ann an Alba cuideam air:

  • sealltainn air mar a dh’fhaodadh Gàidhlig a bhith mar chuid bunaiteach don choimhearsnachd/iomairt;
  • cleachdadh na Gàidhlig mar mheadhan-conaltraidh sa choimearsnachd/san iomairt;
  • cur iomairtean agus chothroman air adhart ann an com-pàirteachas eadar CAIRDE Teo agus An Lanntair;
  • fastadh agus ullachadh sgioba san dà chànan airson iomairtean-coimhearsnachd.

A’ Chuairt

Chaidh riochdairean bhon sgioba iomairt shòisealta againn – Julie Ní Néill agus Máire Ní Phronntaigh – air chuairt gu Alba aig deireadh na Samhna. Air an latha a ràinig sinn, ge-tà, chuir an droch shìde stad oirnn bho bhith a’ siubhal bho Inbhir Nis gu Steòrnabhagh agus dh’fhàg e gun deach a’ chiad latha air fad cha mhòr a chall anns a’ phort-adhair a’ feitheamh air fios a thaobh air nuair a bhiodh e sàbhailte siubhal. Nuair a ràinig sinn An Lanntair air an dara latha, ge-tà, bha coinneamh anabarrach math againn le riochdairean bho luchd-stiùiridh agus bho na roinnean ri aoigheachd is solar aig prìomh ionad-ealain nan Eilean Siar.

Thug luchd-stiùiridh aig An Lanntair air cuairt mun togalach sinn agus thug iad mìneachadh mionaideach dhuinn air mar a fhuaireadh an làrach agus mar a chaidh am pròiseact-calpa gus a thogail a thoirt air adhart thar ùine fichead bliadhna cha mhòr. Mhìnich Catrìona NicIlleathain, Manaidsear na Bùtha agus Neach-gleidhidh nam Pròiseactan Sònraichte dhuinn na dòighean, na buannachdan agus an call an lùib ionad-ealain a chumail le fiosrachadh feumail air rianachd, maoineachadh, reic agus stiùireadh phròiseactan. Dh’ionnsaich sinn cuideachd mu socio-demographics a’ bhaile far a bheil sluagh de nas lugha na 10,000 agus Gàidhlig aig mun dara cuid aca.
Thug barrachd choinneamhan le riochdairean bhon taigh-bhidhe fiosrachadh gu math luachmhor air na tha an lùib taigh-bidhe dà-chànanach a ruith bho latha gu latha. Rud a tha inntinneach, tha ceadachadh aig an taigh-bhidhe a tha gu tur air leth bho phrìomh iomairt An Lanntair. Chaidh na h-adhbharan ri seo a mhìneachadh agus thug iad sealladh ùr dhuinn air na diofar roghainnean air a bheil cothrom againn mun taigh-bhidhe dhà-chànanach a tha san amharc againn fhìn ann an Àrd Mhacha.

An dèidh dhuinn tilleadh ri tìr-mòr air Latha a Trì, bha coinneamhan againn le riochdairean bho Ionad Luchd-tadhail Chùil Lodair ann an Inbhir Nis agus bho Oilthigh Shrath Chluaidh. Bha an dà choinneamh gu math torach agus làn fiosrachaidh.

Chaidh Ionad Luchd-tadhail Blàr Chùil Lodair fhosgladh às ùr anns an Dùbhlachd 2007 agus buinidh e don Urras Nàiseanta. Bha tàire aig na goireasan a bh’ ann roimhe a thaobh a’ chùis a dhèanamh air na h-àireamhan mòra de luchd-tadhail aig na h-amannan as trainge. San ionad agus taisbeanadh ùr, gabhaidh sgeul Chùil Lodair air fad innse ann an dòigh thionnsgalach agus eadar-ghnìomhach a bhios tarraingeach don teaghlach air fad. Dh’ionnsaich na riochdairean bho CHAIRDE Teo tòrr air mar a ghabhas ionad cultarail a tha beothail is ùr a ruith leis an tasgadh is an taic a tha a dhìth. Air an latha a thug sinn seachad ann an Cùil Lodair, threòraich an sgioba sinn tro ghoireasan ùra àrainneachdail an ionaid, na taisbeanaidhean aca air an Eachdraidh Bheò, an taigh-bidhe barraichte, bùth bheairteach a’ bhathair agus na h-àiteachan airson coinneamhan-foghlaim, rannsachadh, taisbeanaidhean, co-labhairtean, cur-air-bhog stuth agus tachartasan eile.

