Seo sinn – An Crann Òg

turas-glasgow-3

Turas a Ghlaschu le buill den chòmhlan An Crann Òg à Gaoth Dobhair

Chaidh buill den chòmhlan-chiùil An Crann Òg air cuairt deireadh-seachdain gu Glaschu eadar Dihaoine 30 Faoilleach agus Didòmhnaich 1 Gearran 2015.

B’ e adhbhar an turais coinneachadh ri daoine bho mhuinntir na h-Èireann ann an Glaschu mar chuid de cheanglaichean leanmhainneach a’ chòmhlain-chiùil againn le muinntir na Gàidhlig ann an Glaschu.

Thathar air na ceanglaichean seo a chur ri chèile thar àireamh bhliadhnaichean agus iad a’ leantainn air cuairtean cultarail gu Tìr Chonaill le muinntir na Gàidhlig ann an Alba agus gu Glaschu, Dùn Èideann agus an Gearastan le muinntir na Gaeilge agus buill den chòmhlan-chiùil againn fhìn An Crann Òg.
Bha a’ bhuidheann a shiubhail aig an deireadh-sheachdain air a dèanamh suas le buill den chòmhlan Cathal Ó Cuireáin, Éimhear Nic Comhaill, Megan Nic Giolla Comhaill, Síle Ní Ghallchóir agus Caitríona Ní Ghribín. Còmhla riutha bha an stiùiriche-ciùil aca P. J. Ó Cuireáin.

Oidhche Dihaoine chaidh a’ bhuidheann gu Shawlands ann am baile-mòr Ghlaschu agus chluich iad ceòl aig tachartas cultarail a chuir buidheann Ghàidhlig ionadail air dòigh.

Disathairne bha a’ bhuidheann ann an Talla-ciùil Rìoghail Ghlaschu mar chuid de dh’fhèis nan gCeanglaichean Ceilteach. Dh’èist iad ann ri feadhainn den luchd-chiùil òg eile a bha a’ cluichd ri linn na fèise.

Oidhche Disathairne air cuireadh bho Chonradh na Gaeilge Ghlaschu chaidh a’ bhuidheann gu ionad Èireannach Phàirc an Rìgh gus pàirt a ghabhail ann an hòro-gheallaidh Oidhche nam Brìdeagan san àite. Choinnich iad ri Evin Downey agus Mairead Ní Ghallchóir bho Chonradh na Gaeilge, cho math ri Hiúdaí Ó Fearraigh agus feadhainn eile de mhuinntir an àite aig a bheil ceanglaichean làidir ri Tìr Chonaill. ‘S e oidhche sgoinneil a bha ‘n seo agus chaidh An Crann Òg an sàs ann an dèanamh nam Brìdeagan. An dèidh seo bha srùbag is criomagan agus an uair sin fhuair iad oirfideas bho chòmhlan-cèilidh ionadail. Chaidh An Crann Òg air an àrd-ùrlar an uair sin agus chluich iad dha na bha an làthair agus rinn iad dannsa aig a’ chèilidh an dèidh làimhe cuideachd.

An dèidh an turais aca gu Glaschu, tha An Crann Òg a’ cur turas beag air dòigh, a’ dol dhan Eilean Sgitheanach, dhan Òban, dhan Ghearastan agus gu Glaschu air deireadh na Sultaine 2015. Tha iad a’ dol a chumail orra a’ cur leis an eòlas is an tuigse aca air a’ Ghàidhlig agus bidh iad a’ coinneachadh ri oileanaich bho oilthigh Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach am measg dhaoine eile. Seo leanmhainn air neartachadh nan ceanglaichean a chaidh a thogail thar iomadh linn eadar an dà roinn, tron Ghàidhlig is tron Ghaeilge agus tro cheòl dualchasach na h-Alba ‘s na h-Èireann.

Bu mhath leis a’ Chrann Òg aideachadh is taing a thoirt do CheangalG airson an iomlaid chultarail seo a chur air dòigh agus a mhaoineachadh. Tha sinn an dòchas cumail oirnn a’ cur ris na ceanglaichean againn ri Alba agus an luchd-ciùil òg againn a bhrosnachadh gus na ceanglaichean seo a chumail a’ dol anns an ùine romhainn.