See Us – An tSeanBheairic

An tSean Bheairic – Ionad-tadhail an Fhàil Charraich

Turas air Iomlaid a dh’Uibhist le CeangalG

Tha an tSean Bheairic na h-ionad ri dualchas, na h-ealainean agus turasachd agus a tha stèidhichte ann am baile an Fhàil Charraich ann an Gàidhealtachd Thìr Chonaill. Ghabh triùir bhall den t-Sean Bheairic pàirt anns an turas air iomlaid a chaidh a chumail bho Dhidòmhnaich 15 Gearran gu Diardaoin 19 Gearra. B’ e an fheadhainn a shiubhail:

  • Màiri Ní Chasaide, manaidsear aig an tSean Bheairic;
  • Mìcheal MacAoidh (ball den bhòrd agus oifigear-ealain is -cultair aig an tSean Bheairic)
  • agus Claire NicRuairidh (seinneadair-còmhnaidhe aig an tSean Bheairic air tabhartas Éamoinn Ghráinne).

Chaidh Uibhist a thaghadh seach gun robh seinneadairean à Ceòlas air tadhal oirnn am-bliadhna. Fhuair sinn a-mach gun robh car an aon obair a’ dol aig Ceòlas ris an obair againn fhìn agus gun robh an coltas ann gun robh car na h-aon dùbhlain agus an aon fhiosrachadh air a bhith aca sna raointean a’ bualadh air ealain, obrachadh agus maoineachadh.

B’ e amasan an turais:

  • Ceanglaichean a chruthachadh le seinneadairean dualchasach agus le buidhnean a chuireas dualchas an àite air adhart agus rannsachadh a dhèanamh mu chothroman air co-obrachadh.
  • Rannsachadh a dhèanamh air mar a leasaich buidhnean cultarail eile ceòl is seinn anns an eilean.
  • Rannsachadh a dhèanamh air mar a dh’fhàs ionadan cultarail san eilean agus ionnsachadh bhon t-soirbheachadh is bhon deagh-chleachdadh aca agus bho na dh’fhiosraich iad.
  • Rannsachadh a dhèanamh air cothroman air co-obrachadh le buidhnean ann an Uibhist.
  • Bha Claire, an seinneadair-còmhnaidhe againn, an dòchas coinneachadh ri seinneadairean eile agus rannsachadh a dhèanamh air ionannachd ri dòighean-seinn eile a dh’fhaicinn an robh dòighean ann gus seinneadairean bhon dà dhùthaich a thoirt còmhla.

Bha lòn againn le Iain Dòmhnallach, am pìobaire. Thug e sealladh farsaing dhuinn air eachdraidh, dualchas agus sòiseo-eaconomachd an eilein. Thachair sinn ri seinneadairean a’ Chlachain agus rinn sinn frithealadh air an ullachadh aca. Thug seo cothrom do Chlaire ionnsachadh mu òrain an eilein agus dhuinn fhìn faicinn mar a dh’fhaodamaid obrachadh còmhla.

Taigh Chearsabhagh

Bha seo na bhuannachd dha-rìribh. Thug am manaidsear, Tormod MacLeòid, an neach-gleidhidh, Gayle Meikle agus an t-Oifigear-dualchais Anna NicIlip air cuairt gu math mionaideach timcheall air an ionad-ealain sinn, agus lèirsinn dha-rìribh air mar a tha an t-ionad ga ruith agus mar a tha e air a bhith soirbheachail. Seach gu bheil Taigh Chearsabhagh air thoiseach air an tSean Bheairic a thaobh leasachaidh, chaidh againn air tòrr ionnsachadh mu bheachdan, mu dheagh-chleachdadh agus mu dheagh-rianachd. Rud a bha air leth feumail ‘s e deasbad air mar a shoirbhich le Taigh Chearsabhagh leis an ionad-reic/bùth cheàrd aige (raon a tha an tSean Bheairic a’ feuchainn ri leasachadh). Dh’ionnsaich sinn cuideachd mun dòigh as fheàrr gus aonadan a lìonadh agus na seòrsaichean de chiùird is de dh’iomairtean dùthchasach a tha comasach.

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: Teisteanas Nàiseanta ann an Ealain is Dealbhadh

Chaidh cuairt mhionaideach a thoirt dhuinn mun studio agus lèirsinn mun chùrsa BA a thathar a’ tairgse ann an Uibhist. Rinn sinn deasbad mu bhith a’ cumail clasaichean ealain anns an tSean Bheairic agus thug stiùirichean a’ chùrsa comhairle phrìseil dhuinn.

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: BA ann an Ceòl ann am Beinn a’ Bhaghla

Thug rianadair a’ chùrsa Anna Wendy Stevenson cuairt mun àrainn dhuinn agus lèirsinn air mar a bhios an t-oilthigh a’ sìneadh a-mach don phoball cuideachd. Bha deis againn frithealadh air clasaichean a thug oileanaich san àrd-sgoil. A-rithist, fhuair sinn comhairle sgoinneil air mar a thathar a’ ruith clasaichean is cùrsa ciùil, na cnapan-starra a tha ann agus na dòighean gus a’ choimhearsnachd a chur an sàs ann.

Coinneamh le Ceòlas agus oidhche seinn ann an taigh ann an Uibhist

Choinnich sinn ri Mary Schmoller, manaidsear Ceòlas, agus rinn sinn deasbad air cothroman a bhith ag obair còmhla. Chuir Ceòlas oidhche seinn air an t-seann nòs air dòigh le tòrr sheinneadairean às an eilean. ‘S e oidhche sgoinneil a bh’ ann!

Ceanglaichean a tha sinn an dòchas leasachadh:

  • Am manaidsear aig an tSean Bheairic ri cumail ann an conaltradh ri Tormod MacLeòid (manaidsear Thaigh Chearsabhagh) gus comhairle fhaighinn mu leasachadh an aonaid-reic aig an tSean Bheairic agus ann an raointean eile.
  • An tSean Bheairic gus rannsachadh a dhèanamh mu iomlaid thaisbeanaidhean no òraidean.
  • An tSean Bheairic gus fiosrachadh a thoirt mu chùrsaichean oilthighe agus cothroman do dh’oileanaich (an dà chuid ealainean is ceòl) ann an Tìr Chonaill.
  • An tSean Bheairic ri cuideachadh gus fiosrachadh a thoirt mu chothroman air obair air mhuinntearas ann an Taigh Chearsabhagh.
  • Ceòlas agus an tSean Bheairic ri rannsachadh a dhèanamh mu chothroman air a bhith ag obair còmhla air tionnsgnaidhean (muinntearas air iomlaid, iomlaid/clasaichean òran air skype).