Ceangal Choimhearsnachdan

Bha coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ann an Alba is Èirinn diongmhalta is adhartach riamh agus iad cnàimh-droma na Gàidhealtachd Choitcheann agus sinn a’ feuchainn ris an comas againn a thoirt gu buil.

ceangalg-area-community

Seall Sinn – Cuairtean-iomlaid eadar Coimhearsnachdan

Is e an t-amas a th’ aig CeangalG cur ris a’ cho-obrachadh eadar buidhnean-gnìomha sna roinnean poblach sna sgìreachdan ri taobh na crìche ann an Èirinn a Tuath, ann an Èirinn agus ann an Alba, gu sònraichte gus taic a chur ri iomairtean a chleachdas Gàidhlig na h-Alba agus/no na h-Èireann.

Bhon àm ron Nollaig tha buidhnean-coimhearsnachd ann an Alba agus ann an Èirinn, tuath is deas, air a bhith gu dripeil ag ullachadh airson cuairtean-iomlaid a-null ‘s a-nall fo chùram CheangalG.

Bha clàr nan cuairtean-iomlaid air aon de na h-eileamaidean a b’ adhartaiche ann am pròiseact CheangalG anns an fharsaingeachd – agus bha de chomas aige riamh a bhith mar fhear a bheir buaidh sheasmhach seachad.

Buinidh clàr Cuairtean-iomlaid Seall Sinn ri bhith ag ionnsachadh bho eòlas càch-a-chèile – biodh sin math no dona – gus deagh chleachdadh a chur air adhart airson na Gàidhealtachd Choitcheann. Agus tha a’ soirbheachadh gu math leis. Tha suas ri 18 buidhnean an sàs agus tha mòran dhiubh air crìoch a chur air na cuairtean aca cheana agus iad ag obair air pròiseactan ri cur riutha.

Tha eisimpleirean de iomlaid thoraich seo ann ann am pailteas. Tha dà bhuidheann-coimhearsnachd às an Eilean Sgitheanach air siubhal gu Tìr Chonaill agus Beul Feirste gus ionnsachadh mu na h-oidhirpean a thathar a’ dèanamh an seo gus beatha ùr a thoirt do labhairt na Gaeilge tro iomairt ionadail agus a bhith ag obair còmhla agus shiubhail buidheann à Gaoth Dobhair gu Fèis iomraiteach nan Ceanglaichean Ceilteach ann an Glaschu san Fhaoilleach gus rudan airson fàs a thoirt air an fhèis-chiùil aca fhèin ann an Gàidhealtachd Thìr Chonaill ionnsachadh.

Faodaidh sibh leughadh mu na cuairtean seo agus mu fheadhainn eile sna duilleagan a leanas agus an luchd-pàirteachaidh a-mach air na chunnaic iad thall, air na dh’ionnsaich iad agus na tha san amharc aca gus ris na cuairtean soirbheachail aca.