Bha an ceangal mu dheireadh againn ann an Inbhir Nis le riochdairean bho Roinn nan Goireasan Daonna aig Oilthigh Shrath Chluaidh, an t-Ollamh Pòl Stiùbhart agus a cho-obraiche an Dr. Brian Ó Gairbhith. Tha Oilthigh Shrath Chluaidh a’ cur a taice ris na h-amasan is na cinn-chrìche ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha i air rùintean is dleastanasan nan cois a chomharrachadh gus a dhèanamh cinnteach gun cuir Srath Chluaidh mar as fheàrr a dh’fhaodas i ri seasmhachd cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba san àm air thoiseach. Bhruidhinn na riochdairean aca air a’ chothrom a th’ ann an dà-chànanachas a bhith na USP sna planaichean againn airson taigh-bidhe is bùth sa choimhearsnachd san ionad-chultair a tha air lom ann an Àrd Mhacha. Thug iad bileagan dhuinn air fastadh, sòisea-chànanachas agus Plana Gàidhlig an Oilthighe a chaidh a chur ri chèile ann an 2012 air iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig. Chaidh am plana seo ullachadh le Oilthigh Shrath Chluaidh fo earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha riochdairean CAIRDE air cur air dòigh cheana gun tèid barrachd cheanglaichean a chruthachadh le Sgoil a’ Ghnìomhachais aig Oilthigh Shrath Chluaidh agus bidh iad an làthair aig co-labhairt aig an Oilthigh san Fhaoilleach 2015 gus ro-innleachd trì bliadhna airson pròiseactan-iomairt foghlaim eadar-chultarail anns an Roinn Eòrpa a leasachadh. Cuideachd, tha riochdairean bhon Lanntair agus bho Chùil Lodair deònach barrachd comhairle a thoirt dhuinn air gnìomhachas agus pròiseactan nuair a bhios e gar dìth. Tha Oilthigh Shrath Chluaidh air aontachadh cuideachd cuairtean a chur air dòigh gu Àrd Mhacha a chuideachadh ri dearcnachadh oifigearan CHAIRDE agus pròiseactan-iomairt ùra gan cur air bhonn aca.

Anns an dealachadh, dh’aontaich oifigearan CHAIRDE Teo gun robh a’ chuairt Seall Sinn! Aca na clach-mhìle gu math cudromach dhaibh a chuireas ri bun-structar baile-mòr Àrd Mhacha a thaobh luchd-turais is luchd-tadhail. Dhaingnich a’ chuairt an rùn a th’ againn ionad Gaeilge a leasachadh ann am baile-mòr Àrd Mhacha a spreagas cruthachadh is leasachadh iomairtean cultarail a’ tòiseachadh tro ullachadh, taic agus cothrom air togalaichean air prìs reusanta. Chaidh tòrr ionnsachadh, ceanglaichean a dhèanamh agus eòlas a thogail ri linn nan trì latha dripeil.

Bu mhath le CAIRDE Teo taing a thoirt do Phrògram Seall Sinn! CheangalG airson an cuid taic-airgid agus tha fiughair againn ri bhith a’ leasachadh barrachd thionnsgnaidhean le sgioba CheangalG.

Leis gach deagh dhùrachd,

Máire Ní Phronntaigh, Oifigear-leasachaidh Reicean

CAIRDE Teo, Sràid Thòmais, Àrd Mhacha, BT61 7AE

Fòn: 028 37515229   Post-d: eolas@cairdeteo.com   Lìon: www.cairdeteo.com