A’ Dol Chun a’ Mhargaidh

Cothrom air Cruthan agus Cur-an-làthair

Air a chur air dòigh le CeangalG le taic bho ILBF, TG4, MG Alba

25/26 Gearran 2015, Cultúrlann McAdam Ó Fiaich, Beul Feirste

Cion-fàth:

Gus a’ bhuaidh a thoirt a-mach ann am margaidhean far a bheil barrachd is barrachd de dh’fharpais, feumaidh buidhnean-riochdachaidh a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig/Gaeilge cur ris na beachdan aca mu thoradh agus cur an làthair gu h-èifeachdach do luchd-ceannachd. Barrachd is barrachd, tha de chomas aig cruthan ùra telebhisein cothrom a thoirt do bhuidhnean air ionad-margaidh na cruinne far am faod luchd-craolaidh telebhisein air feadh an t-saoghail air na molaidhean aca ri taobh luchd-farpaise air feadh na cruinne.

Thathar air an cruinneachadh seo a chur ri chèile mar thoradh air co-obrachadh agus co-chomhairleachadh leis na craoladairean MG Alba agus TG4. Chaidh a dhealbhadh gus an t-eòlas a tha a dhìth a thoirt do luchd-pàirteachaidh gus cruthan a leasachadh a dh’fhaodas iad nochdadh an uair sin ri ionadan ionadail sna meadhanan agus ri tìde ann an ionadan-margaidh cruinneil leithid MIPTV.

Tha cruinneachadh ‘A’ Dol Chun a’ Mhargaidh’ na dhà chuid air leth.

Cruthan TV le Justin Scroggie. Cultúrlann 9m gu 4f, 25 Gearran

Sa bhuidheann-obrach seo, bheir daoine buannachd à teòmachd aithnichte balach nan cruthan, Justin Scroggie, leis an t-sealladh theòma aige air leasachadh chruthan gu soirbheachail.

  • ‘Dè th’ ann an – agus nach eil ann an – cruth’
  • ‘Beachdachadh – mar a dh’fhaodar beachdan a leasachadh airson chruthan’
  • ‘A’ dèanamh deagh bheachdan nan cruthan sgoinneil’

Cothrom air cur-an-làthair, 11m, 26 Gearran, Ionad ri dhearbhadh fhathast

Bheir riochdairean bhon luchd-chraolaidh/luchd-mhaoineachaidh, TG4/BBCNI/ILBF/MG Alba, gairm air beachdan/cruthan do luchd na buidhne, a tha iad a’ sireadh gu gnìomhach. Bidh an cothrom aig gach pàirtiche an uair sin ullachadh a dhèanamh gus an cuid bheachdan a nochdadh ris a’ chraoladair iomchaidh.

Tuilleadh fiosrachaidh: Fionbar Ó Baoill, Manaidsear-trèanaidh CheangalG, fionbar@ceangalg.net