CeangalG

Tha CeangalG na phròiseact a tha maoinichte leis an Aonadh Eòrpach is a chaidh a stèidheachadh airson co-obrachadh a leasachadh eadar buidhnean nan roinntean poblach ann an Èirinn a Tuath, Poblachd Èireann agus Alba, agus gu sònraichte airson taic a chumail ri gnìomhachasan a tha a’ cleachdadh Gàidhlig na h-Alba agus/no Gàidhlig na h-Èireann.

‘S e an ceann-uidhe againn gun tèid na cothroman soirbheachaidh do ghnìomhachasan a tha an sàs anns na meadhanan, ann an turasachd is obair-choimhearsnachd a shìor-leudachadh. Tha an sgioba-pròiseict ag obair air caochladh ghoireasan a leithid bùithtean-obrach, ionnsachadh air-loidhne, co-labhairtean is sgrùdaidhean airson an ceann-uidhe seo a choileanadh.

Tha sinn den bharail gu bheil deagh chothroman ann do ghnìomhachasan airson an cànan a chur gu feum mar nì air leth a chuireas ri leasachadh an gnìomhachasan airson nan daoine, a’ chànain is nan eaconamaidhean.

Cuiridh ConnectG ri seo agus e:

  • a’ brosnachadh gnìomhachais an lùib lìbhrigeadh cothroman trèanaidh is margaideachd
  • a’ cumail taic ri leasachadh is sgaoileadh cànain
  • a’ sgrùdadh is a’ beachdachadh air dè cho èifeachdach ‘s a tha am prògram againn a thaobh coileanadh nan amasan againn
  • a’ conaltradh ri luchd-ùidh, buidhnean is gnìomhachasan a thaobh chothroman, bhuannachdan is thoraidhean

Mairidh am pròiseact trì bliadhna agus tha sinn an dòchas gun tèid pròiseactan dearbhaidh airson roi-innleachd mhaireannach a stèidheachadh an lùib sin.

Na Com-pàirtichean

Buidheann-stiùiridh CheangalG

Cumaidh a’ bhuidheann-stiùiridh sùil air lìbhrigeadh a’ phròiseict agus taic is comhairle ri sgioba a’ phròiseict. Tha i air a dèanamh suas leis na com-pàirtichean agus:

Buidhnean-stiùiridh Roinneil

A bharrachd air a’ bhuidhinn-stiùiridh air a feadh, bidh trì buidhnean-stiùiridh roinneil ann a chaidh a stèidheachadh gus taic is comhairle a chur ri roinnean sònraichte. Bidh na buidhnean seo air an dèanamh suas le riochdairean bho bhuidhnean-gnìomha ri leasachadh poblach anns na meadhanan, ann an turasachd agus iomairt shòisealta.