Ar Sgeul ga Sgapadh – A’ Ghàidhealtachd Choitcheann Ag Cleachdadh Turasachd Chulturail gus Ar Cuid Comais a Thoirt gu Buil

Bidh luchd-solair turasachd chultarail à Alba is Èirinn a’ dèanamh air Tìr Chonaill sa Ghearran don chiad tachartas mhòr ann am pròiseact Ceangal G, co-labhairt air mar a dh’fhaodas turasachd chultarail ar cuid comas a sgaoileadh.

Is e Ar Sgeul ga Sgapadh – A’ Ghàidhealtachd Choitcheann an t-ainm a tha air co-labhairt a thèid a chumail ann an Taigh-òsta na Cùirte ann an Gaoth Dobhair 26/27 Gearran.

Aig cridhe na co-labhairt bidh cur-air-bhog Learning From The Best, rannsachadh a nochdas deich eisimpleirean de dh’iomairtean turasachd chultarail a’ soirbheachadh leotha le bhith a’ cleachdadh mhion-chànan, le ùghdar “Oir Èireannach” an t-Ollamh Fionnbharr Ó Brolcháin.

Bidh feadhainn den luchd-obrachaidh seo – a bhios a’ tighinn bho iomairtean cho fada air falbh ri Auckland ann an Sealan Nuadh agus Meagsago – an sàs ann an deasbad-pannail còmhla ri riochdairean bho bhuidhnean-turasachd leithid Fàilte Èireann, Visit Scotland agus Bòrd-turasachd Èireann a Tuath.

Bidh fòcas gu math practaigeach aig a’ cho-labhairt seo agus bidh an cothrom aig riochdairean coinneachadh ri luchd-sgrùdaidh a sgapas an cuid fiosrachaidh is eòlais gus leigeil le com-pàirtichean cur rin cuid èifeachdalachd.

Bidh a’ bhuidheann-togail, Mobileonix, a tha stèidhichte ann an Tìr Chonaill, an làthair cuideachd gus comhairle a thoirt do chom-pàirtichean na co-labhairt a thaobh mar a thogas iad an cuid goireasan fòn-sgiobalta fhèin.

“Tha e mar amas aig a’ cho-labhairt leasachadh còig bathair ùra a bhrosnachadh ron Dùbhlachd,” thuirt stiùiriche pròiseact CeangalG, Alasdair Moireasdan.

“Dh’fhaodte apps a bhith mar chuid den bhathar seo, rud air a bheil fèill mhòr a’ tighinn ann an iomadh roinn de dh’obair na turasachd. Seo cothrom do luchd-obrachaidh turasachd chultarail, gu sònraichte an fheadhainn a bhios ag obair tro mheadhan na Gàidhlig/Gaeilge, dol air thoiseach anns a’ ghnìomhachas.”