A bheil sibh ag iarraidh ‘Ceum Suas’ a ghabhail?

news-mentoring

Chan fhada gus am bi e comasach do ghnìomhachasan ùra agus do dh’iomairtean a’ tighinn am bàrr ag obair tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, Èirinn a Tuath agus sna sgìrean mun chrìch ann am Poblachd na h-Èireann cothrom a ghabhail air treòraichean teòma a bheir dhaibh an ceum suas a tha a dhìth orra gus an soirbhich leotha. 

Is e ‘Ceum Suas’, buidheann de threòraichean-gnìomhachais, an tairgse as ùire bho CheangalG, am pròiseact ga mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa gus ceanglaichean nas dlùithe ann an gnìomhachas a chruthachadh eadar sgìrean Gàidhealach na h-Alba agus na h-Èireann.

Tha pròiseact CheangalG a’ gabhail cuimse gu sònraichte ri iomairtean stèidhichte air na meadhanan, turasachd chultarail no coimhearsnachd agus tha e mar amas aige taic a chur ris na h-iomairtean seo le bhith a’ tairgse chothroman ann an trèanadh agus ann am margaideachd. Air an Lìon mar-thà tha làrach-lìn ùr a chaidh a chur air bhog o chionn ghoirid le Ministear na Gàidhealtachd ann am Poblachd na h-Èireann, Donnchadh MacFhionnlaigh, aig co-labhairt le CeangalG ann an Tìr Chonaill.

Bidh na treòraichean seo a’ tarraing air an eòlas is an teòmachd a tha aca gus comhairle fheumail a thoirt do dh’iomairtean no do ghnìomhachasan a tha ag iarraidh a bhith nas fharpaisiche fhathast ann am margadh a tha fàs nas fharpaisiche fad na tìde”, thuirt Fionbar Ó Baoill, Manaidsear-trèanaidh CheangalG.

“Co dhiubh as e comhairle a tha ann air mar a nochdas tu riochd ùr air prògram-telebhisein ri ceannaiche, bidh cothrom air an teòmachd a tha dhìth.”

“Aig co-labhairt ‘Ar Sgeul ga Sgapadh’ aig CeangalG ann an Tìr Chonaill o chionn ghoirid, thuirt Fionnbharr Ó Brolcháin, an t-ùghdarras cliùiteach air iomairt agus co-ùghdar an ‘Irish Edge’, nach robh daoine ag iarraidh dìreach ‘stuth’ a thuilleadh ach barrachd de bhrìgh. Thuirt an t-Oll. Ó Brolcháin gun robh buannachd mhòr aig buidhnean Gàidhealach ann an Alba agus Èirinn seach gum b’ urrainn dhaibh brìgh agus faireachdainn mu ùghdarras a thairgse nach b’ urrainn do dh’fheadhainn eile.”

Tha tòrr chothroman ann do bhuidhnean ag obair san roinn Ghàidhealaich”, thuirt Manaidsear-margaideachd CheangalG, Concubhar Ó Liatháin.  “Ged a bhiodh buidheann stèidhichte air eilean iomallach ann an Alba no ann an Gàidhealtachd na h-Èireann, mar thoradh air an Lìon agus air leasachadh teicneòlach eile, chan eil ionad-margaidh na cruinne ach aon bhriog air falbh agus barrachd is barrachd tha am margadh ag iarraidh na tha aig a’ Ghàidhealtachd ri thairgse, biodh e ann an Alba no ann an Èirinn.

“Is e an dùbhlan a tha ann seo a chur air shùilean don dà thaobh – an luchd-reic no luchd-solair agus an luchd-caitheimh – agus is e sin as coireach gu bheil sinn a’ cur a’ chuideim air trèanadh agus margaideachd.”

Tha CeangalG na phròiseact ga mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa, air a bheil an ceannas oilthigh na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig. Is e na prìomh chom-pàirtichean ann Údarás na Gaeltachta agus Cultúrlann McAdam Ó Fiaich Bheul Feirste.  An-uiridh fhuair e maoineachadh iomlan de €1m cha mhòr bho Interreg fo sgèith Buidheann Prògraman Sònraichte na h-Eòrpa (SEUPB).

Nochd sanasan o chionn ghoirid ann am pàipearan roinneil agus nàiseanta, ann an Alba, ann an Èirinn a Tuath agus ann am Poblachd na h-Èireann gus na treòraichean a fhastadh agus faodar an sgrìobhainn mun tairgse a luchdachadh a-nuas bho làrach-lìn Cunnraidhean Poblach na h-Alba.

Tha an oidhirp gus buidhnean agus luchd-iomairt a tha ag iarraidh threòraichean a lorg a’ dol mar-thà cuideachd. Ma tha sibh ag obair ann an turasachd, sna meadhanan no sa choimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig agus ma tha sibh ag iarraidh cothrom a ghabhail air seirbheisean treòraiche aig CeangalG, nach cuir sibh fios gu Fionbar Ó Baoill, Manaidsear-trèanaidh CheangalG, aig fionbar@ceangalg.net.

Barrachd Fiosrachaidh:  Concubhar Ó Liatháin, Manaidsear-margaideachd, CeangalG, 07718477081  concubhar@ceangalg.net.