Seo Sinn – An Cosán Glas

Ghabh triùir stiùirichean a’ Chasain Ghlais, Seumas MacUalraig, Annio Carr agus Deirdre NicBhrianain an cothrom a thug Turais-iomlaid ‘Seall Sinn’ aig CeangalG gus tadhal air tionnsgnaidhean cultarail ann an Èirinn a Tuath.

Dihaoine

Group_an_carnAn Carn

Thadhail sinn air a’ Chàrn ann am Machaire Ratha

An dèidh dhuinn ruigheachd, choinnich sinn ri Niall Ó Catháin a dh’innis a h-uile càil dhuinn mu Chomann Coimhearsnachd Chàrn Tòchair. Sheall e dhuinn na goireasan mìorbhaileach, Ionad Cho-labhairtean, Bùth-ciùird, Ionad-ealain, Seòmar IT, ionad-ciùil/-dràma agus àiteachan-fuirich nam measg, Chuir neart na Gaeilge sa choimhearsnachd seo iongnadh nach bu bheag oirnn.

An dèidh lòin a thug a’ choimhearsnachd seachad, thug Deirdre NicBhrianain taisbeanadh le sleamhnagan a’ soillseachadh nan tionnsgnaidhean a ghabh An Casan Glas os làimh thar nam bliadhnaichean.

Choinnich sinn ri Glenn White agus Kelley Hann, maoir aig Tèarmann-nàdair Coimhearsnachd Dhruim nan Damh agus mhìnich iad mu na tionnsgnaidhean snaigheadaireachd a rinn iad ann agus mu na tha san amharc aca don ùine air thoiseach. Sheall iad dhuinn cuideachd leasachadh leanmhainneach nan sabhal agus nam bàthaichean air an Tèarmann. Fhuair sinn a-mach gun robh tòrr an cumantas againn ris na h-amasan aca agus dhèanamaid fiughair ri tionnsgnaidhean a chruthachadh còmhla san àite san ùine romhainn.

Didòmhnaich

Group_Cultarlann Group_Drumnaph

Chaidh coinneamhan Disathairne a chur dheth agus a chumail a-rithist Didòmhnaich. Choinnich sinn ri Éimear Ní Mhathúna agus Aisling Ní Labhraí bho Chultúrlann McAdam Ó Fiaich. Thug iad dhuinn cuairt mun togalach is mu na goireasan na bhroinn, an taigh-bidhe, ionad-fiosrachaidh luchd-turais, Gailearaidh Gerard Dillon, Taigh-cluiche Shiobháin Nic Cionnaith, Seòmraichean-ealain agus Seòmraichean-teagaisg agus oifigean nam measg.

Chuir ar cuid dheasbadan cuideam air tionnsgnadh Feirste, far an tèid fearann ri taobh Abhainn Feirste a leasachadh leis a’ Chultúrlann agus le Ionad Spectrum, le caochladh mholaidhean cultarail agus dualchais. Tha an obair seo a’ gabhail cuimse ri muinntir an àite air a’ chuid as motha ach bidh e ag amas air cur ri turasachd anns an sgìre. Bha ùidh aig a’ Chultúrlann sa Chasan Ghlas agus na th’ aige de dh’fhiosrachadh air taisbeanaidhean mòra snaigheadaireachd a chur an altaibh a chèile.

Anns an fharsaingeachd, thug neart na Gaeilge, ìre nan goireasan agus soirbheachadh nan oidhirpean is nan tionnsgnaidhean aca buaidh mhòr oirnn. A bharrachd air cothrom a thoirt dhuinn an tionnsgnadh againn fhèin a thaisbeanadh, bha Cuairt-iomlaid Seall Sinn! Na fhosgladh-sùl dhuinn fhèin agus thàinig sinn às le beachdan ùra airson na h-ùine romhainn.