CeangalG air ceum a ghabhail air thoiseach!

Seo agaibh a’ chiad bhidio anns an t-sreath de fhilmichean ‘SpreaG’ le CeangalG, a’ sealltainn fear mòr Gaeilge Bheul Feirste, Gearóid Ó Cairealláin, a ghlèidh Duais a’ Chonaltraidh aig Oireachtas na Gaeilge o chionn ghoirid.

Tha cur-air-bhog SpreaG a’ comharrachadh cho luath agus a tha CeangalG air leasachadh. Tha an duilleag-toisich airson an làrach-lìn adhartach SaotharlannG, pròiseact gus obair-lann chruthachail a chur air an Lìon far an coinnich luchd-ealain na h-Alba agus na h-Èireann gus obair ùr a chruthachadh is a thaisbeanadh, a-nise air-loidhne.

An ath sheachdain, thèid oideachadh Margaideachd ann an Saoghal nan Iomadh Cànan a chumail ann am Beul Feirste aig Cultúrlann McAdam Ó Fiaich Dimàirt 10 Ògmhios. Tha an cùrsa a’ tabhann cothrom dhaibhsan a tha an urra ri turasachd airson am beòshlaint, an cuid gnìomhachais a sgaoileadh ann an saoghal far a bheil dualchas is dùthchas a’ tàladh barrachd is barrachd luchd-tadhail eadar-nàiseanta.

’S e àm gu math trang a th’ ann do CheangalG an-dràsta,” thuirt stiùiriche a’ phròiseict Alasdair Moireasdan. “Tha e math fhèin a bhith a’ faicinn pròiseactan air a bheil an sgioba air a bhith ag obair a’ tighinn gu buil agus tha sinn a’ tighinn gu ìre far an tig barrachd leasachaidhean am folais.”

‘S e làrach-lìn ùr TurasG, a tha ga cur ri chèile an-dràsta le Cànan, a’ bhuidheann leasachadh-lìn anns an Eilean Sgitheanach, aonan dhiubh seo. Bheir TurasG an comas do luchd-tadhail don Ghàidhealtachd Choitchinn cuairt a ghabhail anns an roinn a tha a’ sìneadh bho thaobh siar Thìr Chonaill gu Beul Feirste agus gu tuath tro na h-Eileanan gu Rubha Robhanais.

Cuideachd a’ gluasad air adhart tha prògram-treòrachaidh CheangalG oir thathar air an luchd-treòrachaidh soirbheachail a chur an dreuchd a-nis agus thathar a’ sealltainn an-dràsta air fastadh luchd-obrachaidh ri turasachd chultarail, sna meadhanan agus ri iomairt-coimhearsnachd a bheir buannachd à teòmachd luchd-treòrachaidh CheangalG.

Thèid a’ chiad turas air iomlaid mar a tha san amharc a chumail aig Co-labhairt Chaluim Chille ann an Tìr Chonaill sna seachdainean romhainn agus thathar ag ullachadh mar-thà gus an cruinnich luchd-poileasaidh san Òban ann an Alba 12 Samhain am-bliadhna gus an ath cheum anns a’ phròiseact adhartach gus ‘Gàidhealtachd Choitcheann’ a chruthachadh a dhealbhadh.

Sna mìosan air thoiseach bidh tòrr a’ tachairt agus CeangalG a’ nochdadh nam pròiseactan againn,” thuirt Concubhar Ó Liatháín, manaidsear-margaideachd CheangalG.